Prògram BBC ALBA air a chomharrachadh aig Fèis Tbh Chicago
Choisinn Sùlaisgeir: An t-Sealg, prògram aithriseach BBC ALBA, Teastanais Airidheachd ann an roinn na prògraman neo-fhicsean aig an 54mh Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago.
Tha an fhèis a’ tàladh thagraidhean bho air feadh an t-saoghail, le gach roinn a’ toirt seachad diofar dhuaisean, agus chaidh Sùlaisgeir, a’ chiad phrògram Gàidhlig a-riamh a chaidh a chuir air adhart aig an fhèis, air ainmeachadh mar “obair air leth”.
Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg a riochdachadh le MacTV agus chaidh a chraoladh an toiseach air BBC ALBA air Là na Bliadhn’ Ùire, 2018. Tha am prògram a’ leantainn sealg a’ ghuga, far a bheil daoine à Nis, Eilean Leòdhais, a’ siubhail 40 mìle gu Sùlaisgeir airson an cuota de ghuga a thoirt dhachaigh. Tha aire a’ phrògraim gu h-àraid air Dods MacPhàrlain, a tha os cionn na sealg, agus e air an turas mu dheireadh aige mus leig e seachad gnothaichean dhan ath ghinealach.
Thuirt Riochdaire MacTV, Màiri Nic a’ Ghobhainn: “Tha sinn air leth toilichte Sùlaisgeir: An t- Sealg fhaicinn taobh ri taobh ri cuid de na prògraman telebhisein as fheàrr bho air feadh an t-saoghail, agus tha e dìreach iongantach gun deach aithneachadh aig an fhèis chliùiteach seo.
“Mar chompanaidh bha sinn fortanach an cothrom fhaighinn sgeulachd bhalaich Shùlaisgeir innse bhon taobh a-staigh, agus a sgaoileadh chun an t-saoghal air fad. Tha an cothrom co-obrachadh leis na coimhearsnachdan Gàidhlig agus an cuid sgeulachdan innse na bhun-stèidh air na tha sinn a’ dèanamh, agus that MacTV fìor thoilichte airson ar sgioba riochdachaidh agus airson Dods agus balaich Shùlaisgeir à Nis a cho-roinn an sgeulachd leinn ann an dòigh cho fosgailte.”
Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte gun deach sàr aithne gnìomhachais a thoirt do Shùlaisgeir: An t-Sealg agus tha sinn an dòchas gu tig tuilleadh leasachaidhean agus cothroman co-obrachaidh eadar-nàiseanta do MhacTV agus companaidhean riochdachaidh eile BBC ALBA ri linn.
“Thug am prògram seo bliadhnaichean a thighinn gu buil, nì a tha a’ dearbhadh cho dìcheallach, dealasach is cruthachail ’s a dh’fheumas ar sgiobaidhean a bhith is iad a’ dealbhadh, a’ taisbeanadh agus ag aithris mu ar cleachdaidhean dualchasach. Tha sinn moiteil à MacTV agus an sgioba air fad a bha an cois a bhith ag innse sgeulachd Sùlaisgeir: An t-Sealg”.
‘S e Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago, a thàinig a-mach à Fèis Filmichean Chicago, tachartas thairis air trì là a tha a’ comharrachadh riochdachadh telebhisein agus sanasachd telebhisein bho air feadh an t-saoghail. A thuilleadh air a bhith a’ sealltainn prògraman, a’ cumail pannalan deasbaid agus na duaisean fhèin, tha an Fhèis a’ togail air a’ cruthachalachd agus an ceàird as fheàrr ann an telebhisean.
Airson tuilleadh fiosrachadh, thèid gu: www.chicagofilmfestival.com/television-festival/