MU DHEIDHINN
Tha dùil gum bi samhradh 2026 na thaisbeanadh spòrs air leth, le Alba a’ tilleadh chun àrd-ùrlar as motha ann am ball-coise an t-saoghail is sgioba nàiseanta nam fir a’ farpais aig Cupa na Cruinne airson a’ chiad uair bho 1998. Brosnaichidh seo còmhraidh nàiseanta mun sgioba agus mun fharpais a bhios air feadh nan Stàitean Aonaichte, Canada agus Meagsago.
Tha BBC ALBA a’ coimhead ri pod-chraoladh bhidio a choimiseanadh sa Ghàidhlig airson comharrachadh an àm eachdraidheil seo.
Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha ball-coise air gluasad bho bhith a’ craoladh san dòigh traidiseanta gu còmhraidhean fada le barrachd deasbadan meòrachail a bheir prìomhachas do shusbaint onarach, stèidhichte air pearsantachd. Bidh prògraman mar The Rest is Football agus Open Goal a’ tàladh an luchd-èisteachd le beachdan sònraichte agus sgeulachdan èibhinn, agus tha The Overlap a-nis mar aon de na prìomh irisean spòrs air YouTube san RA le luchd-leantainn òg làidir.
’S e ar prìomhachas dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, ann an dòigh ùr, inntinneach aig teis-mheadhan cuspair a bhios gu cinnteach aig bàrr inntinn mhòran tron Ògmhios agus an t-Iuchar. Tha sinn ag amas air luchd-cleachdaidh Gàidhlig fo aois 45. Ach, bhiodh sinn an dòchas ruighinn duine sam bith aig a bheil ùidh ann am ball-coise no a th’ air am beò-ghlacadh le Cupa na Cruinne.
Ged a bu chòir irisean a bhith fiosrachail, chan e pod-chraoladh naidheachd a tha seo. Bu chòir beachdan lèirsinneach is èibhinn a bhith na lùib, a thuilleadh air dàimh eadar aoighean a bhios tarraingeach dhan luchd-èisteachd. Tha sinn a’ sireadh chom-pàirtichean a tha ainmeil taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig a tha comasach air conaltradh gu sgiobalta agus gu h-innleachdach ri cach a chèile, agus aig an aon àm cruthachadh àite agus a’ brosnachadh com-pàirteachadh bho gach neach. Bu chòir don phod-chraoladh bhidio prìomh fòcas a chur air com-pàirteachadh sgioba na h-Alba san fharpais.
Tha sinn an dùil co-dhiù sia prògraman a choimiseanadh aig an ìre seo, ged a leigeas dòigh-obrach shùbailte leinn barrachd phrògraman a choimiseanadh, ma bhios sin a dhìth, mar a bhios an fharpais a’ dol air adhart. Bu chòir do dh’irisean a bhith stèidhichte air prìomh amannan, ge bith an e fios mu cò a tha san sgioba no geamannan na buidhne a bhios ann. Feumaidh iad sin a bhith air an cruthachadh gu sgiobalta airson foillseachadh cho faisg air an àm ’s a ghabhas. Tha sinn an dùil gum bi am pod-chraoladh bhidio air BBC Sounds, BBC iPlayer agus seanail YouTube BBC ALBA, a’ leigeil le luchd-cleachdaidh an t-susbaint fhaighinn san dòigh as fheàrr leotha.
Bu chòir gum biodh na deilbh a tha dol leis a’ phod-chraoladh a bhith tarraingeach dhan luchd-cleachdaidh agus dhan taiceachadh iad fhèin a bhogadh sa chuspair. Bu chòir dhaibh a bhith àrd-inbhe gus an tèid criomagan an sgaoileadh air ùrlaran meadhanan sòisealta BBC ALBA.
Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho chompanaidhean riochdachaidh Albannach no luchd-cruthachaidh susbaint aig a bheil ùidh anns na tha gu h-àrd. Dèanaibh cinnteach gum bi na leanas anns na molaidhean agaibh:
Bu chòir tagraidhean a chur a-steach gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk ro 5f feasgar air 28 Giblean 2026.