Tha BBC ALBA toilichte innse gu bheil Bekah NicLeòid air tighinn air bòrd mar preasantair ùr aig sgioba CBBC ALBA.
Bha Bekah, 24, à Sgeitheabost anns an Eilean Sgitheanach, air an t-seanail mar preasantair CBBC ALBA airson a’ chiad turas an t-seachdain seo chaidh.
Chòrd e ri Bekah, a cheumnaich bho Shabhal Mòr Ostaig, a bhith air a’ sgrion airson a’ chiad uair agus tha i gu math toilichte a bhith ag obair còmhla ris na preasantairen eile anns an sgioba: Calum Dòmhnallach, Ellen NicDhòmhnaill, Hannah NicKirdy, Zach Ronan agus Lana Pheutan.
Nuair nach eil i ag obair, bidh Bekah a’ togail a cuid sgilean rola-spèileadh, le ìre de shoirbheachas. Tha i cuideachd dèidheil air leughadh mar a tha i bho thùs air telebhisean agus dràma.
Leis an eòlas a thog i aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean tron chùrsa TBh aig Sabhal Mòr Ostaig agus leis an obair a rinn i a dh’ionnsaidh ceum ann an Gàidhlig is na Meadhanan, fhuair Bekah air adhart glè mhath anns an stiùidio.
Ged a tha i a’ fuireach ann an Glaschu an-dràsta, tha Bekah, a bha na sgoilear aig Àrd- Sgoil Phort Righ, cuideachd air ùine a chuir seachad aig BBC Radio nan Gàidheal ann an Steòrnabhagh tro chothrom greis-gnìomhachais a bha air a thaiceachadh le MG ALBA, a fhuair i nuair a bha i na h-oileanach.
A’ bruidhinn às deidh dhi a’ chiad phrògram aice a chlàradh agus a’ mìneachadh a slighe gu obair ann an craoladh, thuirt Bekah: “Tha grunn obraichean eadar-dhealaichte air a bhith agam agus cha robh fios agam dè a bha mi airson a dhèanamh, ach bha mi a-riamh dèidheil air a bhith air an àrd-ùrlar.
“Rinn mi trèanadh farsaing air a h-uile rud thairis air an dà bhliadhna aig an robh mi air a’ chùrsa TBh agam.
“Bha a’ chiad latha san stiùidio spòrsail – ach tha cùisean caran eadar-dhealaichte nuair a tha camara air do bheulaibh!
“Bha e àraid a bhith a’ coimhead air ais air a’ chlàradh. Bidh thu a’ mothachadh rudan nach àbhaist dhut fhaicinn annad fhèin – cha do mhothaich mi gun do phriob mi mo shùilean cho tric sin! No bidh thu a’ smaoineachadh: ‘O, dè tha mi a’ dèanamh le mo làmhan an sin?’
“Tha an taic a fhuair mi bhon h-uile duine aig BBC ALBA air a bhith air leth cuideachail.
“Tha e math a bhith a’ mìneachadh do dhaoine dè an obair a th ’agam agus ag innse dhaibh gu bheil mi a’ cur seachad pàirt den latha agam a’ clàradh ann an stiùidio CBBC, rud a b’ àbhaist dhuinne a bhith a’ coimhead nuair a bha sinn na b’ òige.
“Eadar an greis gnìomhachais agam aig BBC Radio nan Gàidheal agus m’ obair gu ruige seo aig CBBC ALBA, tha iad air mo chuideachadh a’ dearbhadh dhomh fhìn gu bheil a bhith ag obair anns na meadhanan air leth freagarrach dhomh”.