CUAIRT COIMISEANAIDH PRÒGRAMAN AITHRISEACH BBC ALBA, SAMHRADH 2026/27

English / Beurla

MU DHEIDHINN

Tha BBC ALBA airson prògraman a lìbhrigeadh a tha brìoghmhor agus air an cuir luchd-cleachdaidh na Gàidhlig aithne is luach. Tha sinn àrd-amasach, le sealladh farsaing, agus airson ar cànan is ar cultar a thaisbeanadh le misneachd. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson prògraman aithriseach cumhachdach is dàna a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh’fhaodadh aithne is cliù a chosnadh.

PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH – BEACHDAN AITHRISEACH

  • Tha sinn a’ sireadh beachdan aithriseach a bheir buaidh, le sgeulachdan tarraingeach agus caractaran làidir.
  • Chuireadh sinn fàilte air beachdan le ceangal ri maoineadairean/craoladairean eile.
  • Anns a’ chuairt seo chan eil sinn a’ sireadh bheachdan mu:
    • cuspairean eachdraidheil
    • sreathan cur-seachad
    • cuirmean-ciùil
  • Thèid cuairtean coimiseanaidh fhoillseachadh airson gnèithean eile tron bhliadhna.

PRÌOMHACHASAN CLÀIR

  • Tha a’ chuairt seo airson beachdan a thèid a lìbhrigeadh gu BBC ALBA tro geamhradh 2026/27
  • Tha sinn a’ sireadh bheachdan a tha tarraingeach ’s a ghlacas aire an luchd-amhairc aig 9f, ach a bheir buaidh air iPlayer cuideachd.

DREACH AGUS FAD

  • Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman fa-leth agus sreathan goirid.
  • Tha sinn sùbailte a thaobh faid nam prògraman
  • Beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach nas fhaide a dh’fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh ​loidhneach. Thathas an dùil gun tig prògraman aithriseach mar seo le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.

CO-MHAOINEACHADH

Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a tha ag amas air tuilleadh maoineachaidh bho leithid:

TAGRAIDHEAN

Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lìonadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo ceangal BBC ALBA FACTUAL COMMISSIONING ROUND SUMMER 2026/27 – Fill in form

Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN

Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f

Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn as freagarraiche agus as misneachaile a chruthachadh.

Thèid coinneamhan an cumail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta.  ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.

Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.

Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk