Tha MG ALBA fìor thoilichte gu bheil Ofcom air innse an-diugh gun deach ceathrar bhall ùra a shuidheachadh air bòrd MG ALBA.
Tòisichidh Lisa Annette, Rhoda NicDhòmhnaill agus Iain Mac a’ Mhaolain air 1 Faoilleach 2020 agus Ceit-Anna NicLeòid air 1 Cèitean 2020. Bidh gach neach suidhichte airson ceithir bliadhna.
Tha fiosrachadh-beatha nam ball ùra ri fhaotainn san fhios-labhairt aig Ofcom.
Chuir cathraiche MG ALBA Ailean Dòmhnullach fàilte air an naidheachd:
“Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air a’ cheathrar sàr-thàlantach seo gu Bòrd MG ALBA a’ tòiseachadh sa Bhliadhn’ Ùir. Mar sgioba tha dùbhlain romhainn sa chòig bliadhna air thoiseach mu thimcheall maoineachaidh, teicneòlais agus sgaoilidh a thuilleadh air cnapan-starraidh eile an lùib craoladh.
“’S e àm mòr-dhùbhlain agus mòr-atharrachaidh a th’ ann agus sinn a’ teannadh dlùth ri 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig ann an 2023, agus ’s e ar n-obair dèanamh cinnteach gu bheil susbaint ioma-ùrlair de dh’àrd-chàileachd air a sgaoileadh ann an co-obrachadh le ar com-pàirtichean am BBC.
“Feumaidh sinn a bhith mothachail nach robh dùilean dhaoine òga a-riamh cho àrd ’s a tha iad a-nis.
“Cuidichidh ar buill ùra ann a bhith a’ sireadh nam freagairtean air a bheil feum gus faighinn seachad air na dùbhlain agus na riosgan a tha mu choinneimh nam meadhanan Gàidhlig. Bidh pàirt mhòr acasan – mar a th’ aig a h-uile duine againn – ri choileanadh”.