Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA AGUS BBC SCOTLAND A’ CUR LUACH £800K ANN AN CO-MHAOINEACHADH AIRSON SUSBAINT DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG

12 Samhain 2024

Tha BBC Scotland agus BBC ALBA gu bhith ag obair còmhla ann an dòigh ùr inntinneach gus susbaint Gàidhlig a nochdas gu didseatach an toiseachd, a mhaoineachadh.

Tha an dòigh co-choimiseanadh seo, nach do thachair a-riamh roimhe, a’ gealltainn £800k thairis air dà bhliadhna – air a mhaoineachadh le MG ALBA agus am BBC – agus tha e ag amas air pròiseactan a chomharrachadh agus a leasachadh a bhios a’ freagairt air luchd-amhairc an Alba air fad agus a’ sùileachadh leasachadh tàlant air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h- Eileanan.

Thathas a’ brosnachadh riochdairean beachdan bho ghnèithean sònraichte a chur a-steach le cuideam làidir air susbaint Gàidhlig a tha a’ nochdadh cultar, sgilean agus tàlant roinn chruthachail na Gàidhealtachd is nan Eilean, an dà chuid air agus far-sgrion.

Bidh a’ chiad chothrom riochdachaidh airson dràma ùr ann an cruth goirid a bhios ag amas air luchd-amhairc nas òige air làraich didseatach. A’ togail air na dràmathan goirid soirbheachail aig BBC Scotland, Float agus Dog Days, bu chòir dha na beachdan dràma didseatach a bhith mar sreath de dh’irisean goirid de mu dheich mionaidean a dh’fhaid ag amas gu sònraichte air BBC iPlayer agus seanail YouTube BBC ALBA.

Às dèidh ùine leasachaidh, bithear ag amas gum bi na pròiseactan soirbheachail air an riochdachadh ann an 2025 le cothroman eile airson beachdan aithriseach is cuir seachad nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Tha MG ALBA air leth toilichte a bhith ann com-pàirteachas leis a’ BhBC air an iomairt ùr, inntinneach seo gus susbaint didseatach Gàidhlig a lìbhrigeadh air ùrlaran agus sheanailean BBC ALBA agus BBC Scotland. Tha e riatanach gu bheil sinn a’ dèanamh a h-uile oidhirp gus ùidh an luchd-amhairc a ghlèidheadh aig gach ìre fhad ’s a tha sinn ag adhartachadh ar cànan agus a’ tabhann chothroman do thàlant ùr, agus tàlant a tha nas stèidhichte, bhon a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, aig nach eil an-còmhnaidh na h-aon chothroman leasachaidh agus riochdachaidh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an soirbheachas a bh’ aig BBC Scotland roimhe le dràmathan goirid ann an riochd didseatach.”

Thuirt Louise Thornton, Ceannard Coimiseanaidh aig BBC Scotland: “Tha mi pròiseil a thaobh obair dearbhaichte BBC Scotland ann a bhith a’ leasachadh agus a’ buileachadh susbaint ghoirid a th’ air duaisean a bhuannachadh agus air a bheil an luchd-amhairc measail, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri sin a leasachadh tron chom-pàirteachas seo le MG ALBA. Tha a bhith a’ cur taic ri sgeulachdan à Alba bunaiteach do dh’obair a’ BhBC agus tha an iomairt seo na fhìor dheagh eisimpleir den sin. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri faicinn na beachdan a thig a-steach thugainn.”

Tha a’ chuairt Coimiseanaidh a-nis fosgailte agus bu chòir do bheachdan a bhith air an cuir a-steach gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk ro 6 Faoilleach 2025.

Ged a tha cuireadh ro chompanaidhean riochdachaidh Albannach beachdan a chuir a-steach, tha e riatanach sealltainn mar a chuireas pròiseactan ri leasachadh tàlant agus riochdachadh air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Bithear a’ toirt prìomhachas do mholaidhean anns a bheil dhà no barrachd de na h-eileamaidean a leanas – sgeulachdan, àiteachan, riochdachadh, no companaidhean stèidhichte – air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Gheibhear fiosrachaidh a bharrachd san fharsaingeachd agus mu slatan-tomhais aig:

https://www.bbc.co.uk/aboutthebbc/scotland/commissioning/gaelic/.