Mu
O.M.C!
(Oh mo chreach! – an tiotal a tha sinn a’ cleachdadh aig an ìre seo)
O.M.C! sreath ùr de sgeidsichean-comadaidh Gàidhlig, cruthaichte le THE COMEDY UNIT, riochdairean a tha air iomadh duais comadaidh a bhuannachadh.
Is iad an sgioba air cùl comadaidhean soirbheachail mar Scot Squad, Chewin’ the Fat, Burnistoun agus Limmy’s Show, am measg eile. Tha an Comedy Unit uabhasach toilichte a bhith an sàs leis an t-sreath tlachdmhor seo, a thèid a chraoladh air BBC ALBA aig deireadh na bliadhna.
Tha O.M.C! airson togail air a’ bhuaidh a bh’ aig comadaidhean mar Ran Dan, PC Alasdair Stiùbhart, Dà Là san Dàmhair, Talla Sheòrais agus Func (a choisinn duais bho chionn ghoirid), agus sreath a chruthachadh a tha ùr, èibhinn, misneachail, aig a bheil blas eadar-dhealaichte agus guth làidir.
Le bhith ag obair le riochdairean, stiùirichean agus deasaichean-sgriobt measail agus ealanta, tha cothrom air leth gasta againn sreath sgeidsichean a dhealbhadh a tha sònraichte tarraingeach, Gàidhealach agus a chòrdas ris a’ mhòr-shluaigh.
Sgrìobhadairean
Tha mac-meanmna cruthachail nan sgrìobhadairean aig cnag na cùise agus riatanach airson sreath buadhmhor a bheothachadh. Tro Func, chunnaic sinn le toileachas gu bheil beartas thàlant sgrìobhaidh againn ann an saoghal na Gàidhlig. Bu mhòr thoil leinn obair còmhla ribh airson ur tàlant a bhrosnachadh agus sgeidsichean ainmeil a chuir ri chèile. ’S e turas àraid a bhios ann, turas air am faod sinn a bhith moiteil agus a mhaireas fada nar cuimhne.
Prògram ùr, sgeidsichean ùr
Chan eil sinn airson bacadh a chuir air ur cruthachas, leis an sin tha sinn fosgailte airson diofair sheòrsa stoidhle agus tòna – bho chriomagan beaga gu caractaran leasaichte, òg no sean, a nochdas tron t-sreath. Cuideachd, suidheachaidhean/daoine annasach no neònach, sgeidsichean balbh no os-fhìreach, neach a’ slaighdeadh air craiceann banana (er, uill) agus monologan. Rudan sam bith a tha fa-near dhuibh, bho uasal agus inntinneach gu gluicean gòrach.
San là an-diugh tha sinn a’ cleachdadh an t-uabhas teicneòlas airson co-labhairt ri chèile agus dèiligeadh ris an t-saoghal mhòr a tha mun cuairt oirnn. Tha ùidh againn air sùil a thoirt air ciamar a tha seo ag obrachadh dhuinn, chan ann a-mhàin an òigridh no na techies – tha sinn airson luchd-amais leathainn a leigeil a-steach air gach plòigh agus sgeidse a thairgeas sinn dhaibh.
Caractaran
Cha chuir na bliadhnaichean uallach air deagh charactar comadaidh. Mar sin, mas e beachd ‘classic’ a th’ agaibh bhiodh sinn toilichte fhaicinn. Tha an sreath seo a’ toirt dhuinn cothrom sgeidsichean ùra agus de gach seòrsa a chruinneachadh. Chan fheum a h-uile sian a bhith cho geur ri sgian no cruaidh ‘s diorrasach, fhad ’s a tha iad a’ landadh leis an luchd-amhairc. Tha sinn a’ lorg iomadh seòrsa caractar, mòr is beag, às gach cearnaidh, bho hipsters gu croitearan, no gu dearbh, hipster croitearan!
San t-sreath seo tha sinn airson cothrom a thoirt do thàlant Gàidhealach. Tha seo a’ gabhail a-steach sgrìobhadairean-cluicheadairean. Mas tu an neach as comasaiche airson do chuid sgrìobhaidh a thoirt gu bith tha saorsa agad sin a dhèanamh agus gabh romhad leis.
Spoofs
Tha uidh againn cuideachd air beachdan sam bith a th’ agaibh air spoofs. Dh’fhaodar gur e adverts no trailers (no tractaran) a bhiodh sibh a’ sùileachadh, no pìosan nas fhaide air prògraman Tbh, ceòl, film, an eadar-lìon no spòrs. Prògraman Gàidhlig no feadhainn bho thall-thairis air am faicinn tro shùilean nan Gàidheal.
Tuilleadh fiosrachaidh – De? Cuin? Càite?
An rud a dh’iarradh sinn oirbh sa chiad dol a-mach ’s e sgeidsichean a chuir thugainn ro 16/7/21. Às dèidh sin tha sinn an dùil còmhradh a thòiseachadh leibh, ag obair còmhla airson adhartas a dhèanamh; a’ coimhead air beachdan eile, agus ma tha e freagarrach tuilleadh stuth a choimiseanadh. Bidh sinn a’ leughadh nan sgeidsichean mar a tha iad a’ tighinn a-staigh, leis an sin, aon uair ’s gu bheil sgeidse deiseil agaibh buailaibh a-steach e.
Tha an Comedy Unit sàr-eòlach air comadaidh a chruthachadh, ach dìreach airson a bhith soilleir, ’s e sreath ùr Gàidhlig a tha seo, air a sgrìobhadh le Gàidheil agus tha e riatanach gu bheil blas Gàidhealach air a h-uile sian a tha sinn a’ cruthachadh.
Chan eil sinn airson smachd a chuir oirbh, leis an sin coimheadaidh sinn air suas ri dusan sgeidsichean bhuaibh sa chiad àite. Tha feadhainn ghoirid, air aon duilleag, aig cridhe sreath sgeidsichean. Ach ma tha feadhainn nas fhaide agaibh, le caractaran làidir, bhiodh e math nan cùmadh sibh iad gu tri duilleagan.
Am measg nam sgeidsichean fhèin bidh an còmhradh ann an Gàidhlig, le eadar-theangachadh. B’ fhearr leinn stiùireadh-làir na sgeidsichean a bhith ann am Beurla – bidh feadhainn air an sgioba riochdachaidh nach tuig Gàidhlig (na creutairean bochd!). Cuiribh thugainn na sgeidsichean ann an ‘word’ no ‘plain text document’, ur n-ainm os cionn gach sgeidse.
Tha sinn an dòchas gun tog sibh beagan misneachd às na duilleagan seo agus gu lean sibh air adhart le sgeidsichean air leth èibhinn a chruthachadh. Ma tha beachdan sam bith eile agaibh, a bharrachd air na tha sinn air moladh, nach sgriòbh sibh iad co-dhiu agus buailaibh a-steach iad.
An rud as cudromaiche dhuinn ’s e a bhith mothachail gur ann dha na Gàidheil a tha an sreath seo – agus cuideachd gu bheil na sgeidsichean èibhinn! Èibhinn dhuibhse nuair a tha sibh a’ sgrìobhadh, èibhinn dhuinne nuair a tha sinn a’ leughadh agus èibhinn dhan luchd-amhairc nuair a tha iad ga choimhead.
Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an stuth agaibh a leughadh agus airson a bhith ag obair còmhla ribh!
‘S urrain dhuibh na sgeidsichean a chuir thugainn, ceangailte ri post-d gu:
seamus.macmillan@comedyunit.co.uk agus rab.christie@comedyunit.co.uk