Saorsa Fiosrachaidh

English / Beurla

Saorsa Fiosrachaidh

Gus fios a chur gu MG ALBA mu iarrtas saorsa fiosrachaidh, cuiribh fios gu FOI@mgalba.com

Mu MG ALBA

’S e MG ALBA ainm obrachaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh fo Achd Conaltraidh 2003 agus a bha an toiseach air a ghabhail a-steach fo Achd Craolaidh 1990 mar Comataidh Telebhisean Gàidhlig.

Tha com-pàirteachas meadhanan didseatach MG ALBA agus am BBC a’ tabhann seirbheis amalaichte Gàidhlig air telebhisein, rèidio agus eadar-lìon. Tha an com-pàirteachas air a riaghladh le Bòrd ALBA, air a bheil riochdairean bho MG ALBA agus BBC Alba.

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh

Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000, a bha air a cur an gnìomh san Fhaoilleach 2005, a’ toirt còir cothruim coitcheann don phoball air a h-uile seòrsa fiosrachaidh a tha clàraichte aig ùghdarrasan poblach. Tha am briathar “ùghdarras poblach” air a mhìneachadh san Achd agus tha e a’ gabhail a-steach a h-uile buidheann poblach agus roinn riaghaltais san Rìoghachd Aonaichte.

Mar a tha an Achd a’ buntainn ri MG ALBA

Gu sònraichte, chan eil MG ALBA air a ghabhail a-staigh san Achd airson a h-uile raon de obair. Tha an Achd ag ràdh airson MG ALBA, agus craoladairean eile, nach buin ullachaidhean na h-Achd dhaibh ach a-mhàin “a thaobh fiosrachaidh a tha air a chumail airson adhbharan a bharrachd air naidheachdas, na h-ealain agus litreachas”. Tha seo a’ ciallachadh nach buin an Achd do stuth a tha air a chumail airson prògraman no stuth a chruthachadh a tha a’ toirt taic do na gnìomhan cruthachail sin agus dlùth cheangailte riutha.

Iarrtasan airson fiosrachaidh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000

Gus ur còir cothruim fon Achd a chleachdadh, bu chòir dhuibh:

  • ur n-iarrtas a chur ann an sgrìobhadh (post-d no litir);
  • ur n-iarrtas a chur gu: MG ALBA, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh HS1 2SD. Post-d: foi@mgalba.com;
  • ur n-ainm agus seòladh a thoirt seachad gus am faigh sinn air ur n-iarrtas a fhreagairt;
  • mìneachadh cho mionaideach ’s a ghabhas a thoirt air an fhiosrachadh a tha a dhìth oirbh gus am faigh sinn air aithneachadh agus a lorg; agus
  • innse dè an dòigh as fheàrr leibh am fiosrachadh fhaighinn (me lethbhreac air pàipear, post-d, diosg).

Freagraidh MG ALBA iarrtasan airson fiosrachadh taobh a-staigh 20 là obrach bhon cheann-là a gheibhear e.

BBC ALBA

Bu chòir iarrtasan sam bith airson fiosrachaidh mun cho-obrachadh eadar MG ALBA agus am BBC co-cheangailte ri obrachadh agus stiùireadh BBC ALBA, an t-seirbheis telebhisean agus eadar-lìon Gàidhlig a gheibhear an-asgaidh, a chur gu BBC Alba, air a bheil uallach, còmhla ri MG ALBA, aontachadh dè cho freagarrach ’s tha susbaint agus dreach deireannach freagairt sam bith. Chithear sgeama foillseachaidh saorsa fiosrachaidh a’ BhBC aig www.bbc.co.uk/foi.

Iarrtasan mu BBC ALBA

Gus ur còir cothruim fon Achd a chleachdadh, bu chòir dhuibh:

  • ur n-iarrtas a chur ann an sgrìobhadh (post-d, litir no facs);
  • ur n-iarrtas a chur gu: BBC, Pacific Quay, Glaschu G51 1DA. Post-d: foi@bbc.co.uk. Facs: 020 8008 2398;
  • ur n-ainm agus seòladh a thoirt seachad gus am faigh am BBC air ur n-iarrtas a fhreagairt;
  • mìneachadh cho mionaideach ’s a ghabhas a thoirt air an fhiosrachadh a tha a dhìth oirbh gus am faigh am BBC air aithneachadh agus a lorg; agus
  • innse dè an dòigh as fheàrr leibh am fiosrachadh fhaighinn (me lethbhreac air pàipear, post-d, diosg).

