Bheir BBC ALBA cuid den luchd-ciùil traidiseanta as aithnichte còmhla ann an àite gu tur ùr gus Oidhche Challainn a chomharrachadh aig a’ chèilidh as fheàrr den bhliadhna, Cèilidh na Bliadhn’ Ùire.
Chaidh an còmhlan cliùiteach, Mànran, a thuilleadh air ceòladairean traidiseanta aithnichte leithid Alice Nic a’ Mhaoilein, a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain, ainmeachadh am measg na bhios a’ gabhail pàirt ann an cèilidh na bliadhna seo, a thèid a chraoladh airson a’ chiad turas bho Ionad Coimhearsnachd agus Ealain Inbhir Narann.
Thèid Cèilidh na Bliadhn’ Ùire a chraoladh beò air BBC ALBA, air Radio nan Gàidheal agus air feadh an t-saoghail, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach aig an stiùir.
Ma tha sibh airson a bhith an làthair aig a hòro-gheallaidh, tha beagan thiocaidean ri fhaotainn air làrach-lìn BBC’s Shows and Tours.
Thuirt Iain Macleòid, àrd-riochdaire a’ phrògraim: “Tha an tachartas as motha den bhliadhna aig BBC ALBA air ais le taghadh iongantach de luchd-ciùil traidiseanta Albannach agus tàlant ionadail a chuireas fàilte bhlàth air 2025. Bidh ceòl agus òrain am pailteas, agus plòigh gu leòr aig Cathy agus Niall Iain airson Oidhche Challainn.
“Mar luchd-taic dealasach de dh’òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta, tha fadachd air BBC ALBA tàlant ùra leithid Alice Nic a’ Mhaoilein, an sàr sheinneadair à Uibhist a Deas, Màiri Nic Ille Mhaoil, agus ceòladairean ainmeil leithid Mànran a thaisbeanadh air oidhche bheothail, shòlasach do luchd-èisteachd ‘s luchd-amhairc air Oidhche Challainn.
An dèidh soirbheachas a’ chlàr shingilte ùr Standing Still, agus sreath de chuirmean beò air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus na Roinn Eòrpa, ‘s iad Mànran a’ phrìomh chòmhlan aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire, agus cliuchidh iad cuid de na fuinn as eòlaich air a bheil sinn agus de na h-òrain as fheàrr aca.
A’ toirt taic dhan chòmhlan, bidh buill de theaghlach chliùiteach Mhic a’ Mhaoilein, seinneadairean Gàidhlig à Eilean Leòdhais: Seonaidh ‘Beag’ Mac a’ Mhaoilein, Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein agus Alice Nic a’ Mhaoilein, a’ riochdachadh trì ginealaichean den teaghlach. Choisinn am ball as òige, Alice, bonn òir nam ban aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair.
Bidh an stiùiriche ciùil tàlantach Ingrid NicEanraig, a’ stiùireadh còmhlan-taighe de shàr-cheòladairean traidiseanta na h-Alba: Anna Massie, Sìleas Nic na Ceàrdaich, Aonghas MacNeacail agus Megan NicEanraig, agus bidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann cuideachd an làthair.
Thuirt an seinneadair Gàidhlig, Alice Nic a’ Mhaoilein: “Se urram a th’ann pàirt a ghabhail ann an Cèilidh na Bliadhn’ Ùire. Tha mi a’ gabhail fadachd ris a Bhliadhn’ Ùr a thoirt a-steach ann an Inbhir Narann agus a bhith a’ seinn còmhla ri dithis a tha air buaidh cho mòr a thoirt air mo beatha-ciùil – mo sheanair agus m’ uncail Calum.”
Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire ri fhaicinn beò air BBC ALBA, BBC iPlayer agus beò air bbc.co.uk/alba air feadh an t-shaoghail, Dimàirt 31 Dùbhlachd bho 11.30f. Tha beagan thiocaidean a-nis ri fhaotainn aig
https://www.bbc.co.uk/showsandtours/shows/ceilidh-na-bliadhn-uire