Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Clàr Foghair BBC ALBA

16 Sultain 2020

BBC ALBA Composite image landscape

Tha BBC ALBA air clàr an Fhoghair fhoillseachadh an-diugh le taghadh de phrògraman beairteach agus tarraingeach. (Diciadain 16 Sultain).

Tha an taghadh phrògraman a’ nochdadh dràma làidir trom-chùiseach, prògraman aithriseach cumhachdach, co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta maiseach, ceòl air leth agus an cuid as fheàrr ann an spòrs nam ban beò ann an Alba. Agus le tàlant òg aig ceann BBC ALBA, tha rionnagan ùra gu bhith a’ boillsgeadh tro oidhcheannan dorcha an Fhoghair!

Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach:

“Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ sgaoileadh taghadh air leth de phrògraman as t-Fhoghar, a’ fàgail BBC ALBA mar an rogha sheanail do luchd-amhairc a tha measail air dràma tarraingeach, criomagan ciùil driùiteach, prògraman aithriseach inntinneach agus iomadachd an t-susbaint spòrs againn. Bu mhath leinn nan tigeadh sibh cruinn còmhla gus càrn mòr riochdachaidhean Albannach a choimhead as t-Fhoghar air BBC ALBA.”

Tha Bannan am measg nan rudan ùra inntinneach, le sgeulachdan làidir mu ghaol is briseadh-cridhe, rùintean dìomhair faireachail gan toirt am follais a dh’fhàgas crathadh air Camus, le stòraidhean uile gam fighe le chèile a tha a’ dèiligeadh le trioblaidean duilich is dorch.

Tha Tormod a’ faighinn brath gu bheil e na athair do neach nach robh fios aige mu dheidhinn, agus tha an sgoilear Ceitidh a’ cur dhealbhan neo-iomchaidh gu balach air an eadar-lìon. Ach, chan eil a h-uile nì mar bu chòir, agus tha Ceitidh air a fàgail a’ faireachdainn gu math aonranach. Tha an dràma cuideachd a’ dèiligeadh ri cùisean mòra mar a’ bhuaidh agus an sgrios a nì aillse, agus a h-uile nì a’ ruighinn àirde air latha mòr banais Mhàiri.

Tha BBC ALBA a’ cumail air le fòcas air spòrs nam ban ann an Alba, le tòrr mòr rugbaidh agus ball-coise beò air an t-seusan seo, le geamannan Sgioba Nàiseanta Albannach nam Ban airson nan Euro Qualifiers, barrachd gheamannan na bha ann a-riamh bho lìg na dùthcha nam ban, an SWPL, agus na geamannan aig Alba a tha air fhàgail, beò, bho Farpais nan Sia Dùthchannan nam Ban 2020 air an robh maille. Leanaidh prògram ùr dhidseatach spòrs nam ban air BBC ALBA 360 iad seo uile, agus mòran a bharrachd. Le Iona Ballantyne aig an stiùir, bidh 360 a’ gabhail a-steach agallamhan leis an fheadhainn as ainmeile ann an spòrs nam ban ann an Alba, le criomagan sònraichte agus seallaidhean air leth air cùl nan cùrtairean. Tha am prògram ri fhaotainn an dà chuid air Youtube BBC ALBA agus air bbc.co.uk/alba360.

Tha prògraman aithriseach tarraingeach mar shuaicheantas air clàr BBC ALBA. Tha an t-sreath Trusadh, a tha air duaisean a chosnadh a-cheana, a’ leantainn air le trusadh liriceach mu dheidhinn a’ gheamhraidh anns na h-eileanan, agus tha an craoladair Cathy NicDhòmhnaill a’ tadhal air Earra-Ghàidheal gus sgrùdadh a dhèanamh air teamannan agus samhlachas an nobhail Albannach le Robin Jenkins, ann an Sàr-Sgeòil: The Cone-Gatherers, anns a bheil sgeulachd dhorch is thoinnte mu dà bhràthair a bhios a’ togail dhuircean-ghiuthais airson iomairt coilltearachd an dàrna cogaidh.

’S e co-riochdachadh maiseach is tarraingeach a th’ anns an Taistealaiche / The Far Traveller, air a dhèanamh ann an co-bhann eadar BBC ALBA agus Innis Tìle airson a’ chiad uair. Innsidh am prògram seo sgeulachd an Lochlannaich ghaisgeil, Gudrid, ogha tràill Albannach a chaidh tarsainn a’ chuain shiair 8 tursan agus aig an robh a’ chiad leanabh Eòrpach ann an Ameireaga a Tuath. Le ath-chleasachd dràmatach, tha sgeulachd tè de na boireannaich as aithnichte ann an Sagas Innis Tìle air a toirt beò ri taobh co-theacsa eachdraidheil.

Le gàirdeachas agus innleachdas Mòd gun shamhla, thèid Am Mod Nàiseanta Rìoghail 2020 a chruthachadh agus a sgaoileadh thairis air an t-seachdain a bha an dàn dhan Mhòd san Dàmhair. Tha taisbeanadh ciùil, cuimhneachain agus òrain air a ghealltainn, leis na ceudan de chom-pàirtichean de gach aois a’ gabhail pàirt ann an comharrachadh sònraichte le Cathy NicDhòmhnaill ga lìbhrigeadh gach oidhche.

Faodaidh luchd-amhairc a dhol air turas air feadh Alba a’ leantainn bheataichean fhad ’s a tha iad a’ frithealadh bheathaichean beaga is mòra agus uaireannan fiadhaich ann an Vets: Gach Creutair Beò. Am measg nan stòraidhean, tha pug a tha feumach air obair-lannsa gu math cunnartach, dithis chub-leòmhainn nach eil ach 9 seachdainean a dh’aois a tha a’ faighinn an cuid banachdaichean, agus àm breith nan uan gu math trang.

Gheibh còcairean èasgaidh brosnachadh bho Griogair MacLeòid ann an Fuine is e gan treòrachadh tro thaghadh de reasabaidhean traidiseanta Albannach agus measgaichean ùra inntinneach, bho dhachaigh air eilean Leòdhais.

Tha rudan ann dhan fheadhainn bheaga cuideachd, le dealbhan-beò uamhraidh snog Port Pàipeir agus Rita is Crogall a’ tighinn gu BBC ALBA airson a’ chiad uair. Tha Port Pàipeir a’ cleachdadh cleasan ùra ‘papermotion’ agus ’s e nighean òg a th’ ann an Rita le caraid a tha eagalach fhèin acrach, Crogall an crogall, a tha fuireach, tomhais càite…? Anns an amar-nighe!

Tha prògraman BBC ALBA uile rim faicinn beò air iPlayer a’ BhBC agus às dèidh làimh airson 30 làithean. Air na meadhanan sòisealta, tha BBC ALBA a’ cumail air a’ fàs a thaobh luchd-amhairc, a’ toirt susbaint ùr dha luchd-amhairc ùr a tha an sàs nas motha na bha a-riamh air Facebook, Twitter agus Instagram, agus air a chur air bhog am bliadhna, an seanail Youtube, a tha làn susbaint anabarrach math, sean is ùr.

Tòisichidh prògraman foghair BBC ALBA Diardaoin, 17 Sultain.