Tha MG ALBA air an Aithisg Bhliadhnail 2024/25 aca fhoillseachadh, a’ comharrachadh bliadhna atharrachail airson craoladh Gàidhlig le na figearan airson luchd-amhairc didseatach as àirde a-riamh, sreath dràma eucoir, agus gairm ùr airson maoineachadh cothromach agus seasmhach.
Tha an aithisg bhliadhnail a’ comharrachadh An t-Eilean – dràma eucoir a chaidh fhilmeadh anns na Hearadh – mar am prògram TBh Gàidhlig as soirbheachaile a chaidh a dhèanamh a-riamh. Anns a’ bhliadhna 2024/25 a-mhàin, tharraing e 1.6 millean sealladh air BBC iPlayer, a’ dèanamh suas 20% den 8.1 millean sealladh iomlan airson susbaint Ghàidhlig – an àireamh as motha a-riamh. Tha an soirbheachas seo a’ sealltainn buaidh dràma Gàidhlig aig àrd ìre agus mar a tha e a’ còrdadh ri daoine, le An t-Eilean cuideachd a’ tàladh aire eadar-nàiseanta bho leithid The Hollywood Reporter.
Ann an clach-mhìle mhòr eadar-nàiseanta, tha MG ALBA cuideachd a’ comharrachadh buaidh An t-Eilean o chionn ghoirid aig duaisean Prix CIRCOM 2025, far an do choisinn iad an Grand Prix – an urram as àirde anns na duaisean cliùiteach telebhisean Eòrpach.
“B’ e bliadhna de dh’àrd-amas cruthachail agus cruth-atharrachadh didseatach a bha seo,” thuirt Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan. “Le gach £1 a chaidh a thasgadh, tharraing sinn £3 a bharrachd ann am maoineachadh. Ach gus an spionnadh seo a chumail suas agus gus luchd-labhairt Gàidhlig nas òige, didseatach an-toiseach, a ruighinn, tha feum èiginneach againn air buidseat reusanta san fhad-ùine.”
Prìomh nithean:
- Àrdachadh maoineachaidh de £1.8m bho Riaghaltas na h-Alba – ach airson aon bhliadhna a-mhàin
- Còrr is 10 millean sealladh susbaint air SpeakGaelic
- Còrr is 100 tagradh òigridh aig FilmG airson an dàrna bliadhna an dèidh a chèile
- Fhuair An t-Eilean, Clò Beag Chirsty Bella agus Mathan Leis an Ainm Wojtek aithneachadh eadar-nàiseanta
- Taic do còrr is 340 obair, còrr is leth dhiubh air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
A dh’aindeoin nan coileanaidhean seo, tha an aithisg a’ toirt rabhadh gu bheil prìomh bhuidseat bliadhnail MG ALBA mu £10m nas ìsle na bu chòir dha a bhith, nam biodh e air a chumail a rèir atmhorachd – a’ cur cruthachadh susbaint san àm ri teachd agus ùr-ghnàthachadh didseatach ann an cunnart mòr. Tha tasgadh leantainneach riatanach gus dèanamh cinnteach gum faod meadhanan Gàidhlig soirbheachadh ann an àrainneachd a tha a’ sìor fhàs farpaiseach agus àrainneachd didseatach an-toiseach – agus tha Cùmhnant Fàis Gàidhlig sònraichte a-nis deatamach gus àm ri teachd na roinne a dhèanamh tèarainte.