Neo-bhuailteachd/Saoraidhean

’S e ar poileasaidh a bhith cho fosgailte ’s a ghabhas. Ach, fon Achd, tha còir aig a h-uile ùghdarras poblach cuid de sheòrsachan fiosrachaidh a chumail air ais. Gheibhear an liosta de fhiosrachadh neo-bhuailteach agus stiùireadh umpa air làrach-lìn Coimiseanair an Fhiosrachaidh aig an duilleag seo.
Dh’fhaodadh gum buin an saoradh sin còmhla ri dùnadh a-mach sònraichte co-cheangailte ri fiosrachadh a tha air a chumail airson “naidheachdas, ealan agus litreachas”.

Ann an cuid de shuidheachaidhean, bidh fiosrachadh a tha sinn a’ tairgse don phoball ann an sgrìobhainnean a tha a’ gabhail a-steach stuth nach eil ann an raon na h-Achd. (Mar eisimpleir, tha fiosrachadh sa Chunntas Bliadhnail againn mun dòigh a tha MG ALBA air a ruith agus fiosrachadh air a chumail airson “naidheachdas, ealan agus litreachas”). Mas urrainn dhuinn, bidh sinn a’ feuchainn ri cothrom a thoirt air sgrìobhainnean sònraichte den t-seòrsa seo, ged a bhiodh stuth annta nach eil ann an raon na h-Achd.
Far nach urrainn dhuinn fiosrachadh a sgaoileadh mar thoradh air saoradh fon Achd, cuiridh sinn a-mach nas urrainn dhuinn de fhiosrachadh bho sgrìobhainn sònraichte, a’ comharrachadh far an robh fiosrachadh air a chumail air ais agus an t-seòrsa saoraidh a bhuineas dha.

Sgeamaichean Foillseachaidh

Tha dleastanas laghail aig MG ALBA fon Achd, mar a tha aig a h-uile ùghdarras poblach eile san Rìoghachd Aonaichte, sgeama foillseachaidh a ghabhail agus a chumail suas.

Tha an Achd ag ràdh gum bu chòir don sgeama foillseachaidh sònrachadh:

  • na clasaichean fiosrachaidh a tha ùghdarras poblach a’ foillseachadh no an dùil fhoillseachadh;
  • ciamar a bhios am fiosrachadh air fhoillseachadh; agus
  • am feumar pàigheadh airson an fhiosrachaidh.

’S e amas an sgeama seo stiùireadh coileanta a thoirt air an fhiosrachadh a tha MG ALBA a’ toirt seachad agus, ma ghabhas e dèanamh, dòigh fhurasta a thoirt air faighinn chun an fhiosrachaidh seo.

Tha an sgeama seo air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus Beurla, agus tha tionndaidhean ann an clò-sgrìobhadh mòr rim faotainn anns gach cànan cuideachd. Bidh an sgeama seo ri faotainn air làrach-lìn MG ALBA agus cuideachd tro lethbhreac sgrìobhte do dhaoine nach eil air an eadar-lìon. Airson lethbhreac sgrìobhte fhaighinn den sgeama seo cuiribh fios gu MG ALBA.

Cìsean a dh’fhaodar iarraidh airson fiosrachaidh air fhoillseachadh fon sgeama seo

Gheibhear stuth a tha air fhoillseachadh agus air a choimhead air làrach-lìn an-asgaidh (i.e. chan eil sinne ag iarraidh pàigheadh air a shon, ach dh’fheumadh an neach-cleachdaidh coinneachadh ri cìsean sam bith air an leigeil leis an Solaraiche Seirbheis Eadar-lìn agaibh agus cosgaisean clò-bhualaidh pearsanta sam bith).
Airson daoine gun chothrom eadar-lìn, no far nach eil fiosrachadh air fhoillseachadh air an làrach-lìn againn, sa chumantas gheibhear aon lethbhreac clò-bhuailte an-asgaidh. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha am fiosrachadh a tha sinn a’ toirt don phoball ann an sgrìobhainnean a tha a’ gabhail a-steach stuth (m.e. ioma-lethbhreac agus far a bheil fiosrachadh air a thoirt seachad ann an cruth neo-phàipeir agus neo-eileagtronaigeach) ’s dòcha gum feumar pàigheadh airson fiosrachaidh ma tha rèim chìsean air òrdachadh fon achd.

