MU DHEIDHINN
Tha BBC ALBA agus BBC Scotland còmhla a’ lorg bheachdan airson sreathan ùra goirid de chur-seachad fìrinneach a bhios freagarrach do dh’aoisean nas òige (18-24). ’S e an rud as cudromaiche gu bheil an t-susbaint a’ faireachdainn is a’ coimhead ùr is beothail le fìor dheagh thàlant Gàidhlig aig a cridhe.
Lùigeadh sinn earrannan de 8-15 mionaidean a dh’fhaid a tha air an cruthachadh gu sònraichte do BhBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA, le cruth is cur-seachad tarraingeach na bhunait, agus a chumas luchd-amhairc a’ tilleadh airson tuilleadh. Bu chòir dha gach earrann a bhith luath, dathach is geur. Chan eil sinn idir a’ coimhead airson prògraman aithriseach àbhaisteach.
Tha fàilte ro chompanaidhean an Alba a tha stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan* no ann an co-bhanntachd le companaidhean a tha stèidhte ann an àiteachan eile. Bu chòir gu bheil gach tagradh a’ sealltainn ciamar a thathas a’ cur taic ri riochdachadh agus leasachadh tàlant Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan.
Feumar gach tagradh gabhail a-steach dhà de na h-eileamaidean a leanas air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan:
Faodaidh an t-susbaint a bhith dà-chananach, ach bu chòir gur i a’ Ghàidhlig a tha a’ faighinn prìomhachas an còmhnaidh.
Tha sinn an dùil gum bi an taraif timcheall air £1k gach mionaid agus bhiodh sinn a’ sùileachadh gum bi companaidhean a’ smaoineachadh air an seo nan cuid beachdan, no obrachadh còmhla ri buidhnean eile airson maoin a bharrachd a thoirt chun phròiseict.
TAGRAIDHEAN
Bu chòir beachdan (riochd goirid) a chur thugainn ro 12f air 27.03.2025, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara, bhidio a’ sealltainn tàlant ùr sam bith, molaidhean air ceadan coileanta airson YouTube agus buidseat agus fiosrachadh mun chompanaidh.
Cuiribh na beachdan gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk.
Tha an cothrom tha seo a’ tighinn à gealltanas eadar BBC Scotland agus BBC ALBA airson dà bhliadhna de thaic airson susbaint Gàidhlig ùr air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-eileanan, a’ gabhail a-steach dràma agus cur-seachad fìrinneach.