MUN CHOTHROM
’S e seanail adhartach a bhuinneas don là an-diugh a th’ ann am BBC ALBA le Gàidhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing, agus tha ar n-amasan mòr. Tha sinn airson luchd-amhairc air feadh Alba agus nas fhaide air falbh a ghluasad agus a bhrosnachadh le sgeulachdan làidir daonna agus seallaidhean gun samhail. Tha sinn a’ lorg bheachdan sgairteil agus dàna. Siuthadaibh, cuiribh iongnadh oirnn!
Tha an gairm seo ag amas air beachdan aithriseach. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson prògraman dàna is gaisgeil a bhuannaicheas luchd-amhairc farsaing – a bharrachd air beachdan a dh’fhaodas aithne chudromach a choileanadh don t-seanail. Tha càileachd a’ bhun-bheachd agus a choileanadh cruthachail bunaiteach dhuinn. Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach, chuireadh sinn fàilte air beachdan le com-pàirtichean dearbhte eile, no aig a bheil comas sin a thàladh.
CINN-LÀ THAGRAIDHEAN
Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH
GNÈITHEAN
PRÌOMHACHASAN CLÀIR
Tha sinn a’ sireadh bbeachdan sònraichte, tarraingeach airson a’ chlàr loidhneach aig prìomh àm a bheir buaidh cuideachd air iPlayer.
Tha fàilte cuideachd air beachdan didseatach cruth goirid. Tha sinn a’ sireadh dhòighean-obrach ùr-ghnàthach a thaobh mar a tha susbaint air a phacaigeadh agus air a thaisbeanadh do luchd-amhairc nas òige (16-35), biodh e mar shusbaint iPlayer-an toiseach, airson BBC ALBA YouTube no airson an t-seanail loidhneach. Tha buaidh cudromach. Bu chòir prògraman cruth goirid a bhith air am faicinn mar shusbaint làidir annta fhèin, chan e airson a bhith a’ lìonadh a’ chlàir. Bidh mìneachadh soilleir air an luchd-amhairc air a bheileas ag amas, stoidhle susbaint agus gràmar cruth goirid eile riatanach airson coimisean.
DREACH AGUS FAD
Tha sinn fosgailte do mholaidhean airson prògraman singilte agus sreathan goirid. Feumaidh prògraman singilte sealltainn mar a tha iad sònraichte le smuaintean air mar a nithear margaidheachd làidir.
Gabhaidh sinn dòigh-obrach sùbailte a thaobh faid. Is e am prìomh rud gu bheil an cruth a’ freagairt air a’ phrìomh mholadh agus nach eil e air a leudachadh gu fad neo-riaghailteach.
Beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach singilte feature length (a’ gabhail a-steach a’ ghnè ciùil) aig a bheil cearcall-beatha cinematic/fèille mus nochd iad air TBh loidhneach. Thathas an dùil gum bi co-mhaoineachadh aig prògraman aithriseach mu thràth no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh creidsinneach na àite.
TAGRAIDHEAN
Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail
https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
Creideasan Cìse BFI
https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief