MG ALBA A’ SIREADH BHEACHDAN BHO SGRÌOBHAICHEAN GÀIDHLIG
Tha MG ALBA a’ sireadh bheachdan air leasachadh tàlant sgrìobhadh tbh bho sgrìobhaichean a tha mu thràth stèidhichte agus iadsan aig a bheil miann a bhith ri sgrìobhadh.
Tha suirbhidh ùr, a tha ri fhaighinn tro làrach-lìn MG ALBA agus a tha a’ faighinn taic bho HIE Emergents, ag iarraidh beachdan bho sgrìobhaichean air an seòrsa obair a tha iad a’ dèanamh agus dè na goireasan a bheireadh misneachd dhaibh barrachd a sgrìobhadh no leasachadh a dhèanamh air an cuid obrach. Tha timcheall air 50 neach mu thràth air an t-suirbhidh a lìonadh a-steach agus tha MG ALBA ag iarraidh air sgrìobhaichean eile an cuid bheachdan a chuir a-steach.
Tha an t-suirbhidh ga foillseachadh aig an aon àm agus a tha am film goirid, pàirt de sgeama dràma an EBU (European Broadcasting Union) agus air a choimiseanaidh le MG ALBA, air a shealltainn aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh.
Chaidh Na Saboteurs a chlàradh ann an Nis, Eilean Leòdhais. Chaidh an sgriobt Gàidhlig a sgrìobhadh a dh’aona ghnothaich airson an dràma leis an sgrìobhaiche ainmeil Catriona Lexy Chaimbeul, a bha cuideachd na stiùiriche airson a’ chiad uair. Chaidh a riochdachadh le preseantair BBC ALBA Fiona NicChoinnich agus le Kirsty Hines-Mackay.
B’ e dithis òg tàlantach – Zoe Mustian agus Daniel Macleòid – a ghabh pàirt san fhilm, a thuilleadh air Artair Donald agus Donna Mhoireasdan air a bheil daoine deagh eòlach. B’ e Ross B. Wilson bho Tidelines a sgrìobh an ceòl airson an fhilm – a chiad choimisean tbh. Thèid am film goirid a shealltainn air BBC ALBA mar phàirt de chlàr na Nollaige.
Tha Na Saboteurs, agus foillseachadh na suirbhidh, nam pàirt de mhiann MG ALBA tàlant sgrìobhadh Gàidhlig a leasachadh.
Tha sgrìobhaichean de gach aois agus eòlas air am brosnachadh gus an t-suirbhidh ghoirid a lìonadh a-steach agus cuiridh seo ri ro-innleachd MG ALBA san ùine ri teachd.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd & Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha leasachadh tàlant air feadh ar roinn chruthachail aig cridhe obair MG ALBA agus tha sinn dealasach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an tàlant sgriobhaidh air àrach mar phàirt den ro-innleachd sin.
“Airson an adhbhar sin, tha sinn airson ionnsachadh mun t-eòlas acasan a tha mu thràth air sgrìobhadh ann an Gàidhlig – airson adhbharan cur-seachad no adhbharan proifeiseanta. Tha sinn cuideachd airson cluinntinn bhuapasan as docha a tha airson tòiseachadh air sgrìobhadh no an tuilleadh a sgrìobhadh ach a tha a’ faireachdainn nach eile iad ullaichte airson a leithid, ’s docha ri linn cion trèanadh no cion misneachd.
“Dh’fhaodadh eòlas air Gàidhlig, gu h-àraidh sgilean sgriobhaidh, buaidh a thoirt air comas neach peann a chuir ri pàipear. Ma tha cnapan-starra ann tha sinn airson faighinn a-mach càite bheil iad agus dè dh’fhaodadh MG ALBA a dhèanamh gus faighinn tarsainn orra seo, gus a bheil sinn a’ cruthachadh bun-stèidh airson an sgrìobhadh Gàidhlig as fheàrr a th’ ann air an sgrion.”
Thuirt Catriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhaiche Na Saboteurs: “Tha Na Saboteurs a’ toirt cothrom daoine òga tàlantach a dhol an sàs ann an riochdachadh agus tha sinn cho toilichte le Zoe agus Daniel agus mar a thionnadh am film a-mach.
“Bha mi toilichte an cothrom fhaighinn an sgriobt a sgrìobhadh airson an fhilm agus feumaidh sinn tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gus na sgilean sgriobhaidh Gàidhlig aca a leasachadh. Tha mise mu thràth air suirbhidh MG ALBA a lìonadh a-steach agus tha mi a’ moladh do dhaoine an aon rud a dhèanamh, ge bith dè an t-eòlas sgrìobhadh a th’ aca cheana.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh aig https://www.surveymonkey.co.uk/r/MGALBA_sgriobhadh