NEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Tha neach-aithris spòrs gealltanach à Àird nam Murchan air a bhith còmhla ris an sgioba riochdachaidh aig dachaigh Glasgow Warriors an dèidh buannachadh ann am FilmG 2017.
Fhuair Ceit Bradley, 16, cothrom a dhol dhan bhogsa-aithris còmhla ri Hugh Dan MacIllFhinnein agus cluicheadair nan Warriors’ Lee Jones aig a’ ghèam shoirbheachail aca an aghaidh Zebre ann an Scotstoun air Dihaoine (14 Giblean) an dèidh buannachadh na duais airson na h-Aithris Spòrs a b’ Fheàrr aig cuirm FilmG a chaidh a chumail sa Ghearran.
Chaidh faisg air 20 inntrigeadh bho sgoilearan air feadh Alba a chur a-steach airson na roinne seo agus ged a bha deagh bheachd aig na britheamhan, Ailig O’Henley agus Derek ‘Pluto’ Moireach, air àrd inbhe nan inntrigidhean uile b’ e craoladh misneachail, fiosrachail is nàdarrach Ceit den Cuairt Dheireannach ann an Cupa Valerie Fraser aig An Àird sa Ghearastan a bhuannaich a’ phrìomh dhuais dhi.
B’ e turas a Ghlaschu agus faighinn dhan bhogsa-aithris aig craoladh spòrs beò BBC ALBA an duais a fhuair Ceit airson a h-oidhirpean agus ged a roghnaich an sgoilear AS5 camanachd nam ban a chraoladh na h-inntrigeadh gu FilmG, bha i, na neach-leantainn dealasach rugbaidh, air leth toilichte a bhith an làthair aig a’ ghèam an aghaidh a’ chlub Eadailteach, Zebre.
Thug na Warriors dùbhlan dha Hugh Dan agus dhan sgrùdaire chluicheadair Lee Jones le cluich ghnìomhach sgileil far an do rinn iad a’ chùis air na h-Eadailtich 45 gu 10. Dh’adhbhraich seo faireachdainn mìorbhaileach ann an Scotstoun agus sluagh a bha air bhoil.
Dha Ceit, bha an oidhche na b’ fheàrr buileach na bha i a’ sùileachadh a bhiodh e agus chòrd e cho mòr rithe a bhith a’ faicinn nam proifeiseantaich ag obair; bho obraichean-chamara, gun neach-aithris timcheallain, am prìomh neach-aithris agus an còrr den sgioba. B’ e cothrom mìorbhaileach a bh’ ann an leth mu dheireadh fhaicinn bhon steillean, còmhla ri luchd-leantainn FilmG air Snapchat, agus criomagan eile bhon latha. An dèidh làimh thuirt Ceit:
“Chòrd an gèam cho mòr rium, bha a’ phàirc air bhoil. Bha e cho iongantach an sgioba riochdachaidh air fad fhaicinn ag obair – cha robh mi air tuigsinn roimhe na tha de dh’obair co-cheangailte ri craoladh beò spòrs. B’ e an rud a b’ fheàrr a chòrd rium fhìn a bhith a’ faicinn mar a bhathas a’ tarraing a h-uile càil còmhla – bho na h-ullachaidhean cùramach ro làimh gu bhith a’ coimhead a’ gheama ga chraoladh air TBh. Bha e air leth drùidhteach – agus bha an toradh na fhìor bhuannachd!”
B’ i Margot McCuaig bho mneTV a bha a’ stiùireadh a’ chraolaidh air an latha sin, agus ghabh i deagh bheachd air dealas Ceit is i a’ brosnachadh càch gus feuchainn air an fharpais ann an 2018.
Thuirt Margot: “Bha e math coinneachadh ri Ceit agus tha mi an dòchas gun lean i oirre a’ gabhail ùidh cho mòr ann an aithris. ’S fhiach sùil a chumail oirre. Co aig tha fios, ‘s dòcha gum bi sinn ag obair còmhla fhathast! Bhrosnaichinn neach sam bith le ùidh ann an cluich no coimhead spòrs feuchainn air an fharpais am-bliadhna agus ’s dòcha gun tig cothroman ùra a-mach às.”
Bu chòir dha luchd-aithris is filmeadairean gealltanach sùil gheur a chumail air sianalan sòisealta meadhanan FilmG agus air filmg.co.uk airson fiosrachadh mu na leasachaidhean ùra fhad ’s a tha an sgioba ag ullachadh airson na 10mh farpais FilmG a chur air bhog.