Dleastanas & Reachdas

English / Beurla

Dleastanas & Reachdas

Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus riaghlaichte le Ofcom.

Dleastanas

Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Conaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba.

Ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, tha MG ALBA air BBC ALBA, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh. Gheibhear fiosrachadh mun cho-bhanntachd an seo.

Tha e mar phrìomhachas aig MG ALBA cothrom-sgaoilidh BBC ALBA a ghleidheadh air a h-uile ùrlar didseatach agus craoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd. Tha MG ALBA cuideachd ag obair còmhla ri riochdairean airson leasachadh, trèanadh agus cleachdadh Gàidhlig mar chànain-obrach a’ ghnìomhachais-riochdachaidh a bhrosnachadh.

Reachdas

Chaidh MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh 2003, Earrannan 208-210, gus dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing agus mheasgaichte de dheagh phrògraman Gàidhlig air an lìbhrigeadh tro chraoladh no eile gu sluagh na h-Alba.

Tha ùghdarras air a thoirt do MG ALBA airson prògraman a dhèanamh agus ceadan craolaidh a chumail a bharrachd air an fheadhainn shònraichte air an liostadh ann an Earrann 208 (4B) de Achd Conaltraidh 2003. Tha i air cumhachdan agus dleastanasan maoineachaidh a ghabhail a-staigh a thaobh maoineachadh phrògraman Gàidhlig, trèanadh, rannsachadh agus obair co-cheangailte fo Earrannan 183 agus 184 de Achd Craolaidh 1990, Earrannan 32 agus 95 de Achd Craolaidh 1996 agus Pàipearan-taic co-cheangailte riutha.

Chaidh uallach airson maoineachadh MG ALBA a thoirt do Mhinistearan na h-Alba fon òrdugh seo: The Scotland Act 1998 (Transfer of Functions to the Scottish Ministers etc.) Order 1999 (SI 1999 No. 1750).

Brùth an seo gus sùil a thoirt air na h-earrannan ann an Achd Conaltraidh 2003 a tha a’ buntainn ri MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig).