CUAIRT COIMISEANAIDH DIDSEATACH, SAMHRADH 2026

English / Beurla

COTHROM ÙR DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG

Tha BBC ALBA a’ sireadh bheachdan airson sreathan ùra didseatach airson YouTube agus BBC iPlayer, ann an gnèithean aithriseach agus cur-seachad, a tha ag amas air luchd-amhairc aois 18–24.

Le barrachd roghainn na bh’ ann a-riamh, tha e deatamach gum bi an t-susbaint seo a’ seasamh a-mach air ùrlaran didseatach. Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn ùr-nosach, dàna agus sònraichte ann an cuspair, stoidhle agus aithris, agus air an làimhseachadh bho shealladh òg.

Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn fìor agus a’ sealltainn mar a bhios Gàidheil òga beò san latha an-diugh ann an suidhichidhean dùthchail, bailteil agus ann an dùthaich sam bith.

Tha sinn a’ coimhead airson sreathan goirid le prògraman mu 8–15 mionaidean a dh’fhaid, air an cruthachadh gu sònraichte airson BBC ALBA YouTube agus BBC iPlayer.

Smaoinichibh air sreathan a dh’fhaodadh tilleadh, a tha tarraingeach le adhbhar soilleir airson luchd-amhairc a ghreimeachadh. Bu chòir dhaibh a bhith sgiobalta, dathteach agus misneachail, le blàths, innleachdas agus pearsantachd aig a’ chridhe (smaoinich air sreathan leithid Somhairle Spins agus Rudan Beaga Bòidheach le Niamh Mackinnon).

Tha ùidh shònraichte againn ann an sreathan le luchd-cruthachaidh Gàidhlig, aig a bheil luchd-leantainn air-loidhne mu thràth.

Tha sinn dealasach a thaobh tàlant Gàidhlig a leasachadh air agus air cùl an sgrìon, agus tha dearbh-aithne chultarail agus cànain riatanach. Bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith a’ faireachdainn nàdarrach, misneachail agus ùr-nòsach. Tha dùil gum bi Gàidhlig acasan a bhios anns na prìomh dhreuchdan anns an criutha, far a bheil sin comasach.

CUSPAIREAN

Tha sinn fosgailte do raon farsaing de chuspairean, ach tha ùidh shònraichte againn ann am beachdan a bheir luach soilleir don luchd-amhairc agus a bhrosnaicheas com-pàirteachadh, còmhradh no ceangal. Dh’fhaodadh beachdan a bhith air aon no cuid dhe na roinnean gu h-ìosal:

  • Toileachas agus Togail Às
    • Susbaint a tha spòrsail, dathteach agus a leigeas le luchd-amhairc òg ‘switch off’ a dhèanamh.
  • Beatha is fèin-aithne
    • Sgeulachdan a tha freumhaichte ann am beatha làitheil, plòidh, dàimhean agus eòlas pearsanta – a’ sealltainn mar a bhios daoine òga a’ làimhseachadh cànan, cultar, obair, cruthachalachd agus buinteanas.
  • Ionnsachadh, iongantas & cothrom “gìceireachd” a dhèanamh
    • Beachdan ruigsinneach, aotrom a leigeas le daoine rudeigin ùr ionnsachadh – sgilean, raointean beatha sònraichte, fo-chultaran no seallaidhean eadar-dhealaichte, ann an dòigh spòrsail, pearsanta.
  • Coimhearsnachd & ceangal
    • Susbaint a tha a’ brosnachadh com-pàirteachadh, agus còmhradh air nam meadhanan sòisealta; a’ brosnachadh dhaoine gus beachd a thoirt seachad le ceangal gum beatha fhèin agus an cuid caraidean.
  • Beatha inbhich òga
    • Sgeulachdan air an lìbhrigeadh no a’ taisbeanadh beatha dhaoine òga agus mar a tha iad a’ dèiligeadh le obair làitheil, airgead, fèin-aithne no cruthachas – bu chòir seo a bhith stèidhichte air eòlas pearsanta agus air a thoirt seachad le blàths, plòidh agus lèirsinn.

Chan eil sinn a’ coimhead airson cruthan TBh no modalan riochdachaidh traidiseanta. Bidh beachdan soirbheachail comasach an coileanadh air buidseatan didseatach, bidh stoidhle lèirsinneach, làidir aca agus bidh iad a’ tabhann susbaint ioma-ùrlar airson am brannd aca a bhith air ùrlaran BBC ALBA.

Bu chòir dhan a’ Ghàidhlig a bhith na prìomh cànan air an sgrìon ged a tha measgachadh cànain ceadaichte.

MAOINEACHADH

Bidh buidseat mu £1k gach mionaid agus bhiodh dùil gum biodh riochdairean a’ dealbh phlanaichean dha rèir, no ag obair le luchd-maoineachaidh eile gus am buidseat riochdachaidh iomlan a mheudachadh.  Maoineadairean leithid, Alba Chruthachail https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

TAGRAIDHEAN

Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lionadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo BBC ALBA COMMISSIONING, DIGITAL FACTUAL + FACT ENT CALLOUT, SUMMER 2026.

Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN

Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f

Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn as freagarraiche agus as misneachaile a chruthachadh.

Thèid coinneamhan an cùmail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta.  ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.

Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.

Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk