MU DHEIDHINN
Tha BBC ALBA ag amas air stuthan a lìbhrigeadh a tha freumhaichte, fiosrachail agus ris am faodar ceangal a dhèanamh. Agus tha sinn amasach, le sealladh farsaing airson ar cànan agus ar cultar a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.
Tha sinn a’ sireadh mholaidhean dàna airson prògraman aithriseach a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh’fhaodadh aithne is cliù a chosnadh don t-seanail.
PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH
PRÌOMHACHASAN CLÀIR
DREACH AGUS FAD
CO-MHAOINEACHADH
Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a bheir aire do thuilleadh maoineachaidh bho leithid:
https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief
TAGRAIDHEAN
Bu chòir do thagraidhean a bhith mu dhuilleag no dhà (aig a’ char as fhaide) agus feumar iomradh a thoirt air na leanas:
Dèanaibh cinnteach gu bheil na h-eileamaidean riatanach seo uile anns an tagradh agaibh.
Cuiridh sinn fàilte air blasad den bheachd fhaicinn air bhidio goirid ged nach eil seo riatanach. Ach, ma tha daoine nach eil air nochdadh anns na meadhanan roimhe an sàs tha ro-shealladh air bhidio deatamach.
Feuch nach cuir sibh ainmean dhaoine ri na tagraidhean mura deach bruidhinn riutha agus gun do sheall iad ùidh ro-làimh.
DEITICHEAN AIRSON TAGRAICHEAN
Ceann-latha airson beachdan: Diluain 29 Sultain, 5f
Aon uair ’s gu bheil na tagraidhean uile aig an Sgioba Coimiseanaidh, thèid breithneachadh orra gu mionaideach agus thèid geàrr-liosta a dhèanamh de na beachdan a thathar a’ measadh as làidire anns a’ chuairt.
Thèid coinneamh a thabhainn an uair sin le Riochdairean gus bruidhinn air na pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.
Tha sinn an dùil coinneachadh le Riochdairean aghaidh ri aghaidh aig Cidhe a’ Chuain Shèimh ann an Glaschu no air loidhne air 9 / 10 Dàmhair agus air 20 / 21 Dàmhair.
Às dèidh nan coinneamhan seo, bidh sinn ag amas air fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh air 31 Dàmhair.
Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith sa Chuairt Coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk