CUAIRT COIMISEANAIDH BBC ALBA & BBC SCOTLAND AIRSON DRÀMA DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG

English / Beurla

MUN CHOTHROM

Tha BBC Scotland agus BBC ALBA gu bhith ag obair còmhla ann an dòigh ùr inntinneach gus riochdachadh Gàidhlig a mhaoineachadh ann an Alba. Le maoin co-choimiseanaidh de £800k thairis air dà bhliadhna, maoinichte leis a’ BhBC agus MG ALBA, bidh na seanailean seo ag obair còmhla gus pròiseactan ùra a lorg airson luchd-amhairc fharsaing, agus a bhios rim faicinn air grunn ùrlaran mar iPlayer, YouTube, agus TBh. Bithear a’ sireadh bheachdan sa Ghàidhlig ann an gnèithean sònraichte thar ​​dà bhliadhna le cothroman airson leasachadh tàlant cruthachail anns a’ Ghàidhealtachd is Na h-Eileanan.

Bidh a’ chiad chothrom riochdachaidh airson dràma a gheibh a’ chiad shealladh ann an riochd didseatach agus a tha ag amas air luchd-amhairc nas òige. Air am brosnachadh le na dràmathan goirid soirbheachail aig BBC Scotland, Float agus Dog Days, a choisinn duais dràma bho Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba am-bliadhna, bidh na dràmathan didseatach seo mu dheich mionaidean a dh’fhaid agus air foillseachadh air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA. Às dèidh ùine leasachaidh, bithear ag amas gum bi am pròiseact soirbheachail air a riochdachadh ann an 2025.

Thig cothroman airson beachdan aithriseach is cur-seachad nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Tha an cothrom seo ag amas air sgil riochdachaidh a thogail agus tàlant òg le Gàidhlig a bhrosnachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

COTHROM AIRSON DRÀMA ÙR DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG

Tha BBC ALBA agus BBC Scotland a’ sireadh bheachdan airson sreath dràma ùr ann an cruth goirid a bhios ag amas air luchd-amhairc nas òige air làraich didseatach. Ann an cruth coltach ri na dràmathan goirid soirbheachail aig BBC Scotland mar Float agus Dog Days, a choisinn duais dràma bho Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba am-bliadhna, bu chòir dha na beachdan dràma didseatach a bhith mar sreath de dh’irisean goirid de dheich mionaidean a dh’fhaid ag amas gu sònraichte air BBC iPlayer agus seanail YouTube BBC ALBA.

Tha sinn fosgailte do raon fharsaing de bheachdan thar gnèithean drama eadar-dhealaichte. Bu chòir sgeulachdan a bhith sgiobalta, a’ greimeachadh an luchd-amhairc bhon toiseachd, a’ dèiligeadh ri cuspairean a tha iomchaidh do luchd-amhairc eadar 16-24 bliadhna a dh’aois. Ge bith an e sgeulachd mu bhith a’ fàs suas, cuspair oillteil, ficsean saidheansail no romansach, bu chòir riochdairean a bhith soilleir ciamar a bheir a’ bheachd aca buaidh ann am margaidh dràma òigridh fharpaiseach. Ged a tha sinn a’ cur fàilte air eirmseachd, chan eil sinn a’ coimhead airson comadaidh sitcom no taisbeanaidhean stèidhichte air sgeidse san t-seadh àbhaisteach.

Chan eil an cothrom dràma seo a’ toirt taic do sgeulachdan fa-leth no monologan agus bu chòir dhan a’ bheachd a bhith stèidhichte air sreath irisean, le dùbhlain agus caractaran tarraingeach a bhios sinn airson leantainn gu deireadh. Beachdaichidh sinn, ge-tà, air dòighean-obrach is stoidhle a thaobh tachartasan a tha a’ tighinn ri buidseat didseatach leithid clàradh gun stad, dràmathan air am filmeadh air fòn-làimhe, Dogme 95 msaa (ged a tha stoidhle telebhisean nas traidiseanta iomchaidh cuideachd!)

Tha sinn a’ miannachadh tàlant Gàidhlig a leasachadh agus mar sin feuch an cùm sibh seo na ur cuimhne nuair a choimheadas sibh air an tàlant air-sgrion agus far-sgrion a tha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ toirt a’ bheachd gu buil. Tha dàimh dha rìreabh ri dualchas agus cànan cudromach. Chan eil sinn a’ sireadh bheachdan a chaidh an cruthachadh bho thùs sa Bheurla, no a dh’fheumas an eadar-theangachadh. Ach ghabhadh sinn ri co-obrachadh eadar sgrìobhadairean Gàidhlig agus Beurla.

Bu chòir tagraidhean a thighinn tro chompanaidh riochdachaidh Albannach ach feumaidh iad innse gu soilleir mar a tha an tairgse a’ toirt taic do leasachadh tàlant agus riochdachadh air Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba.

Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan aig a bheil tàlant cruthachail (sgrìobhadairean, stiùirichean, riochdairean) taobh a-staigh, no às, an sgìre.

Bheir sinn cuideachd cuideam gu pròiseactan anns a bheil dhà no barrachd de na h-eileamaidean a leanas air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

  • Sgeulachdan
  • Làraich clàraidh
  • Riochdachadh
  • Bunait companaidh

Chuireadh sinn fàilte air com-pàirteachasan eadar companaidhean riochdachaidh mura bheil fear dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Mas e sgrìobhadair Gàidhlig a th’ annaibh aig a bheil ùidh sa chothrom seo ach nach eil cinnteach ciamar a nì sibh ceangal ri companaidhean riochdachaidh, cuiribh post-d gu Bill Macleòid – bill.macleod@mgalba.com – airson taic.

Faodaidh sgeama cànain measgaichte a bhith aig na prògraman, ach bu chòir gum biodh a’ Ghàidhlig na prìomh chànan an-còmhnaidh.

Tha dràma didseatach na ghnè le prìs ìosal, eadar £3k-£4k gach mionaid, agus bhiodh sinn an dùil gun toireadh riochdairean cumadh air am beachdan agus meud an sgioba lìbhrigidh dha rèir – no trusadh luchd-maoineachaidh a bharrachd gus am buidseat riochdachaidh iomlan àrdachadh.

Bu chòir geàrr-chunntas de bheachdan a chur a-steach ro 6/1/25.  Thèid leasachadh cuid de phròiseactan a mhaoineachadh ro cho-dhùnadh riochdachaidh as t-Earrach 2025. Feuch an cuir sibh a-steach fiosrachadh mun sgrìobhadair agus sampall sgrìobhaidh sa Ghàidhlig le tar-sgrìobhadh Beurla.

Bu chòir tagraidhean a chur gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk

Tha an cothrom seo mar phàirt de ghealladh dà-bhliadhna bho BBC Scotland agus BBC ALBA gus taic a thoirt do chothroman riochdachaidh Gàidhlig le tuilleadh chothroman aithriseach is cur-seachad rin ainmeachadh nas fhaide air adhart sa bhliadhna.