’S dòcha gum bi cìsean air an leigeil airson fìor cosgaisean mar:

  • lethbhreacadh;
  • lorg sgrìobhainnean san tasglann;
  • postadh agus pacadh;
  • toirt seachad fiosrachaidh ann an cruth neo-phàipeir no neo-eileagtronaigeach; agus
  • cosgaisean dìreach mar thoradh air coimhead fiosrachaidh.

Ma bhios cìs ri phàigheadh, thèid an suim ri phàigheadh innse mus bi am fiosrachadh air a thoirt seachad. ’S dòcha gum feumar a phàigheadh mus tèid am fiosrachadh a chaidh iarraidh a thoirt seachad.

An dòigh sam bi fiosrachadh air fhoillseachadh fon sgeama seo air a thoirt seachad
Far am bi e comasach dhuinn, feuchaidh sinn daonnan ri fiosrachadh fhoillseachadh air an làrach-lìn againn. Far nach eil fiosrachadh ri fhaotainn air an làrach-lìn againn no mur eil sibh airson fiosrachadh fhaighinn air an dòigh sin bu chòir dhuibh ur n-iarrtas a chur gu MG ALBA agus faodaidh sinn am fiosrachadh a thoirt dhuibh ann am post-d, lethbhreac sgrìobhte no cruth air choreigin eile. Thèid cumail ri dleastanasan fo reachdas ciorraim and lethbhreith agus reachdas sam bith eile airson fiosrachadh ann an dreachan agus cruthan eile nuair a tha fiosrachadh air a thoirt seachad an co-rèir ris an sgeama seo.
Dlighe-sgrìobhaidh

Buinidh an dlighe-sgrìobhaidh san sgeama seo agus gach fiosrachadh a bheirear seachad fo na cumhaichean aige do MG ALBA mur eil a’ chaochladh air a chomharrachadh. Faodar am fiosrachadh sin a luchdachadh a-nuas, ma tha e air an làrach-lìn, no a lethbhreacadh airson cleachdadh pearsanta gun chead fhoirmeil, ach cha bu chòir ath-bhreacadh, lethbhreacadh no ath-fhoillseachadh a dhèanamh airson reic no malairt eile, no atharrachadh no a sgaoileadh air dhòigh sam bith.

Ath-sgrùdadh agus Beachdan Air Ais

Bidh MG ALBA a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an sgeama seo gu cunbhalach agus a’ cumail sùil air dè cho èifeachdach ’s a tha e ag obrachadh.

Tha MG ALBA airson gum bi an sgeama seo a’ coinneachadh ri feuman an luchd-cleachdaidh agus a’ cur fàilte air ur beachdan. Cuiribh ur beachdan gu:

foi@mgalba.com

Modh-gearain

Mur eil sibh riaraichte leis a’ chuideachadh a gheibh sibh airson fiosrachadh fhaighinn taobh a-staigh sgeama foillseachaidh MG ALBA, bu chòir dhuibh fios a chur gu:

Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear
MG ALBA
Rathad Shìophoirt
Steòrnabhagh HS1 2SD
domhnall.caimbeul@mgalba.com

Ma tha sibh fhathast do-riaraichte, faodaidh sibh sgrùdadh neo-eisimeileach iarraidh bhon Choimiseanair Fiosrachaidh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

The Information Commissioner’s Office

Clasaichean Fiosrachaidh

Tha sgeama foillseachaidh MG ALBA a’ toirt cothrom air na clasaichean fiosrachaidh a leanas.

1. Cò sinn agus dè tha sinn a’ dèanamh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh, àiteachan agus ainmean is seòlaidhean, agus riaghladh bun-reachdail agus laghail na buidhne aig an àm.

1.1 Dreuchdan agus uallaichean

  • Raon-dleastanais reachdail MG ALBA
  • Buill agus Cathraiche a’ Bhùird
  • Prìomh luchd-obrach

1.2 Structair obrachaidh

  • Structair agus uallaichean a’ Bhùird agus nan comataidhean

1.3 Reachdas a bhuineas do ghnìomhan MG ALBA

1.4 Fiosrachadh mun chom-pàirteachas eadar MG ALBA agus am BBC airson BBC ALBA, an t-seirbheis dhidsiteach Ghàidhlig, a ruith.

1.5 Togalaichean, agus seòlaidhean airson, MG ALBA

2. Suimean agus modhan cosgais
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh ionmhasail co-cheangailte ri fìor theachd-a-steach agus cosgais agus ro-mheasadh orra, tairgsean, solar agus cùmhnantan.

