Tha aon às gach 100 bàs air feadh an t-saoghail ceangailte ri daoine a’ cur làmh nam beatha fhèin. Ann an Alba, tha sin a’ gabhail a-steach còrr air 700 neach sa bhliadhna agus tha trì chairteal dhiubh sin nam fir.
Thèid prògram aithriseach ùr BBC ALBA Trusadh, Big Boys Don’t Cry, a chraoladh ann an Seachdain Nàiseanta Mothachaidh a’ cur làmh nam beatha fhèin air Diluain 9 Sultain aig 9f le Derek ‘Pluto’ Moireach a’ coinneachadh ri daoine air an tug trioblaidean slàinte inntinn agus a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin buaidh.
Tha an t-Ollamh Rory O’Connor bho Oilthigh Ghlaschu na Àrd-ollamh air Eòlas-inntinn Slàinte agus na Stiùiriche air an ‘Suicidal Behaviour Research Laboratory’, agus tha e os cionn rannsachadh air a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin agus fèin-chron. A’ bruidhinn mun taic a tha ri fhaotainn, tha an t-Ollamh O’Connor ag ràdh: “Rinn sinn beagan obrach o chionn ghoirid a’ feuchainn ri làmh a chur nam beatha fhèin a-measg fir a thuigsinn gu sònraichte agus b’ e aon de na teachdaireachdan a thàinig air ais uair is uair a-rithist nach eil na seirbheisean agus an taic a tha ann freagarrach dhaibh. Tha am modail traidiseanta a th’ againn an dùil gun tèid fir gu seirbheisean clionaigeach; Uill, is dòcha gun obraich sin dha cuid de dhaoine, ach dè mu dheidhinn a dhol gu àiteachan far am bi fir? Carson nach tèid sinn gu àiteachan mar clubaichean ball-coise, clubaichean rugbaidh, an club iomain, ge bith dè a th’ ann, agus sin a chleachdadh mar dhòighean taic.”
Tha seo gu sònraichte cudromach ann an suidheachaidhean dùthchail. Tha an t-Ollamh O’Connor ag radh: “Tha sinn a’ feuchainn ri ciall a dhèanamh mu carson a tha ìrean de fhireannaich a’ cur làmh nam beatha fhèin gu sònraichte àrd an sin. Tha pàirt dheth sin co-cheangailte ris a’ chothrom a th’ aca air seirbheisean, agus tha pàirt dhen sin co-cheangailte ri feadhainn a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail agus coltas ann gum bi thu buileach aonranach gu sòisealta. Tha am beachd seo ann cuideachd a bhios daoine a’ bruidhinn air a bhith ‘a’ fuireach ann am bobhla èisg’, nach eil thu cho dualtach bruidhinn mu na faireachdainnean agad, no ma tha duilgheadasan a’ dol nad bheatha leis gu bheil dragh ort mu na bhios do nàbaidhean no do charaidean a’ smaoineachadh.
“’S e comharra air neart a th’ ann a bhith a’ faighneachd airson taic, chan e comharra air laigse a th’ ann idir, agus mar sin feumaidh sinn sin a dhèanamh soilleir dhan òigridh. Ach feumaidh sinn cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean agus an taic a tha ri fhaighinn air an dèanamh freagarrach dha na fir sin.”
Tha Pàdraig Mullery bhon ‘James Support Group’ a’ mìneachadh: “Bidh sinn a’ tabhann taic – coinneamhan mìosail ann an diofar àiteachan. Tha deich ann, bho Inbhir Theòrsa sìos chun a’ Ghearasdain, a-null gu Eilginn, Inbhir Nis agus tòrr àiteachan eatarra. ’S e cruinneachadh a th’ ann a tha gu sònraichte dhaibhsan a tha air daoine a chall ri linn làmh a chur nam beatha fhèin ach cuideachd airson daoine aig a bheil smuaintean co-cheangailte ris. Bheir sinn an dà sheòrsa còmhla airson taic agus tuigse dha chèile – thathar an dòchas gum faic daoine aig a bheil smuaintean mu bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin an sgrios a tha air fhàgail às dèidh làimh agus an dòchas stad a chur orra agus ceumannan eile a ghabhail. Gus toirt orra fuireach còmhla rinn agus tuigsinn gu bheil gaol aig daoine orra agus gum biodh iad gan ionndrainn.
“Tha faireachdainnean againn uile agus feumaidh sinn an stiogma mu dhroch shlàinte inntinn agus làmh a chur nam beatha fhèin a bhriseadh. Faodaidh balaich caoineadh agus is e sin an rud as fheàrr dèanamh dhut fhèin, ma tha thu ann an droch àite, bruidhinn mu dheidhinn. Gu mì-fhortanach, tha a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin na fhuasgladh maireannach air duilgheadas sa gheàrr-ùine.”
Ann an Glaschu thadhal Derek air a’ charthannas ‘Men Matter Scotland’ a tha stèidhichte ann an Druim a’ Chaibeil gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na dòighean-obrach aca a thaobh a bhith a’ tabhann taic agus mar a tha iad air àite sàbhailte a chruthachadh dha fir. Bho ruigsinneachd air na sràidean gu na goireasan a tha rim faighinn aig an ionad fàilteachail, tha an sgioba an dòchas modal fèin-sheasmhach agus tèarainte a thogail a ghabhas a roinn le àiteachan eile an Alba.
Thuirt Iar-chathraiche a charthannais D I MacIlleDhuinn: “ Se an rud as cudromaiche gum bruidhinn daoine. Mura tòisich daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn seo, bidh e falaichte agus bàsachaidh barrachd fhir le bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin. Chanainn gum feum daoine a bhith fosgailte.”
Thuirt an t-Ollamh O’Connor: “Gu mì-fhortanach tha daoine fhathast a’ creidsinn ma dh’fhaighnicheas tu do chuideigin mu bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin, no ma bhruidhneas tu mu dheidhinn, gum bi thu nas dualtaiche gun cuir thu a bheachd ann an ceann cuideigin. Chan eil fianais sam bith ann airson sin. Gu dearbh, tha an fhianais a’ dol an-aghaidh sin- ’s e gnothaich a h-uile duine tha seo – agus tha mi a’ ciallachadh sin ann an dha-rìribh.
“Tha àite againn uile ann a bhith a’ casg dhaoine bho a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin. Rud sam bith as urrainn dhuinn a dhèanamh, ge bith dè cho mòr no cho beag – teachdaireachd WhatsApp, teachdaireachd teacsa, fòn a chur gu cuideigin – rud sam bith a ruigeas cuideigin a dh’fhaodadh a bhith a’ fulang, dh’fhaodadh e bhith gum b’ urrainn dhan a’ cheangal sin beatha a shàbhaladh. Bhithinn a’ brosnachadh a h-uile duine, ma tha dragh ort mu neach a tha faisg ort, caraid, co-obraiche, feuch an cuir thu fios thuca… Dh’fhaodadh sin beatha a shàbhaladh.”
Air a chlàradh agus air a riochdachadh le MacTV a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Big Boys Don’t Cry a’ nochdadh airson a’ chiad uair air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Diluain 9 Sultain aig 9f. Coimhead beò no aig àm eile: https://www.bbc.co.uk/programmes/m0022vyn