Tòisichidh BBC ALBA a’ bhliadhna ùr le sreath dràma ùr, An Clò Mòr.
Chithear an t-sreath de shia prògraman a’ chiad turas air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Diluain 2 Faoilleach 2023 aig 9f.
Tha gnìomhachas a’ Chlò Hearaich fillte ri eileanan Innse Gall, agus ’s e gnìomhachas eadar-nàiseanta th’ ann cuideachd a tha a-nis mar bhun-stèidh air sgeulachd dràma dathach de ghaol, strì is chluaineas.
Bho shrainnsearan dalma gu gaol dìomhair agus teaghlach a tha an impis tuiteam às a chèile, tha an dràma ùr seo loma làn tachartasan toinnte is buadhmhor.
Tha an t-sreath stèidhichte air gnìomhachas teaghlaich, le Muileann MhicSuain na theis mheadhain. Tha a’ ghnìomhachas ann an staing le sgioba-obrach bheag a’ feuchainn rin cuid obraichean a dhìon agus tha an ùine a’ ruith airson ceannard na muilne, Seumas MacSuain (Eòghann MacFhionghain), agus na h-oidhirpean aige a’ ghnìomhachas ath-bheothachadh.
Airson a’ mhuileann a shàbhaladh agus dìon a chuir air dòighean obrach traidiseanta, tha Seumas a’ sireadh taic-airgid bho charaidean teaghlaich aig a bheil ghnìomhachas fighe ann an Nirribhidh.
Tha neach-gnìomhachais òg à Nirribhidh, Johan Furseth (Fredrik Malte Petersen) a’ tighinn dhan eilean le phlanaichean gnìomhachais a tha eadar-dhealaichte bho na dòighean dualach. Tha Johan agus na planaichean aige a’ cur an ainmean air manaidsear na muilne, Sìleas NicSuain (Erica Mhoireasdan)
Erica Mhoireasdan – Sìleas NicSuain. © Sradag Creative / Solus Productions / MG ALBA.
Tha mì-thoileachas agus do-riarachas eachdraidheil ann an teaghlach MhicSuain, aig cridhe grunn sgeulachdan san t-sreath a chumas an luchd-amhairc air bhioran.
Tha bòidhchead àrainneachd Na Hearadh is faram nam beart maille ri dol a-mach teaghlach a tha eadar starsaich soirbheachas is crìonadh marbhtach, a’ cur ri beairteas nan sgeulachdan anns an dràma ùr, eireachdail seo.
Tha An Clò Mòr air a riochdachadh le Solus Productions airson BBC ALBA agus air a mhaoineachadh le MG ALBA agus Sgrìn Alba.
Thuirt an t-Àrd-Riochdaire/Stiùiriche Tony Kearney: “Tha gnìomhachas a’ Chlò Hearaich dathach agus inntinneach. Tha a bhith a’ stèidheachadh dràma timcheall air an t-saoghal aimsireil, eadar-nàiseanta agus inntinneach seo, a’ toirt dhuinn cothroman air leth airson sgeulachdan innse.
“Bha filmeadh ann am Muileann Chlò Chàrlabhaigh air taobh Siar Eilean Leòdhais na chothrom nach dìochuimhnich mi gu bràth. Bha an luchd-obrach cho dòigheil agus bha e na urram mhòr a bhith a’ faicinn a’ chiùird iongantach seo bhon 19mh linn an gnìomh.
“Bha e na thoileachas cuideachd filmeadh air Eilean àlainn na Hearadh. Bha sgioba de chleasaichean air leth tàlantach againn. Chuir gach aon dhiubh iad fhèin am bogadh anns na caractaran aca fhèin, a’ toirt am blas is an dòigh shònraichte fhèin chun nan caractaran air an t-slighe. Tha sinn cho toilichte an dràma ùr seo a thoirt don mhòr-shluagh!”
Eòghainn MacFhionghain – Seumas MacSuain. © Sradag Creative / Solus Productions/ MG ALBA.
Thuirt an t-Àrd-Riochdaire Jim Webster: “Tha Solus Productions làidir den bheachd gum bi an dràma Gàidhlig ùr, eireachdail, beothail agus àrd-inbhe seo, tarraingeach don luchd-amhairc.
“’S e dràma àrd-amasach a tha seo a tha a’ putadh charactaran chun oir, rud a bu chòir gluasad an luchd-amhairc gu gal agus gàire air an t-slighe. Tha sinn an dòchas gun còrd e ri daoine cho mòr ’s a chòrd e rinne a bhith ga chruthachadh anns na h-Eileanan àlainn.”
Thuirt An t-Àrd-Riochdaire/ Deasaiche Coimiseanaidh Uilleam Macleòid: “Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn an t-sreath iongantach ùr seo a thoirt gu BBC ALBA.
“Suidhichte ann an àrainneachd agus gnìomhachas sònraichte nan Eilean Siar, tha An Clò Mòr a’ taisbeanadh cridhe Gàidhlig ar dùthcha, le blas eadar-nàiseanta.
“Tha sinn air bhioran gus an dràma a thoirt thugaibh sa bhliadhna ùr.”
Thuirt Sean Greenhorn, Oifigear Sgriobt Sgrìn aig Sgrìn Alba: “Stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar, ’s e sgeulachd làn dràma mu theaghlach is còmhstri a th’ anns An Clò Mòr agus bidh e tarraingeachd do luchd-amhairc an latha an-diugh.
“Cuide ri co-obraichean aig MG ALBA, Comhairle nan Eilean Siar, agus Solus Productions, bha e comasach dhuinn cothroman trèanaidh tron phròiseas riochdachaidh air fad a thoirt do dhaoine anns a’ choimhearsnachd.
“Tha leasachadh criutha deatamach airson meudachadh ar gnìomhachas, agus tha sinn a’ cumail oirnn a’ lìbhrigeadh trèanadh agus taic riochdachaidh air feadh na h-Alba.”
Bidh a’ chiad phrògram de An Clò Mòr air BBC ALBA Diluain 2 Faoilleach aig 9f agus air BBC iPlayer.