Cothrom Coimiseanaidh Prògraman aithriseach Goirid Chloinne BBC ALBA 2026

English / Beurla

MU DHEIDHINN

Tha BBC ALBA air leth toilichte aon uair eile a bhith ann an com-pàirteachas leis an EBU (Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa) co-cheangailte ri prògraman aithriseach goirid chliùiteach chloinne. Nì gach companaidh soirbheachail aon phrògram aithriseach 15-mionaid a thèid a cho-roinn agus a chraoladh air feadh na Roinn Eòrpa.

Is e cothrom cruthachail sònraichte a tha seo dha riochdairean agus stiùirichean. Bidh an sgeama a’ tabhann comhairleachadh bho phrìomh dhaoine sa ghnìomhachas a thuilleadh air deasbad, taic agus fios air ais bho luchd-dèanamh fhilmichean Eòrpach eile. Bidh filmichean air an dèanamh mar phàirt den phrìomh thaisbeanadh eadar-nàiseanta seo gu cunbhalach a’ dol air adhart gu bhith a’ cosnadh dhuaisean air feadh an t-saoghail.

Tha sinn a-nis a’ sireadh thagraidhean bho chompanaidhean airson prògraman aithriseach goirid chloinne airson 2026.

OS-SHEALLADH

  • Cuspair: “Is urrainn dhomh a dhèanamh!”
  • Fad: 14’45”
  • Luchd-amhairc: Aois 10-12, ach freagarrach airson 8-12
  • Cuspair: Bu chòir nighean no balach le Gàidhlig (suas gu 12 bliadhna a dh’aois) a bhith aig cridhe na sgeòil agus bu chòir dhaibh an sgeulachd mu dhùbhlan pearsanta innse nam faclan fhèin le glè bheag de thabhartas bho inbhich
  • Stoidhle: Cinematic, observational agus air a ghearradh gus leigeil le tionndadh gu cànanan eile

CLÀR-AMA AGUS FIOSRACHADH EILE

  • Coinneamh riochdachaidh air-loidhne – Màrt/Giblean 2026
  • Riochdachadh – Cèitean-Lùnastal 2026 (saor-làithean sgoile)
  • Coinneamh rough-cut (cruinn còmhla) – Sultain 2026
  • Lìbhrigeadh gu EBU/BBC ALBA – deireadh an Dàmhair 2026
  • Coinneamh sgrìonaidh ann an Montenegro – tràth san Dùbhlachd 2026
  • Craoladh air BBC ALBA – Nollaig 2026
  • Às dèidh craoladh bithear an dùil gun cuir an riochdaire am film a-steach airson farpais air cuairt na fèise eadar-nàiseanta (deich tagraidhean aig a’ char as lugha)
  • Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus eisimpleirean de dh’fhilmichean bho bhliadhnaichean roimhe rim faighinn
  • Tha feum aig an EBU air còraichean agus cead air feadh an t-saoghail airson 10 bliadhna agus còraichean eile a tha a’ ciallachadh gu bheil an cùmhnant neo-àbhaisteach
  • Tha Àrd-Riochdaire fhèin aig an EBU a bhios mar phàirt den chiad phròiseas taghaidh agus a bhios ag obair còmhla ris na sgiobaidhean riochdachaidh soirbheachail

MAOINEACHADH

PRÒISEAS TAGRAIDH

  • Cuir a-steach co-dhiù dà bheachd airson sgeulachd/cuspair mar phàirt den tagradh agad. Bu chòir dhaibh sin a bhith a’ toirt a-steach ruidhlichean goirid de na cuspairean a thathar a’ moladh air am filmeadh air fòn làimhe (smart phone)
  • Cuir a-steach geàrr-chunntas air eòlas riochdachaidh agus comharradh air prìomh thàlant
  • Thoir an aire, a bharrachd air na cuspairean air an sgrion, gum feum an riochdaire agus an stiùiriche a tha ceangailte ris an tagradh a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig
  • Ceann-latha airson tagraidhean – 5f, Diardaoin 26mh Gearran 2026
  • Co-dhùnadh coimiseanaidh – 5mh Màrt 2026
  • Bu chòir tagraidhean a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
  • Ma tha ceistean sam bith agad cuir fios gu: rachel.mackay@mgalba.com