Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Cèilidh Oidhche Challainn ann am Baile Ghobhainn

21 Dùbhlachd 2018

Bithidh rionnagan BBC ALBA, an dithis Dhòmhnallach Cathie Bhàn agus Niall Iain, a’ cur fàilte chridheil air a’ Bhliadhn’ Ùir, an dèidh dhaibh a ràdh cò an fheadhainn chliùiteach a nochdas fo bhratach an t-seanail aig Cèilidh Oidhche Challainn is na Bliadhn’ Ùire.

Cumar an tachartas seo ann am Baile Ghobhainn, aig fìor thoiseach bliadhna a bhios gealltanach do Ghaidheil Ghlaschu.

Anns a’ bhliadhna 2019 bidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a’ chiad sgoil a chleachd Gàidhlig gu h-iomlan, 20 bliadhna dh’aois, agus a thuilleadh air sin bidh an sgoil Ghàidhlig as ùire an Glaschu a’ fosgladh ann am Baile Ghobhainn fhèin. Bidh 90 bliadhna o stèidhicheadh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, agus ann an 2018 ràinig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu 125 bliadhna dh’aois. Bidh an dà chòisir a’ seinn aig a’ chèilidh.

Am measg na bhios an làthair bidh iomadh seinneadair is còmhlan, le beagan fealla-dhà an siud ’s an seo cuideachd.

Air ùr-thilleadh bho bhith air The Late Late Show le James Corden, bidh an seinneadair ainmeil Colin Macleod, a choisinn cliù aig an taigh agus thall thairis, a’ seinn agus a’ cluich ceòl on chiad chlàr aige, Bloodlines.

Bidh seinneadair Kim Carnie, a bha na bean an taighe aig Duaisean Tradaiseanta MG ALBA, a’ seinn an cuideachd Glenfinnan Ceilidh Band, fo stiùir Ingrid NicEanraig, i fhèin na Stiùiriche Ciùil aig a’ phrògram.

Bidh seinn bheò ann o Chaitlin NicAonghais agus Sìneag Nic an t-Saoir (on chòmhlan Urban Teuchters) agus pìobaireachd on cheathrar Seudan (sin Calum MacCruimein, Aonghas MacCoinnich, Fin Moore agus Aonghas MacNeacail).

A thuilleadh orrasan, bidh seinneadair cliùiteach san t-seann nòs Murchadh ‘Wasp’ Dòmhnallach agus Hò-rò, còmhlan de dh’iomadh ionnstramaid, a’ nochdadh air an àrd-làr.

O chionn gun do thachair tubaist sgriosail na h-Iolaire 100 bliadhna roimhe, comharraichidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu sin tràth sa mhadainn gu tiamhaidh mar as còir. Bha HMY Iolaire air chuairt, a’ toirt luchd-seirbhis dhachaidh on Chogadh Mhòr, nuair a bhuail i Biastan Thuilm faisg air Steòrnabhagh, Leòdhas, tràth sa mhadainn air Latha na Bliadhn’ Ùire 1919. Chaidh i fodha dìreach 20 slat on tìr, agus b’ droch bhuille do dh’iomadh coimhearsnachd ann an Leòdhas is na Hearadh nuair a chailleadh 201 fir.

This year’s event is to be broadcast live from 11:30pm on BBC ALBA, with worldwide audiences able to view via the BBC ALBA website – bbc.co.uk/alba

Bidh am prògram a’ comharrachadh Latha Stad na h-Armachd, agus pìobaire Andy Cant às Arcaibh a’ seinn air a’ phìob ceòl a chruthaich e fhèin, In Remembrance. Chluich Andy sin aig Cathair-Eaglais an Naoimh Mànas ann am Baile na h-Eaglaise mar chuimhneachan air Blàr Jutland agus aig Cathair-Eaglais Ghlaschu mar chomharra air deireadh a’ Chogaidh Mhòir.

Tha eachdraidh air leth aig Talla Sean Bhaile Ghobhainn; coltach ri Aitreabh nan Gaidheal, ’s iomadh Gaidheal ann an Glaschu a bha air a tharraing do dhannsaichean an seo. Dh’fhaodadh gun toir an talla cuimhne no dhà air ais do chuid nar latha fhìn.

Thèid an tachartas seo a chraoladh beò bho 11.30 feasgar air BBC ALBA, agus faodaidh sluagh air feadh an t-saoghail coimhead air a’ phrògram air làrach-lìn BhBC ALBA – bbc.co.uk/alba