MU DHEIDHINN
Tha sealladh BBC ALBA farsaing, agus tha sinn àrd amasach. Tha sinn airson luchd-amhairc a thàladh bho air feadh Alba agus thairis, agus am brosnachadh le sgeulachdan làidir pearsanta agus suidhichidhean air leth. Tha sinn a’ lorg bheachdan sgairteil agus dàna.
Tha an gairm seo ag amas air beachdan aithriseach. Tha sinn a’ sireadh thagraidhean airson prògraman dàna is gaisgeil a thàlas luchd-amhairc farsaing – a bharrachd air beachdan a dh’fhaodas cliù a chosnadh don t-seanail. Tha càileachd a’ bhun-bheachd agus mar a thèid sin a chuir an cèill bunaiteach.
Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach, chuireadh sinn fàilte air beachdan le com-pàirtichean dearbhte eile, no fianais gu bheil comas sin a thàladh.
PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH
PRÌOMHACHASAN CLÀIR
DREACHAN AGUS FAID
CO-MHAOINEACHADH
Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a bheir aire do tuilleadh maoineachaidh bho leithid:
TAGRAIDHEAN
Bu chòir do mholaidhean a bhith mu dhuilleag no dhà (aig a’ char as fhaide) agus feumar iomradh a thoirt air na leanas:
Deanaibh cinnteach gu bheil na h-eileamaidean riatanach seo anns an tagradh agaibh.
Tha sinn a’ cur fàilte air blasad air bhidio den bheachd ged nach eil sin riatanach. Ach, ma tha tàlant ùr an sàs tha ro-shealladh air bhidio deatamach.
Feuch nach cuir sibh ainmean dhaoine ris na tagraidhean agad mura deach bruidhinn riutha agus gun do sheall iad ùidh ro-làimh.
DEITICHEAN AIRSON TAGRAICHEAN
Ceann-latha airson beachdan: 21/5/25, 5f
Faodar an cothrom a thoirt airson còmhradh le coimiseanairean.
Bidh sinn ag amas air ar co-dhùnadh coimiseanaidh a dhèanamh air no ro: 11/6/25
Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith sa Chuairt Coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk