Magaidh Choineagan a’ seasamh sìos mar Chathraiche MG ALBA
Tha Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagan, air ainmeachadh gu bheil i an dùil a dreuchd a leigeil dhith bho 30 Sultain 2018.
Bidh a’ Bh-uas Choineagan, a tha air a bhith na Cathraiche airson nan sia bliadhna mu dheireadh, a’ tòiseachadh le Ofcom mar bhall den Content Board airson Alba.
Thuirt Magaidh Choineagan:
“Bho chaidh mo chuir ann an dreachd ann an 2012 tha e air a bhith na urram agus na thoileachas dhomh a bhith nam cathraiche air MG ALBA agus tha mi a’ moladh obair chruaidh mo cho-bhuill agus an luchd-obrach rè na h-ùine seo.
“’S e àm inntinneach a tha seo airson nam meadhanan air fad agus mar ball san t-sealladh airson Alba air Content Board Ofcom bidh mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri BBC ALBA a bhith a’ fàs agus a’ leasachadh sna bliadhnaichean ri thighinn”.
Thèid cathraiche ùr MG ALBA a chuir an dreuchd le Ofcom an dèidh pròiseas fastaidh. Feumaidh an cuir an-sàs aonta bho Mhinistearan Albannach.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear:
“Bu mhath leam mo thaing a thoirt do Mhagaidh airson a taic agus a ceannardas mar chathraiche MG ALBA rè a teirm leinn. Tha i air comhairle for-ghlic a thoirt seachad ann a bhith a’ stiùireadh MG ALBA tro àm de atharrachadh susbainteach.
“Tha an dèanamh sior-ghluasadach a tha air gnìomhachas nam meadhanan a’ ciallachadh gum bi atharraichean a’ leantainn gu cunbhalach, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an ath phàirt de ar slighe le misneachd stèidhichte gu ìre mhòr air na chaidh a chur an sàs rè dhreuchd Mhagaidh”.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachadh an seo mu cuir an sàs Mhagaidh Choineagan gu Content Board Ofcom.