2.1 Aithrisean ionmhasail, buidseatan

2.2 Prògram calpa

2.3 Sgrùdaidhean air cosg

2.4 Aithisgean sgrùdadh ionmhasail

2.5 Cuibhreannan agus cosgaisean luchd-obrach agus buill a’ bhùird

2.6 Structairean pàighidh agus ìrean

2.7 Modhan solair

2.8 Liostaichean de chùmhnantan a thugadh agus an luach

2.9 Riaghailtean ionmhasail taobh a-staigh na buidhne

3. Ar prìomhachasan agus mar a tha sinn a’ coileanadh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ro-innleachd agus fiosrachadh, planaichean, measaidhean, sgrùdaidhean agus ath-sgrùdaidhean air coileanadh.

3.1 Aithisg bhliadhnail

3.2 Aithisgean coileanaidh chun na Pàrlamaid

3.3 Aithisgean sgrùdaidh

3.4 Measaidhean air buaidh

3.5 Ìrean seirbheis

3.6 Staitistig air ullachadh an co-rèir ri riatanasan eagrachaidh

3.7 Aontaidhean seirbheis phoblach

4. Ar modh co-dhùnaidh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh co-cheangailte ri molaidhean agus co-dhùnaidhean poileasaidh, modhan co-dhùnaidh, slatan-tomhais agus modhan taobh a-staigh na buidhne, co-chomhairlean.

4.1 Geàrr-chunntasan choinneamhan nam prìomh luchd-obrach

4.2 Aithisgean agus pàipearan airson beachdachadh orra aig coinneamhan nam prìomh luchd-obrach

4.3 Stiùireadh conaltraidh taobh a-staigh na buidhne, slatan-tomhais air an cleachdadh airson co-dhùnaidhean, òrdughan taobh a-staigh na buidhne, leabhraichean-làimhe agus treòrachadh m.e. modh tagraidh, tabhartasan trèanaidh, msaa.

5. Ar poileasaidhean agus modhan
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu phrotocal sgrìobhte làthaireach airson ar gnìomhan agus uallaichean a lìbrigeadh.

5.1 Poileasaidhean agus modhan airson gnothachas na buidhne a dhèanamh

5.2 Poileasaidhean agus modhan airson ar seirbheisean a lìbhrigeadh

5.3 Poileasaidhean agus modhan airson fastadh luchd-obrach

5.4 Seirbheis luchd-cleachdaidh

5.5 Rianachd clàraidh agus poileasaidhean dàta pearsanta

5.6 Rèimean agus poileasaidhean chìsean

6. Liostaichean agus clàir
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh air a chumail ann an clàir a dh’fheumar fon lagh agus liostaichean agus clàir eile co-cheangailte ri gnìomhan an ùghdarrais.

6.1 Clàir poblach agus clàir air an cumail mar chlàir poblach

6.2 Clàir so-mhaoine agus clàr maoin fiosrachaidh

6.3 Faidhlichean sgaoileadh fiosrachaidh

6.4 Clàr thiodhlacan agus aoigheachd a fhuair prìomh luchd-obrach

6.5 Clàr chom-pàirtean sam bith air a chumail san roinn

6.6 Liostaichean eile a dh’fheumar fon lagh

7. Na seirbheisean a tha sinn a’ tabhann
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh co-cheangailte ri comhairle agus stiùireadh, leabhrain agus bileagan, gnothaichean agus fiosan naidheachd agus mìneachadh air na seirbheisean a thathar a’ tabhann.

7.1 Fiosrachadh mu na seirbheisean a tha an roinn a’ toirt seachad a’ gabhail a-steach bileagan, stiùireadh agus litrichean-naidheachd.

7.2 Seirbheisean airson gnìomhachais

7.3 Seirbheisean airson buidhnean eile

7.4 Seirbheisean airson buill den phoball

7.5 Seirbheisean airson am faod am buidheann pàigheadh fhaighinn, còmhla ri na cìsean sin

7.6 Bileagan, leabhrain agus litrichean-naidheachd

7.7 Comhairle agus stiùireadh

7.8 Fiosan naidheachd

 

A chumantas cha bhi am fiosrachadh air fhoillseachadh fon sgeama seo a’ gabhail a-steach:

  • fiosrachadh nach fhaodar a sgaoileadh fon lagh, no neo-bhuailteach fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000, no air dhòigh eile air a mheas airidh air dìon bho bhith air a sgaoileadh;
  • fiosrachadh ann an dreachd; no
  • fiosrachadh nach eil furasta fhaighinn a-nis mar toradh air a bhith ann am faidhlichean a tha air an gleidheadh ann an tasglann, no doirbh faighinn thuige airson adhbharan co-ionann.