Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Thig còmhla ri BBC ALBA airson na Nollaige

28 Samhain 2024

BBC ALBA a’ foillseachadh clàr sgoinneil na Nollaige

Tha BBC ALBA an-diugh (27 Samhain 2024) air clàr na Nollaige fhoillseachadh, le sgeulachdan pearsanta brosnachail agus an ceòl traidiseanta as fheàrr bhon bhliadhna a dh’fhalbh.

Bidh cùisean a’ tòiseachadh a’ fàs beòthail air BBC ALBA thràth san Dùbhlachd, a’ leantainn tron a’ mhìos fìor thrang chun na Bliadhn’ Ùire, le measgachadh tarraingeach de phrògraman ùra a bheir gal is gàire air an luchd-amhairc.

Le pailteas phearsachan ainmeil leithid Kathleen NicAonghais, Cathy NicDhòmhnaill agus Pàdruig MacCuidhein, cha bhi dad eile a dhìth air an luchd-amhairc ach seatlaigeadh le clàr na Nollaige air BBC ALBA.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Tha clàr sònraichte againn airson àm na Nollaige, le stuth airson gach aois is ùidh agus a’ taisbeanadh a’ chuid as fheàrr de phrògraman Gàidhlig airson luchd-amhairc ann an Alba agus an còrr den dùthaich.

“Tha treatan na Nollaige am pailteas gu bhith againn le prògraman aithrisean is cur-seachad, na cuirmean is tachartasan ciùil as fheàrr tron bhliadhna, agus Cèilidh mòr na Bliadhn’ Ùire, gheibh sibh an taghadh as fhèarr air an TBh air BBC ALBA.”

A’ faighinn na Nollaige gu dol air BBC ALBA, bidh an dealbhaiche  Erica Nic a’ Phearsain a’ toirt luchd-amhairc air turas cruthachaidh ann an Rùm gu Rùm na Nollaig (4 Dùbhlachd, 9f). Bidh Erica a’ sireadh bheachdan cruthachail gus tiodhlacan Nollaige shìmplidh a sgeadachadh agus a’ coinneachadh ri luchd-ciùird eile gus molaidhean snasail fhaighinn airson rudan eireachdail airson craobh na Nollaige agus am bòrd-bidh a chruthachadh.

Thèid am pàrtaidh a chuir air a chasan ann an da-rìribh le Hoolie 2024 (8 Dùbhlachd, 9f), an oidhche as motha de cheòl traidiseanta ann an Alba a bhios a’ comharrachadh 100 bliadhna de cheòl Albannach, le rionnagan bho na còmhlain as soirbheachail san dùthaich.  Bidh Capercaillie, Skerryvore, Mànran, RURA is Talisk a’ comharrachadh linn de cheòl traidiseanta na h-Alba, le cruinneachadh de shàr-luchd-ciùil eile.

Leis an Nollaig a’ teannadh dlùth, tha Abigail NicÌomhair a’ cruthachadh 12 rudan blasta àlainn ann an sreath de phrògraman goirid ùra a bhios air BBC iPlayer a-mhàin. Seallaidh Nollaig Abigail dhuinn mar a nì sinn 12 mìrean Nollaige, bho bhriosgaidean milis gu deochan na fèille. Bidh an 12 iris uile rim faighinn air 1 Dùbhlachd.

Dha duine sam bith a tha a’ strì a’ cur rudan ri chèile air an Oidhche ron Nollaige, bidh Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) (24 Dùbhlachd, 8:30f) a’ tabhann faochadh agus gàireachdainn gu leòr le iris shònraichte na Nollaige le luchd-ciùil traidiseanta Albannach a’ strì gus buannachadh prìomh dhuais Dùbhlain DIY.

Cuideachd air an Oidhche ron Nollaige tha am prògram Dàna | Europe’s Wild Side (24 Dùbhlachd, 9f), a’ taisbeanadh mar a chaidh na sreapan iongantach a rinn iad air feadh na Roinn Eòrpa a ghlacadh air camara.

Faodaidh luchd-amhairc nas òige a thighinn còmhla ri Linda NicLeòid air an Fheasgar ron Nollaige agus i a’ leughadh sgeulachd Paddington – Am Mathan à Peru ann an cuideachd sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Calton (24 Dùbhlachd, 5:05f). Agus air an latha mòr fhèin bidh Linda a’ leughadh Paddington agus an Nollaig (25 Dùbhlachd, 5.05f) le sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

Bidh Dà Sgadan, film goirid air a stiùireadh le fear de na filmeadairean òga as fheàrr ann an Alba, Parker Dawes, air aig 6f air Latha na Nollaige. ‘S e an dràma cloinne seo a’ chiad choimisean mòr airson Parker a tha air ioma duais FilmG a bhuannachadh.  Tha an sgeulachd a’ leantainn Polly agus a piuthar bheag Peigi, agus an dàimh aca ann an cunnart nuair a nochdas gràisg ionadail.

Anns a‘ phrògram mu dheireadh de Cù Leis Thu? A Puppy for Pàdruig (25 Dùbhlachd, 8:30f) tha Pàdruig a‘ faighinn a-mach mu na buannachdan a tha an cois a bhith a’ toirt dachaigh do chù teasairginn. Agus às dèidh dha siubhal air feadh Alba ag ionnsachadh mu dhiofar briodan coin tha  Pàdraig a‘ faighinn tiodhlac Nollaig air leth.

