Cuairt Coimiseanaidh BBC ALBA – Samhradh 2024

English / Beurla

Mun Chothrom

S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-màireach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire dhaoine air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.  Tha miann sgeulachdan innse a thogas dàimh le luchd-coimhid,  anns an urrain dhaibh earbsa a chuir agus a tha mar sgàthan air farsaingeachd am beatha.

Tha dà raon air ar n-aire:

1. Sgeulachdan aithriseach.  Susbaint làn spionnadh a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta.  Tha an dà chuid brìgh a’ bheachd, agus an dòigh anns an tèid a chuir an cèill, air leth cudromach dhuinn.
2. Co-riochdachadh – beachdan cruthachail a tha àrd amasach agus a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig a bheil comas follaiseach sin a thàladh. Bhiodh sinn a’ sùileachadh beachdan aithriseach, cur seachad, nàdar, no ceòl.

CINN-LÀ THAGRAIDHEAN

Tha a’ chuairt seo ag amas air clàr Nollaig 2024 agus Earrach 2025.
Ceann-là airson beachdan1f Diciadain19mh Ògmhios 2024
Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC5f Dihaoine 28mh Ògmhios 2024

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich aig bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

PRÌOMHACHASAN FOILLSEACHAIDH

Tha sinn a’ sireadh phrògraman aig am bibuaidh agus sonrachas agus a ghlacas aire air iPlayer.

Thoir thugainn beachdan mu chuspairean a sheasas a-mach anns a’ chlàr agus air am bi fèill às dèidh làimh air iPlayer.  Feumar gach cothrom a ghabhail gus ar susbaint a chuir mu choinneimh an luchd-cleachdaidh

Tha sinn a’ sireadh bheachdan cuideachd a b’ urrainn obrachadh ann an clàr ceann-bliadhna 2024/25.  Saoil dè na rudan a bheireadh daoine, thar nan ginealachdan, cruinn còmhla.  Ma rinneadh roimhe e, cha bhiodh sinn ag iarraidh tionndadh eile air am-bliadhna.

DREACH AGUS FAD

Gabhaidh sinn tagraidhean airson sreathan goirid.

Tha sinn sùbailte a thaobh fad ach le ùidh shònraichte ann an 60, 45 agus suas gu 20mionaidean airson beachdan a thèid am foillseachadh gu didseatach an toiseach.

Lùigeadh sinn tagraidhean fhaicinn a tha a’ toirt feairt air mar a dh’fhaodadh fad is cruth a chleachdadh airson stuthan ùra a dhealbh agus a lìbhrigeadh gu h-àraidh mu choinneimh feumalachdan iPlayer.  Bu chòir coimhead air cruthan-goirid mar dhòigh air tiotalan ùra a stèidheachadh, chan ann mar rud a lìonas beàrn sa chlàr.

Aig a’ cheann eile ge-ta, beachdaichidh sinn air tagraidhean àrd-amasach airson pròiseactan aithriseach a sheasas suas gu 90m agus a dh’fhaodadh nochdadh san taigh-dhealbh noaig fèisean mas tigeadh iad gu clàr TBh.  Bhiodh dùil gun tigeadh an leithid le ionmhas a bharrachd, air neo plana dearbhte airson a leithid fhaighinn, nan cois.

TAGRAIDHEAN

 Thoir fios dhuinn le:
1. Iomradh cruthachail
2. An luchd-cleachdaidh san amharc
3. Prìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara
4. Fios mu aontaidhean
5. Ìomhaighean mun chuspair
6. Prìs
7. Cuin a thèid a lìbhrigeadh
Seall dhuinn gu bheil thu air smaoineachadh air mar a thogadh ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.
Dh’fhaodadh gun tèid coinneamh a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman maoineachaidh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail

https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

Creideasan Cìse BFI

https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief