Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

HAMISH

22 Gearran 2016

HAMISH: FILM SÒNRAICHTE MU BHEATHA SHEUMAIS MHICEANRAIG – A’ CHIAD RO-SHEALLADH

DIMÀIRT 23 AN GEARRAN aig FÈIS FILM GHLASCHU

Bha Seumas MacEanraig (1919-2002) na dhuine shuaicheanta ann an cultar na h-Alba, fear le spionnadh gun chrìoch. Tha a bhàrdachd fhathast a’ toirt togail agus a’ brosnachadh na dùthcha. Tha am film aithriseach aig Robbie Fraser a’ dèanamh luaidh air a’ bheatha ioma-fhillte a bh’ aig MacEanraig; bàrd, saighdear, fear tulchuiseach, iomairteach, sgrìobhaiche òrain agus na chùl-taic do ath-bheothachadh ceòl traidiseanta na h-Alba.

Bho thaigh nan dilleachdan agus trannsaichean Chambridge gu bhith os cionn ghnothaichean nuair a ghèill feachdan na h-Eadailt anns an Dàrna Cogadh agus sgrìobhadh “Freedom Come Aa’ Ye”, ‘s e seo sgeulachd beatha MhicEanraig air a h-innse leis an fheadhainn a bha eòlach air agus a bha measail air.

Tha luaidh ga dhèanamh air sàr Albannach, a’ fighe seann fhilmichean agus àrd-mholaidhean bho chàirdean agus bho charaidean.

Bhrosnaich na chunnaic e sa chogadh MacEanraig gu bàrdachd a dhèanamh agus choisinn Elegies for the dead in Cyrenaica duais Somerset Maugham dha ann an 1949.

Bha e an teis-mheadhan iomairt ceòl folk nuair a chaidh e an cois Alan Lomax agus e a’ cruinneachadh beul-aithris air feadh Alba. Às dèidh mar a shoirbhich dha mar neach-cruinneachaidh beul-aithris, choisinn a dheagh chliù àite dha MacEanraig ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Thug sin e air ais gu tìr a bhreith ann am Blàr Ghobharaidh agus rinn e sgrùdadh mhionaideach air an luchd-buana-dhearcan.

Ann an 1951, bha MacEanraig am measg an fheadhainn a chur Fèis Edinburgh’s People air bhonn, tachartas a chuir ceòl traidiseanta na h-Alba fa chomhair a’ mhòr shluaigh airson a’ chiad uair. Chanadh cuid gur ann à sin a dh’èirich Iomall Fèis Dhùn Èideann, an fhèis chliùmhor eadar-nàiseanta air a bheil sinn eòlach an-diugh.

Mheudaich àireamh nan clubaichean folk agus nua-òrain folk. Gu tric, b’ ann mu chuspairean poileataigeach a bha na h-òrain sin agus bha na h-òrain a sgrìobh MacEanraig, Freedom Come Aa’ Ye & John Maclean March mar phàirt de chultar agus dualchas na h-Alba.

Ann an 1983 dhiùlt e OBE ri linn ‘s gu robh e an aghaidh a’ phoileasaidh armachd niùclasach a bh’ aig riaghaltas Thatcher agus chaidh urram Albannach na Bliadhna a bhuileachadh air mar thoradh air seo. Bha e dà-ghnèitheasach, agus fosgailte mu dheidhinn, bhiodh e ag iomairt airson còraichean co-ionann, neo-eisimeileachd na h-Alba agus na neach-iomairt airson Nelson Mandela a shaoradh bhon phrìosan.

Le taic bho Alba Chruthachail agus MG ALBA, gheibh am film a’ chiad ro-shealladh aig Fèis Film Ghlaschu agus thèid a chraoladh air BBC ALBA as t-fhoghair 2016.

Gheibhear fiosrachadh mun fhilm aig a’ cheangal seo

Bha am film air a riochdachadh le Bees Ness Media ann an co-bhoinn ri Pure Magic Films.