Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Neach-ealain ùr na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air farpais tàlant a bhuannachadh airson prìomh àrd-ùrlar Bhelladrum a’ chluich 

19 Iuchar 2024

Chaidh Camshron Fearghasdan ainmeachadh mar neach-fosglaidh fèis Bhelladrum Tartan Heart na bliadhna-sa, às deidh dha farpais tàlant a bhuannachadh a chaidh a chuir air dòigh ann an co-bhonn le BBC ALBA. 

Thàinig BBC ALBA agus Fèis Chiùil Belladrum còmhla gus cuid den tàlant ciùil as fheàrr ann an Alba a lorg air a’ mhìos sa chaidh, le luchd-ealain bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cur a-steach iarrtas leis an obair as fheàrr aca gus slot a bhuannachadh air prìomh àrd-ùrlar Bhelladrum. Às deidh pròiseas breithneachaidh teann gus an gearr-liosta de thàlant ùr a lùghdachadh gu chòignear, chaidh an neach-ciùil is sgrìobhadair a rugadh ann am Baile Dhubhthaich, Camshron Fearghasdan, a thaghadh tro bhòt poblach airson an fhèis fhosgladh san 20mh ceann-bliadhna aice. 

Bho dheireadh 2022, tha Camshron (19) a tha stèidhichte ann an Arabella agus an còmhlan aige – Camshron Hill (19) a tha stèidhichte ann an Glaschu, Calum MacDhonnchaidh (19 à Lannraig), Jamie MacAoidh (26) a tha stèidhichte ann an Alanais agus Dàibhidh Bromham (19), a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis – air a’ thighinn a-steach do shaoghal ciùil na h-Alba le brag, an dèidh dhaibh cluich air àrd-ùrlaran cliùiteach, leithid King Tuts ann an Glaschu. Gus crìoch a chuir air 2023, thug Camshron Fearghasdan taic do rionnagan Ghlaschu Declan Welsh and the Decadent West às deidh an cuirm-chiùil Barrowlands aca, nuair a reic iad na tiocaidean air fad.  

A’ comharrachadh 20 bliadhna de Belladrum – agus an taic maireannach a tha i air cumail ri luchd-ciùil Albannach – tha am farpais a’ toirt spiorad na fèise teaghlaich beò, le na tàlantan ‘homegrown in the Highlands and Islands’ as fheàrr a-nis a’ faighinn cothrom am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh Diardaoin 25 Iuchar, a’ fosgladh deireadh-seachdain làn ciùil is ealain beò. 

Mar phàirt den fhèis bhliadhnail tha sàr luchd-ciùil, luchd-comadaidh, cabaret, facal labhairteach, dannsa, drag is carachd, le Camshron a-nis gu bhith air an àrd-ùrlar le rionnagan leithid Deacon Blue, Seumas Arthur, Twin Atlantic agus Sugababes.

Thuirt Camshron Fearghasdan: “Tha ar cridheachan làn leis na tha sinn air fhaighinn de thaic ri linn na bhòt poblach. Tha e air iongnadh mhòr a chur oirnn. Gaol mòr dhan a h-uile duine a thug bhòt dhuinn, cha bhiodh e air a bhith comasach às ur n-aonais. Cuideachd, taing mhòr dha BBC ALBA agus sgioba Belladrum airson an cothrom. Mar neach-ciùil às a’ Ghàidhealtachd, tha mi a’ faireachdainn uabhasach moiteil a bhith a’ fosgladh Àrd-ùrlar Hot House am bliadhna.  

“Tha mi-fhìn ‘s an còmhlan air bhioran agus chan urrainn dhomh feitheamh gus roc ‘n’ roll dùthchasach bhon Ghàidhealtachd a thaisbeanadh.” 

Bidh cothrom aig Camshron cuideachd seataichean acoustic a chluich ann an stiùidio BBC ALBA a bhios ri fhaicinn air BBC iPlayer mar phàirt de chraoladh na fèise. 

Thuirt Calum McConnell, Ceannard Coimiseanaidh BBC ALBA: “Tha an còmhnaidh ùidh againn ann an tàlant ùr ionadail agus mar sin tha e math cothrom a bhith againn an stoidhle sònraichte de cheòl roc aig Cameron a thaisbeanadh air prìomh àrd-ùrlar Fèis Tartan Heart Belladrum – gu h-àraidh leis an Fhèis a’ comharrachadh 20 bliadhna.  

“Tha Belladrum na phrìomh thachartas nar clàr-ama de dh’fhèisean an t-samhraidh, agus tha sinn air bhioran a’ chuid as fheàrr dhen deireadh-sheachdain a thoirt gu luchd-amhairc air feadh na dùthcha, le taic-airgid bho MG ALBA. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ mheasgachadh de cheol agus ealain sgairteil air a bheil Belladrum ainmeil a chomharrachadh, agus a bhith a’ taisbeanadh fèis na bliadhna-sa gu ar luchd-amhairc nàiseanta.” 

Thuirt Dougie Brown, riochdaire Fèis Belladrum: ‘Tha sinn air leth toilichte a bhith ann an com-pàirteachas le BBC ALBA le bhith a’ lorg tàlant ùr gus am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus fàilte a chur air Camshron chun na fèise. Tha a bhith a’ toirt taic don ath ghinealach de luchd-ealain na Gàidhealtachd is nan Eilean aig cridhe Belladrum agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri faicinn mar a thèid dha Cameron!” 

Chaidh cuireadh a thoirt do luchd-ciùil tagradh a chur a-steach gu muinntir BBC ALBA is Belladrum le bio agus ceangal ris a’ cheòl aca, le tagraidhean air am breithneachadh le panal de dh’eòlaichean, nam measg Megan NicGill-Fhaolain, preasantair a’ phrògram Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus an seinneadair agus neach-ciùil Julie Fowlis, cuide ri riochdairean Belladrum.  

Chaidh a’ gheàrr-liosta an uair sin gu bhòt poblach air làrach-lìn Belladrum, le Camshron a’ dèanamh a’ chùis air na farpaisich eile – Ali MacPhàrlain (seinneadair is sgrìobhadair às an Eilean Sgitheanach), Scotstown Dance Band (buidheann indie-cèilidh à Taobh Siar na Gàidhealtachd), HJEM (còmhlan beòthail a rugadh agus a thogadh Inbhir Nis) agus El Sartel (còmhlan indie Albannach às an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse). 

Dhaibhsan nach urrainn a bhith an làthair aig Belladrum, bidh BBC ALBA a’ toirt a’ chuid as fheàrr den fhèis gu luchd-amhairc aig an taigh le craoladh beò air an deireadh-sheachdain, ri fhaicinn air BBC ALBA agus BBC iPlayer. Bidh sreath de phrògraman sònraichte a’ dol beò air BBC iPlayer bho Dhihaoine 26 Iuchar, le 33 seataichean beò bho mheasgachadh de luchd-ciùil bho Àrd-ùrlaran a’ Ghàrraidh agus Hot House, a bharrachd air seataichean acoustic dha BBC ALBA.  

Coimhead beò no air iPlayer bho Dhiardaoin 25 Iuchar: Belladrum air BBC ALBA.