MU DHEIDHINN
Tha MG ALBA agus BBC ALBA ann an com-pàirteachas le BBC Film agus Sgrìn Alba a’ sireadh bheachdan leasachaidh airson filmichean fada sa Ghàidhlig.
Tha soirbheachas agus cliù filmichean Gaeilge leithid Arracht, An Cailín Ciúin agus Kneecap air luchd-cruthachaidh fhilmichean ann am mion-chànanan a bhrosnachadh. Cuideachd, tha filmichean a choisinn cliù eadar-nàiseanta leithid The Outrun, Aftersun agus film fosglaidh Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na bliadhna sa, The Incomer, air cumhachd filmichean à Alba a thaisbeanadh. Tha sinn a’ sireadh soirbheachas mar sin anns a’ Ghàidhlig agus mar thoiseach tòiseachaidh tha sinn airson pròiseactan Gàidhlig a leasachadh airson am faicinn ann an taighean-dhealbh.
Àrd-amas
Tha sinn a’ toirt cothrom do sgrìobhadairean a tha ag obair anns a’ Ghàidhlig agus aig a bheil beachdan sònraichte obair a chruthachadh airson luchd-amhairc nan taighean-dhealbh san rìoghachd agus thall-thairis. ’S e cothrom a tha seo buaidh mhaireannach a dhèanamh, agus neart na Gàidhlig a thaisbeanadh aig fèisean film air feadh an t-saoghail.
Tàlant
Tha sinn airson obrachadh leis an luchd-cruthachaidh as fheàrr a tha ag obair sa Ghàidhlig. Tha a’ ghairm seo fosgailte do sgrìobhadairean aig a bheil eòlas ann an sgrìobhadh airson sgrion, àrd-ùrlair no cruthan ficsean eile. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air tagraidhean bho chom-pàirteachasan eadar riochdairean is sgrìobhadairean.
Cànan
Chan eil sinn a’ sireadh obair a chaidh eadar-theangachadh no sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh an toiseach sa Bheurla. Tha sgrìobhadh a tha freumhaichte anns a’ Ghàidhlig deatamach dhuinn.
Bu chòir don mhòr-chuid de chòmhradh sa bheachd a bhith sa Ghàidhlig ach bheir sinn sùil air cuibhreann de chànanan eile (a’ gabhail a-steach Beurla) suas ri mu 20%.
Atharrachadh
Chuireadh sinn fàilte air tionndaidhean bho litreachais, ma tha còraichean an obair tùsail agaibh. Ma thathas a’ moladh stuth nach robh sa Ghàidhlig bho thùs, feumar iomradh a thoirt air mar a bhios cruth is guth Gàidhlig ag atharrachadh bunait an obair tùsail.
Gnè
Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh sgeulachdan Ghàidhlig suidhichte anns an latha an-diugh. Tha seo na chothrom do sgrìobhadairean cuspairean a’ lìbhrigeadh ann an dòigh nas pearsanta agus ùr-nòsach na bhiodh comasach ann am modhan nas traidiseanta.
Coimheadaidh sinn ri sgeulachdan eachdraidheil ma tha cothrom ceangal is dàimh a thogail leotha, agus ma tha iad air an dealbh airson an lìbhrigeadh ann an cruth film fada.
Buidseat
Tha a’ ghairm seo airson beachdan filmichean fada as urrainn an lìbhrigeadh air buidseat eadar £1.5 agus £2 mhillean.
Ged is e leasachadh aig ìre thràth a tha seo, bu mhath leinn beachdan no pròiseactan fhaicinn aig a bheil cothrom maoineachadh a thàladh bho chom-pàirtichean eile leithid craoladairean, buidhnean sgrion agus companaidhean-sgaoilidh.
Na thathas a’ tairgsinn
TAGRAIDHEAN
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh
Gabhaidh sinn ri iarrtasan bho sgrìobhadairean Gàidhlig no com-pàirteachasan sgrìobhaidh. Tha sinn fosgailte do thagraidhean bho sgiobaidhean sgrìobhadair/riochdaire.
Na tha sinn a’ sireadh
Cuiribh gach nì thugainn aig:
bbcalbacommissioning@bbc.co.uk ro 5f air 19 Dàmhair 2026.
Bidh pannal taghaidh ann le riochdairean bho MG ALBA, BBC ALBA, BBC Film agus Sgrìn Alba. Dh’fhaodadh iad coinneamh iarraidh gus barrachd fhaighinn a-mach mu na beachdan.
Thèid co-dhùnaidhean a’ phannail mu na pròiseactan a thèid air adhart gu leasachadh pàighte an sgaoileadh air 16 Samhain 2026.
Thèid fiosrachadh a thoirt do gach tagraiche às dèidh sin.
Ma tha sgrìobhadairean soirbheachail agus gu bheil iad às aonais riochdaire mar chom-pàirtiche airson leasachadh, feuchaidh sinn ri ceangal a bhrosnachadh eadar sgrìobhadairean agus riochdairean a tha eòlach air lìbhrigeadh film.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun ghairm leasachaidh seo, cuiribh fios gu Bill MacLeòid aig bill.macleod@mgalba.com.