Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Prògraman BBC ALBA air an Ainmeachadh airson Duaisean Chliùiteach RTS

24 Cèitean 2024

Tha BBC ALBA air còig ainmeachaidhean a chosnadh air geàrr-liostaichean Duaisean RTS Scotland na bliadhna-sa, tachartas cliùiteach a tha a’ toirt aithne do thàlant, sgilean agus cruthachas air leth ann an riochdachadh TBh Albannach. Thathar den bheachd gu bheil na duaisean seo nan slat-tomhais airson tàlant àrd-ìre ann an saoghal telebhisein.

Tha na h-ainmeachaidhean seo thairis air còig ghnèithean: Tachartas Beò, Aithriseachd agus Prògram Aithriseach agus Fìrinn Spèisealta: Ealain & Eachdraidh, Camara, Clann agus Neach-naidheachd Òg air a thaisbeanadh mar chuimhneachan air Seòras Mac na Ceàrdaich.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA:

“Tha e na theisteanas air inbhe àrd is cunbhalach de phrògraman a chaidh a chruthachadh airson BBC ALBA gun deach còig tagraidhean bho ghnèithean eadar-dhealaichteainmeachadh air geàrr-liostaichean airson Duaisean RTS Scotland am-bliadhna. Tha e gu sònraichte brosnachail a bhith a’ faicinn tàlant òga gan aithneachadh, le ainmeachaidheanairson an dà chuid, Hamish MacLeòid agus Ailean Peutan anns na raointean aca fhèin. A bharrachd air sin, tha sinn air leth toilichte gu bheilear ag aithneachadh ceòl beò agus prògraman chloinne air BBC ALBA mar fhianais den t-susbaint àrd-ìre a th’ againn air an t-seanail. Meal-a-naidheachd air a h-uile duine is buidheann a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta Duaisean RTS Scotland 2024. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn a-mach na toraidhean sna seachdainean a tha romhainn.”

Seo an liosta slàn de phrògraman BBC ALBA air geàrr-liostaichean Duaisean RTS Scotland:

Tachartas Beò | Cuirm @ Celtic : Celtic Connections aig 30 | Stiùidio Beezr

Prògram Aithriseach agus Fìrinn Spèisealta: Ealain & Eachdraidh: Bill agus an Spitfire | Corcadal Productions

Camara | Hamish MacLeòid | Dàna: Scotland’s Wild Side | Solus Productions

Clann | An Sgoil: Series 1 | Jamie Kieran, Sarah NicFhionghain, Calum MacDhòmhnaill, Ellen NicDhòmhnaill | BBC Scotland Productions

Neach-naidheachd òg air a thaisbeanadh mar chuimhneachan air Seòras Mac na Ceàrdaich | Ailean Peutan

Gheibhear liosta slàn nan ainmeachaidhean an seo.

Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean le Shereen Cutkelvin agus Sanjeev Kohli aig an stiùir, air Diardaoin 13mh den t-Ògmhios, aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu.