BBC ALBA, GAIRM COIMISEANAIDH, GEAMHRADH 2026/27

English / Beurla

MU DHEIDHINN

Tha BBC ALBA a’ sireadh susbaint do luchd-amhairc na Gàidhlig a tha fìrinneach, brìoghmhor agus a nì ceangal buadhmhor le daoine. Tha sinn àrd-amasach agus a’ coimhead a-mach dhan t-saoghal, le rùn ar cànan agus ar cultar a thaisbeanadh do luchd-cleachdaidh nas fharsainge. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson susbaint buadhach a bhios tarraingeach do luchd-amhairc de gach aois, cho math ri beachdan cruthachail a choisinneas cliù.

PRIOMHACHAS COIMISEANAIDH: AITHRISEACH

1: PRÒGRAMAN-AITHRIS

Cuspair an t-sreath: DÒCHAS

Fad: 30, 45 mionaidean

Àm: 8.30f, 9f 

Ann an saoghal mì-chinnteach agus sgaraichte, càite an lorg sinn dòchas?

Tha BBC ALBA a’ sireadh phrògraman-aithriseach dàna, ùr agus brosnachail fon chuspair ‘Dòchas’. ’S e sreath de dh’fhilmichean fa-leth a bhios an seo, bho chompanaidhean eadar-dhealaichte, mu dhaoine, àiteachan, ùidhean agus amannan ris nach robh dùil, a tha a’ toirt adhbharan dhuinn a bhith a’ creidsinn agus dòchasach. Coma leibh cianalas ’s e Dòchas dha-rìreabh a tha seo. Tha sinn a’ lorg bheachdan sònraichte a ghlacas aire agus aig a bheil comas air luchd-amhairc farsaing a thàladh thar àrd-ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail a-steach craoladh traidiseanta, iPlayer agus YouTube,  le susbaint dhidseatach shònraichte na chois.

Clàr-phrìs: Suas gu £40k gach 30-mionaid

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

Faodaidh companaidhean barrachd air aona bheachd a chur a-steach.

 

2: PRÒGRAMAN AITHRIS

Filmichean Fa-leth

Fad: 60, 75, 90 mionaid

Àm: 9.00,10.00f

Tha BBC ALBA a’ sireadh sgeulachdan a sheasas a-mach anns a’ chlàir-ama, a bheir air daoine stad a’ sgroladh, agus a bheir oirnn còmhradh.

Tha sinn a’ sireadh bheachdan airson prògram-aithriseach sònraichte, uair a thìde, no barrachd, a dh’fhaid, a bhios dàna agus ùr-nòsach, prògram a ghlacas aire an luchd-amhairc, a bhrosnaicheas còmhraidhean agus a chumas daoine a’ bruidhinn fada às dèidh don phrògram tighinn gu crìch.  Cuiribh thugainn ur sgeulachdan air leth, seallaibh dhuinn na caractaran àraid agaibh agus na biodh eagal oirbh an taisbeanadh ann an dòigh ùr is misneachail. Tha Alba làn de sgeulachdan, de charactaran air leth agus de thàlant riochdachaidh air leth math.  Tha sinn airson prògram-aithriseach a choimiseanadh a chuireas iongnadh oirnn, a bheireas buaidh oirnn, a bheireas dùbhlan dhuinn, no a dh’atharraicheas an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air an t-saoghal.

Clàr-phrìs: Suas gu £80k gach 60 mionaid

Lìbhrigeadh: Ògmhios 2027

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: DIBHEARSAN FHÌRINNEACH

3: DIBHEARSAN FHÌRINNEACH

Sreathan a dh’fhaodadh tilleadh

Fad: 6/8 x 30 mion

Àm: 8.30, 9.00, 10.00f

Tha BBC ALBA a’ sireadh sreathan ann an cruth Dibhearsan Fhìrinneach (Fact Ent) a bhios a’ cleachdadh DNA na h-Alba agus a tha ann an aire a mhòr shluaigh gus TBh tarraingeach a chruthachadh air feadh Alba agus nas fhaide air falbh. Tha sinn ag iarraidh beachdan mòra, tàlant inntinneach agus measgachadh soirbheachail de bheatha fhìor agus dibhearsain, a chòrdas ris an teaghlach gu lèir, leis a’ chomas a bhith buain is maireannach. Sreath ath-aithriseach, aithnichte a thogas luchd-amharc dìleas, a thig gu bhith na bhrannd gràdhach agus a bhios na uinneag-bhùtha airson BBC ALBA thar àrd-ùrlaran loidhneach, iPlayer, YouTube agus didseatach. Smaoinich air dibhearsain, furasta a thuigsinn agus air a thogail gus maireachdainn.

Bu chòir do mholaidhean beachdachadh air a’ chomas airson co-choimiseanadh còmhla ri Èirinn agus a’ Chuimrigh.

Clàr-phrìs: Suas gu £240k airson 6 × 30-mion earrannan, a’ gabhail a-steach eileamaidean didseatach airson na meadhanan sòisealta a-mhàin.

Lìbhrigeadh: Ògmhios 2027

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: PODCASTAN BHIDEO

4: PODCASTAN BHIDEO

Sreathan

Fad: Diofraichte a rèir an t-susbaint

Ùrlar: YouTube, iPlayer, BBC Sounds

Tha BBC ALBA a’ sireadh sreathan ùra ‘VOD-CAST’ a tha dàna, dathach, air leth tarraingeach, agus a tha ag amas gu sònraichte air daoine òga, agus luchd-cleachdaidh ùra. Luchd-èisteachd a tha a’ coimhead, a’ roinn agus a’ bruidhinn air-loidhne an-dràsta fhèin.

Tha sinn a’ lorg podcastan bhideo (vodcasts) aig a bheil pearsantachd, ruitheam, beachdan làidir agus rudeigin cudromach ri ràdh. Chan e telebhisean a tha seo air a dhinneadh a-steach gu sgrion fòn. Tha sinn ag iarraidh susbaint a tha air a dhealbhadh gu sònraichte airson an t-saoghail dhidseatach, rudeigin a tha cruthachail a thaobh lèirsinn, làn lùths, èibhinn, buntainneach don latha an-diugh agus doirbh a sheachnadh.

Smaoinich air còmhraidhean mòra. Beachdan làidir. Aoighean ris nach robh dùil. Caractaran air leth. Cultar. Ceòl. Spòrs. Dàimhean. Dearbh-aithne. Na cuspairean air a bheil daoine òga a’ bruidhinn an-dràsta.

Thoir gàire oirnn.  Thoir oirnn deasbad a thogail. Thoir oirnn smaoineachadh. Thoir oirnn a cho-roinn.

Prìs: ri aontachadh a rèir an t-susbaint

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

 

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: CEANGLAICHEAN CRUTHACHAIL

5: BBC ALBA ANN AN CÒIG

Tha sinn ag iarraidh gum bi BBC ALBA follaiseach anns gach àite, air an sgrion, air an t-sruth-fhiosrachaidh agad agus a-muigh san t-saoghal!

Tha sinn a’ sireadh sreath de 20 criomag ghoirid (20-30 diog) a tha beòthail, eadar-mheasgte agus tarraingeach a thaobh lèirsinn, stèidhichte air aon cheist mhòr: “BBC ALBA ann an còig!” Smaoinich air misneachd, a bhith èibhinn, dathach, pearsantachd agus deagh dhòs de dhibhearsan is spòrs. ’S e criomagan goirid, brìgheil agus ealanta a tha a dhìth oirnn, a nochdas eadar prògraman, iPlayer agus a sgaoileas gu luath air TikTok, Instagram agus YouTube. Gabhar ri susbaint co-cheangailte ri amannan na bliadhna m.e. àm na Nollaig cuideachd. 

Dèan e do-dhèanta BBC ALBA a’ sheachnadh!

NB: Thèid an cothrom seo a bhuileachadh air aon chompanaidh a-mhàin gus cumail ri leantainneachd chruthachail.

Clàr phrìs: £20k

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: SREATHAN YOUTUBE

6: Sreathan YouTube

Fad: diofraichte bho 8 – 25 mion

Ùrlar: YouTube, iPlayer

Tha BBC ALBA a’ sireadh bheachdan dàna, tarraingeach agus freagarrach airson an roinn, airson cruthan YouTube a tha ag amas air daoine eadar 18 agus 24 bliadhna a dh’aois. 

Bho shreathan phrògraman fìrinneach le preasantairean sònraichte air a bheil aithne, san aon seòrsa stoidhle ri Somhairle Spins gu susbaint-aithriseach a tha ag amas air daoine òga, leithid The Bubble, tha BBC ALBA a’ lorg bheachdan anns a bheil pearsantachdan air leth, sgeulachdan làidir agus tarraingeach do dhaoine òga. 

Tha sinn ag iarraidh aoighean, preasantairean agus luchd-cruthachaidh aig a bheil cas a-steach gus saoghal daoine òga. Thoir dhuinn sgeulachdan air an stiùireadh le daoine seach cùisean a-mhàin, a tha a riochdachadh miann an luchd-amharc, a tha fiosraichte air cleachdaidhean seallaidh YouTube, agus air an lìbhrigeadh tro shùilean cultair na Gàidhlig.

Tha sinn a’ sireadh sgeulachdan dathte, sònraichte a chruthaicheas còmhradh, a thogas coimhearsnachdan timcheall air ùidhean co-roinnte agus a tha a’ faireachdainn gum buin iad do YouTube. Bidh molaidhean soirbheachail a’ taisbeanadh:

– Bun-bheachd sìmplidh, tiotal agus ìomhaigh gus ‘Earn the click’ a chosnadh.

– Buille tòiseachaidh a ghlacas aire gu luath, a chumas an luchd-cleachdaidh an sàs fad na h-ùine.

– Bu chòir prògraman a bhith air an cruthachadh gus seasamh leotha fhèin, a bharrachd air a bhith nam pàirt de shreath.

‘Coisinn cliog’. Thoir oirnn fuireach. Thoir oirnn a cho-roinn.

Clàr phrìs: a rèir beachdan an t-sreath

Dhaibhsan a tha ùr do bhith a’ cruthachadh airson YouTube, tha sinn a’ moladh coimhead air a seo: this ‘Best Practice’ video

FIOSRACHADH AGUS STIÙIREADH A BHARRACHD

CO-MHAOINEACHADH

Tha stòran maoineachaidh a bharrachd rim faotainn, leithid:

PRÒISEAS TAGRAIDH

Tha dà cheum ann:

  1. Foirm-taice ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lìonadh.

Gheibhear am foirm tron cheangal a leanas: BBC ALBA COMMISSIONING SUBMISSIONS – WINTER 2026/27 CALLOUT – Fill out form

  1. Bileag fiosrachaidh mun bheachd (editorial pitch document), a bu chòir cuideachd a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

CINN-LATHA

Ceann-latha airson bheachdan a chur a-steach: Diluain 9mh Samhain 2026 aig 5f.

Bruidhnidh an Sgioba Coimiseanaidh gu mionaideach air gach beachd, agus cuiridh iad air a’ gheàrr-liosta na beachdan as làidire agus as freagarraiche airson a’ chuairt seo.

Thèid coinneamhan a chur air dòigh le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. Bidh seo na chothrom na beachdan a rannsachadh nas doimhne agus nas mionaidiche.

Thèid co-dhùnaidhean deireannach a’ sgaoileadh ro Dihaoine 27 Samhain 2026.

Bu chòir tagraidhean bheachdan, foirmean agus ceistean sam bith co-cheangailte ris a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire MacDonald agus Jennifer MacKenzie aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk