PREANTASACHD NAM MEADHANAN GÀIDHLIG FOSGAILTE AIRSON THAGRAIDHEAN
Tha tagraidhean a-nis gan gabhail bho phroifeiseantaich le miann a bhith ag obair sna meadhanan airson na h-ath Preantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC.
Tha an com-pàirteachas, air a ruith le BBC Scotland agus Colaiste Kelvin Ghlaschu, a’ faighinn taic bho MG ALBA. Le cùrsa 2017/18, seo an dàrna uair a chaidh preantasachd Gàidhlig a thairgse taobh ri taobh le preantasachd BBC Scotland, a tha a-nis dha ruith airson an t-seachdamh uair.
Gheibh an neach soirbheachail taic bho MG ALBA le cothrom obrachadh thar ùrlaran Gàidhlig leithid BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.
San obair seo, gheibh an neach eòlas air feadh iomadh roinn a bhios a’ lìbhrigeadh stuthan don t-seanail, nam measg prògraman chloinne, a’ trusadh naidheachdan, stuthan aithriseach agus spòrs.
Le 50% de thoradh dèanamh phrògraman bhon roinn neo-eisimeileach ann an Alba a’ dol gu ruige BBC ALBA, bidh cothrom aig a’ phreantas ùine a chur seachad le cuid de luchd-solair neo-eisimeileach na seanail.
A thuilleadh air a bhith a’ cur ri bun sgilean agus leasachadh pearsanta, bidh na preantasan a’ cur seachad dà là sa mhìos ann an Colaiste Kelvin Ghlaschu, ag ionnsachadh tòrr de na sgilean teicnigeach agus obrach a bhios gu feum ann an gnìomhachas nam meadhanan craolaidh.
Bidh cothrom aig a’ phresantachd ùine a chur seachad aig Ionad nam Meadhanan Cruthachail ann an Steòrnabhagh – dachaigh MG ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.
Tha Calum MacFhearghais na chiad fhear a-riamh air sgeama preantasachd Gàidhlig a’ BhBC. Tha e air an t-uamhas eòlais fhaighinn, le greisean-gnìomhachais le prìomh chompanaidhean neo-eisimeilich leithid Bees Nees Media, a thuilleadh air ùine a chuir seachad ann an diofar roinnean taobh a-staigh a’ BhBC. San ùine ghoirid ri teachd, tha greisean-gnìomhachais aige còmhla ri BBC Sport agus Sky Sports.
Thuirt Calum: “Tha sgeama preantasachd Gàidhlig a’ BhBC air còrdadh ruim gu mòr. Tha mi air uiread de chothroman fhaighinn ann an ùine ghoirid agus tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ chòrr den sgeama. Tha am preasantachd na chothrom shònraichte airson daoine òga le Gàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh moladh gu leòr a dhèanamh air.”
A thilleadh air a’ phresantachd Gàidhlig, tha 10 preasantachdan rim faighinn aig BBC Scotland agus ron t-Sultain am-bliadhna, bidh 61 neach òg air a dhol tron phreantasachd bhrosnachail seo thar nan sia sgeamaichean a bh’ ann cheana. Tha an sgeama air stèidh a thoirt airson cùrsa-beatha ann an riochdachadh Tbh agus naidheachdas, le cuid de na h-oileanaich a bh’ air sgeamaichean a cheana a’ dol air adhart gus ceum fhaighinn ann am foghlam àrd-ìre, le cuid eile a’ gluasad gu obraichean aig a’ BhBC no buidhnean meadhanan eile.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Seo an dàrna bliadhna a tha sinn a’ taiceachadh preantasachd Gàidhlig taobh a-staigh sgeama Preantasachd a’ BhBC agus tha sinn air leth toilichte a-rithist a bhith dha dhèanamh comasach trèanadh a thoirt don ath ghinealach de phroifeiseantaich nam meadhanan.
“Tha an sgeama seo air a bhith na shàr shlighe do dhaoine òga a-steach don roinn craolaidh agus ro dheireadh a’ sgeama, bidh an neach soirbheachail air sgilean air leth feumail ionnsachadh thar roinnean.”
Airson cur a-steach airson an sgeama, tadhail air http://www.bbc.co.uk/careers. ’S e Dimàirt 18 Giblean 2017 an ceann-là dùnaidh airson thagraidhean.