’S ann aig BBC ALBA a bha sgeulachd na h-oidhche aig duaisean Royal Television Society (RTS) 2019 agus ceithir duaisean air am buannachadh.
A’ cosnadh duaisean ann an roinnean Comadaidh, Clann agus Spòrs, chaidh BBC ALBA aithneachadh airson nan sàr phrògraman tha ri fhaighinn air an t-seanail, ‘s iad a’ comharrachadh 10 bliadhna air an èadhar.
Chaidh ìrean àrda sgilean ciùird, ann am prògraman BBC ALBA, aithneachadh cuideachd leis an duais a choisinn Daibhidh Màrtainn, bho MacTV, mar neach-camara proifeasanta airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte na duaisean chliùiteach seo a chosnadh. Tha e na urram dhuinn aithne mar seo fhaighinn agus tha e a’ dearbhadh sàr obair ar companaidhean riochdachaidh. Tha na buanaichean gu lèir agus iadsan a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta nan sàr eisimpleir den obair riochdail a tha ar companaidhean riochdachaidh a’ dèanamh, chan ann a-mhàin thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, ach thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh.”
Chòrd FUNC, prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, gu mòr ri luchd-amhairc BBC ALBA, an dà chuid air Tbh agus air na meadhanan sòisealta ann an 2018. Thuirt, stiùiriche FUNC, Michael Hines: “Tha mi cho moiteil gun do bhuannaich sinn. Tha cleasaichean òga agus criutha air leth againn agus sgrìobhadh mhìorbhaileach. Chan eil mòran sheanailean ann a tha a’ cur uiread de dh’earbsa ann an riochdairean phrògraman agus aig a bheil uiread de dhealas ann an tàlant ùr agus tha sinn follaiseach sa phrògram. Tha sinn air bhioran gus sreath 2 de FUNC a chraoladh nas ainmiche am bliadhna!”
Bha an dràma cloinne, Buidheagan le Sorbier Productions, a’ farpais an aghaidh prògraman mòra CBBC ann an gnè na cloinne agus seo a’ chiad bliadhna a bha BBC ALBA air ainmeachadh anns a’ ghnè seo. Tha am prògram, a chaidh a chruthachadh mar phàirt de dh’iomairt leis an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU), leis an stiùiriche Tony Kearney, a’ toirt sùil air nighean òg a tha a’ feuchainn ris an dòigh-beatha aice a dhìon bho thuathanach mhì-chàileir.
Thuirt Patsi NicChoinnich, stiùiriche Sorbier Productions agus sgrìobhadair Buidheagan: “Tha seo uabhasach math do Sorbier agus na tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh airson BBC ALBA. Tha sinn a’ cruthachadh prògraman a tha ceart airson luchd-amhairc na Gàidhlig, ach tha e cuideachd comasach na prògraman atharrachadh airson ar com-pàirtichean Eòrpach agus tha an duais seo mar dhearbhadh gu bheil e ag obair!”
Seo an treas duais RTS Scotland aig PurpleTV le duais airson a’ phrògram aithriseach Tommy Burns. Tha seo às dèidh duaisean fhaighinn a cheana airson nam filmichean eile aca Jim Baxter agus Jock Stein.
Thuirt, Margot McCuaig, an stiùiriche: “Bu mhath leam taing a thoirt do theaghlach Tommy airson an stòiridh aca innse dhuinn. Tha BBC ALBA aithnichte airson a bhith a’ coimiseanadh prògraman le sgeulachdan fìrinneach agus faireachail agus ’s e urram a th’ ann a bhith na phàirt den seo a bharrachd air na duaisean eile RTS Scotland a tha sinn air fhaighinn thairis air na bliadhnaichean a dh’fhalbh.”
Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg, a bha air a riochdachadh le MacTV, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta trì tursan. Choisinn Daibhidh Màrtainn an Duais airson Sàr-mhathas Proifeasanta – a’ chiad uair a thachair seo airson prògram BBC ALBA aig duaisean RTS Scotland. Tha am prògram mu thràth air duais a bhuannachadh aig an Chicago International Television Festival agus chaidh ainmeachadh aig duaisean cliùiteach Grierson cuideachd.
Tha Daibhidh Màrtainn, a choisinn duais Neach-camara airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg, a’ moladh stiùiriche a’ phrògraim, Niall Caimbeul, a bha air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais RTS Scotland: “’S ann air sàillibh Nèill a fhuair sinn cothrom clàradh air Sùlasgeir. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do na fir airson earbsa a chuir annainn an sgeulachd aca innse. Thàinig orm fhèin agus air Niall sinn fhèin fhigh a-steach don t-sealg, dlùth ri na sealgairean agus thàinig oirnn faighinn seachad air ioma dùbhlan gus am prògram seo a thoirt gu luchd-amhairc – chan ann a-mhàin fhad ’s a bha sinn air an eilean, ach airson mìosan ro làimh cuideachd. Tha mi uabhasach toilichte gu bheil am prògram air còrdadh cho math ri daoine.”
Is iad Jennifer Reoch agus Des Clarke a bha a’ lìbhrigeadh duaisean RTS Scotland 2019 a chaidh a chumail san Old Fruitmarket ann an Glaschu Diciadain, an 12 Ògmhios.