Thairis air sia sreathan de Dealbhan Fraoich tha Fraoch Nic an Deòir air deilbh a tharraing ann am peant agus ann am facail de mhòran dhaoine inntinneach às gach ceàrnaidh. Ach a-nis an t-àm ann dealbh fhaighinn de Fhraoch fhèin. Sa phrògram sònraichte seo – Dealbh Fraoich – A Portrait of Heather chithear triùir luchd-ealain ag obair le diofar stuthan gus     a h-ìomhaigh a chruthachadh fhad ’s a tha iad a’ còmhradh mu a beatha is a h-obair. Aig a cheann thall, tha Fraoch a’ faicinn nam pìosan ealain chrìochnaichte – saoil dè a beachd orra?

Air an là às dèidh na Nollaig, coinnichidh sinn ris An Dr Euan Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach ann an DR NZ (26 Dùbhlachd, 9f).  Tha Dr Euan air siubhal gu ospadal Rotorua, ann an Sealainn Nuadh, gus obrachadh am measg aon de na sluaghan Māori as motha san dùthaich. Chi sinn mar a thèid le Euan fhad ’s a dh’ionnsaicheas e barrachd mu cànan, cultar agus cùram-slàinte nam Māori, agus a’ coinneachadh ri Gàidheil eile a tha air an dachaigh a dhèanamh san dùthaich.

Tha Sweeny, air a bhith a’ leantainn ‘Westerns’ bho riamh, agus a-nis tha e a’ faighinn cothrom a dhol air turas à Nis chun an Taoibh Shiair a dh’ionnsachadh mu na Gàidheil a chuir cumadh air Taobh Siar nan Stàitean ann an Wild West Sweeny (30 Dùbhlachd, 9f). Seo a’ chiad turas aig Sweeny anns na Stàitean agus tha e a’ cur eòlas air eich is eachdraidh, rainsean agus rodeo-an na dùthcha.

Tòisichidh prògraman Oidhche Chalainn le Faodail – Found Film (31 Dùbhlachd, bho 8.30f).  Tha am prògram a’ taisbeanadh filmichean dhùthchasach clàraichte ann an Innse Gall eadar na 1930an is na 80an, agus a tha a-nis taisgte do ghinealaichean ri teachd.

Mus tig a’ Bhliadhna ùr a-steach, tha prògram luaidh sònraichte do Fergie Dòmhnallach, a’ dol a-mach.  Aithnichte airson stoidhle ciùil sònraichte air a’ bhogsa agus airson a phearsa èibhinn, lìon e tallaichean dannsa air feadh Alba thar 60 bliadhna. Tha caraidean, a theaghlach agus luchd-ciùil eile a’ toirt seachad an cuimhneachain air Fergie, The Cèilidh King (31 Dùbhlachd, 9.30f).

Airson pàrtaidh Oidhche Challainn a chuir air a chasan tha Skipinnish aig a’ Chaisteal (31 Dùbhlachd, bho 10.30f). Chi luchd-leantainn criomagan nach fhacas roimhe den chuirm-chiùil airson an 25mh ceann-bliadhna aig a’ chòmhlan aig Caisteal Dhùn Èideinn.  Agus airson an dannsa a thòiseachadh dè a b’ fheàrr na, Walking on the Waves, Alive agus The Island.

Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach air BBC ALBA (31 Dùbhlachd, bho 11.30f) a’ toirt a-steach na Bliadhn’ Ùire bho Ionad Coimhearsnachd is Ealain Inbhir Narainn. Bidh Mànran a’ stiùireadh cuirm na h-oidhche còmhla ris an teaghlach Mac a’ Mhaoilein, Seonaidh Beag, Calum Ailig agus Alice.  Bidh còmhlan de luchd-ciùil ainmeil fo stiùir Ingrid NicEanraig a’ cumail ceòl den inbhe as àirde riuthasan san talla agus an luchd-coimhid is èisteachd aig an taigh.   Thèid an cèilidh a craoladh beò air BBC ALBA agus air feadh an t-saoghail air-loidhne agus air Radio nan Gàidheal.

Tha BBC ALBA a’ tòiseachadh 2025 le prògram aithriseach mu tè de na seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche ann an Alba, Kathleen NicAonghais (1 Faoilleach, 9f). Tha am film a’ toirt sùil air a’ cheòl is cleasachd sònraichte aig Kathleen, agus a’ leantainn a sgeulachd beatha bho a h-òige ann an Uibhist a Deas, gu bhith a’ cluich còmhla ri Daibhidh Tennant anns an dealbh chluich MacBheatha san West End ann an Lunnainn. Loma làn neamhnaidean còmhraidh is ciùil prìseil cha ghabhadh na b’ fheàrr na am prògram aithriseach seo air Latha na Bliadhn’ Ùire.

Coimhead ri BBC ALBA agus BBC iPlayer thairis air àm na Nollaige. Coimhead beò no as dèidh làimh: https://www.bbc.co.uk/tv/bbcalba