LEASACHADH DRAMA TBh GÀIDHLIG COTHROM 2025

English / Beurla

MU DHEIDHINN

DRÀMA TELEBHISEIN

Tha soirbheachas An t-Eilean air sealltainn mar a dh’fhaodas sgeulachd thoinnte, Ghàidhlig suidhichte ann an àrainneachd àlainn eileanach, luchd-amhairc a tharraing agus a ghreimeachadh.

Tha sinn airson leasachadh tuilleadh dràma Gàidhlig airson TBh agus tha sinn a’ sireadh bheachdan ùra, àrd-amasach bho sgrìobhadairean agus riochdairean.

 

Na tha sinn a’ sireadh

Tha sinn a’ sireadh bheachdan ùra a nì ceangal ri luchd-amhairc le Gàidhlig.

Sgeulachdan a tha freumhaichte agus dàimheil le suidhichidhean a tha aithnichte ann an saoghail agus eòlas an luchd-amhairc le comas a bhi tarraingeach cuideachd do luchd-amhairc eadar-nàiseanta.

Bu chòir beachdan a bhith làidir agus sònraichte,  a’ tarraing bho ar cànan ar dualchas agus ar cruth-tìre.

 

Gnè

Tha sinn fosgailte do gach gnè a bhios a’ togail ùidh agus a’ gluasad luchd-amhairc.

Bu mhiann leinn beachdan suidhichte san latha diugh seach a bhi a’ coimhead air ais. Ach, tha sinn fosgailte do bheachdan air an stèidheachadh bho chionn fhada cho fad ‘s gu bheil cothroman ann airson co-mhaoineachadh agus/no gu bheil àireamh bheag de charactaran agus agus suidhichidhean nan cois.

Tha e eu-coltach gun gabh sinn ri sgeulachdan iargalta, sci fi no uirsgeulan mar phàirt den ghairm seo.

A thuilleadh air beachdan ùra thèid beachdachadh air sgeulachdan bho leabhraichean – ach feumaidh na còraichean a bhith rim faighinn.

 

Cruth

Is e na prìomhachasan againn sreathan de phrògraman 45-60-mionaid. Chan fheum an sgeulachd a bhi iomchaidh airson an dàrna sreath.

 

Cànan

Tha an gairm seo airson beachdan dràma a tha gu ìre mhòr air an innse sa Ghàidhlig ach beachdaichidh sinn air cuibhreann de chànanan eile, (Beurla nam measg),  a rèir suidheachadh co-mhaoineachaidh suas gu 25% aig a’ char as àirde.  Bidh sinn a’ sùileachadh tagraidhean sgrìobhte sa Ghàidhlig.

 

Luchd-amhairc

Tha sinn airson a bhith tarraingeach do luchd-amhairc farsainge – gach cuid air BBC ALBA agus air BBC iPlayer le comas air feadh na RA, agus cuideachd cothroman sgaoilidh eadar-nàiseanta.

 

Miann

Rudan a tha cudromach dhuinn – mac-meanmna, lèirsinn agus miann. Tha sinn a’ coimhead airson guth sònraichte le sealladh eadar-dhealaichte air an t-saoghal.

 

Tàlant

Tha sinn airson a bhith ag obair leis na daoine cruthachail as fheàrr bho air feadh na h-Alba. Tha an gairm seo fosgailte do chompanaidhean riochdachaidh dràma ag obair còmhla ri luchd-cruthachaidh Gàidhlig aig àrd ìre. Tha dearbh-aithne cultarach agus cànanach deatamach.

Chan eil sinn a’ coimhead airson beachdan air cleasaichean aig an ìre thràth seo. Ach, bu chòir do bheachdan a bhith mothachail air na cleasaichean a tha ag obair sa Ghàidhlig.

 

Co-mhaoineachadh agus creideasan cìse

Ged a tha an gairm seo airson leasachadh aig ìre thràth bu mhath leinn beachdan no pròiseactan fhaicinn aig a bheil comas co-mhaoineachaidh le com-pàirtichean maoineachaidh leithid craoladairean eile, buidhnean sgrion agus luchd-sgaoilidh. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air molaidhean airson dràma TBh àrd-ìre a bhiodh airidh air creideas cìse AVEC na Rioghachd Aonaichte.

 

Buidseat

Gus a bhith airidh air faochadh cìs TBh AVEC na RA tha sinn a’ coimhead airson pròiseactan aig cosgais £1m ( aig an ìre as ìsle) gach uair craolaidh.

TAGRAIDHEAN

Dè?

Chan eil sinn a’ sireadh sgriobtaichean slàn. Tha sinn a’ lorg mìneachadh na sgeòil, na prìomh charactaran agus an dòigh-obrach a thathar a’ moladh – 4 duilleagan aig a’ char as fhaide.

Feuch an cuir sibh a-steach cuideachd Cunntas Obrach an airson am prìomh thàlant cruthachail.

Ma tha am beachd stèidhichte air leabhar, feumaidh sibh dearbhadh gu bheil na còraichean rim faighinn.

 

Càite?

bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

Cuin?

Cuiribh ur tagradh thugainn ro 1700 air 25.04.25.

 

Na h-ath cheumannan

Bidh sinn ag amas air beachdan a leughadh ro 09.05.25. Dh’fhaodadh gun toir sinn cuireadh gu sgrìobhadairean agus/no riochdairean coinneachadh gus innse dhuinn mu na pròiseactan aca.

 

Nì sinn co-dhùnadh mu na pròiseactan a tha sinn airson leasachadh ro 30.05.25. Cuiridh sinn fios air ais chun a h-uile tagraiche cho luath ‘s a ghabhas às dèidh a’ cheann-latha sin. Gheibh sgrìobhadairean/companaidhean riochdachaidh soirbheachail tairgse airson leasachadh pàighte.

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh

Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun iarrtas leasachaidh seo, nach cuir sibh fios gu Bill MacLeòid bill.macleod@mgalba.com