Ìre A, £20,000 – £23,000 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach peinnsean & ballrachd gym.
Làn-ùine (37 uairean san t-seachdain), cùmhnant teirm-suidhichte airson dà bhliadhna, stèidhichte aig a’ bhuidheann coimhearsnachd far a bheil thu ag obair ann an Leòdhas/Uibhist
Na Dreuchdan
Is e cothrom inntinneach a tha seo do cheathrar luchd-trèanaidh cruthachail, air am fastadh le MG ALBA mar ‘Luchd-cruthachaidh Susbaint Coimhearsnachd.’ Stèidhichte aig na buidhnean aoigheachd, gheibh an luchd-obrach seo eòlas farsaing air prògraman craolaidh & prògraman ioma-ùrlair eile.
Ma tha ùidh agad sna meadhanan cruthachail, ma tha thu làidir ann an sgioba, misneachail agus deònach a bhith ag ionnsachadh agus ag obair taobh a-staigh coimhearsnachdan beothail sna h-Eileanan Siar, bu mhath leinn cluinntinn bhuat. Gheibh thu taic le plana trèanaidh coileanta agus leasachadh pearsanta is proifeasanta thairis air a’ chùmhnant.
Cò sinn?
Tha MG ALBA agus am BBC a’ lìbhrigeadh seirbheis bhidio Ghàidhlig BBC ALBA agus, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, LearnGaelic agus SpeakGaelic. Tha sinn cuideachd os cionn FilmG, a tha air a lìbhrigeadh às ar leth le gnothachas mheadhanan didseatach. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air ar riaghladh le Ofcom.
Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Tha na dreuchdan seo stèidhichte aig na buidhnean aoigheachd againn gu h-ìosal, ann an Leòdhas & Uibhist:
- Urras Oighreachd Ghabhsainn
- Urras an Taighe Mhòir/ Loch Ròg an Ear
- Taigh Chearsabhagh
- Ceòlas
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA
- Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan ochd bliadhna mu dheireadh
- Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
- Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach
- Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
- Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
- Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo
Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh ann a bhith ag obair mar Neach-cruthachaidh Susbaint. Cuideachd, ma bhios e iomchaidh, dè am buidheann sa bheil an ùidh as motha agaibh. Chuireadh sinn fàilte bhlàth air fiosrachadh mu dheidhinn ur comasan agus eòlasan bho dreuchdan eile agus obair saor-thoileach.
Ceann-là dùnaidh: Diluain 28 Lùnastal 2023, 1000
Cuiribh ur CV agus litir còmhdachaidh gu Claire Macleod, HR Advisor aig hr@mgalba.com.
Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air Claire Macleod hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.
Thèid agallamhan a chumail air 15 & 16 Lùnastal 2023 tro Microsoft Teams.
Tha sinn nar fastaichean co-ionannachd chothroman agus cuiridh sinn fàilte air tagraidhean bho coimhearsnachdan faisg air làimh agus nas fharsainge.