BBC ALBA – Gairm Coimiseanaidh: Ath-Riochdachadh Beothachadh Chloinne

English / Beurla

MU DHEIDHINN

Ath-Riochdachadh Beothachadh Chloinne

 

Tha BBC ALBA na seirbheis telebhisein air a ruith ann an com-pàirteachas eadar MG ALBA agus am BBC.

 

Tha an cuairt coimiseanaidh seo a’ toirt cuireadh do chompanaidhean freagarrach a tha airson dreachan Gàidhlig de bheothachaidhean airson cloinne a lìbhrigeadh. Tha beothachaidhean Gàidhlig nam pàirt chudromach de chlàr na cloinne agus a’ toirt cruthachas agus farsaingeachd gu ar seirbheis.

 

Thèid na beothachaidhean an ceannach leis a’ BhBC agus an toirt don chompanaidh riochdachaidh.

 

Beothachaidhean Ath-riochdaichte airson Cloinne

Slot craolaidh: 5-7f tron t-seachdain agus 4-6f aig deireadh-sheachdainean agus air Ùrlaran Didseatach, BBC iPlayer
Cruth: Sreathan phrògraman aig diofar faid
Luchd-èisteachd: Clann, ro aois sgoile agus Clann suas gu aois 12
Faid a’ chùmhnaint: Bliadhna, bho Samhradh 2025 – Samhradh 2026 le cothrom sìneadh bliadhna eile
Uairean: suas ri 30 uairean gach bliadhna, air a thabhann mar aon choimisean de 30 uair do aon chompanaidh
no 2 x chùmhnant de 15 uairean do dhà chompanaidh fa leth
Buidseat: suas gu £10k gach uair (prìs iomlan)

 

Bu chòir ur tagradh gabhail a-steach:

  1. Fiosrachadh mun chompanaidh a’ gabhail a-steach bhidio goirid de ur n-obair ann an Gàidhlig agus le companaidhean eile
  2. Fios mun sgioba riochdachaidh is deasachaidh, sgrìobhadairean agus cleasaichean
  3. Plana airson leasachadh sgrìobhadairean agus cleasaichean guth Gàidhlig ùra agus iadsan a th’ ann mar-tha
  4. Poileasaidhean a’ chompanaidh a thaobh na Gàidhlig, iomadachd agus so-sheasmhachd
  5. Uairean gach bliadhna a tha a’ chompanaidh a miannachadh riochdachadh
  6. Dearbhadh de thuigse soilleir air còraichean agus tuarastal sgrìobhadairean agus cleasaichean guth

 

Tòisichidh cùmhnant/an sòlarachaidh as t-Samhradh 2025.

 

Bidh sinn a’ sùileachadh aontachadh cùmhnant 1 bhliadhna ach le cothrom sìneadh gu dara bliadhna.

 

Bithear a’ sùileachadh gun tèid prògraman a lìbhrigeadh bhon t-Samhain 2025 air adhart ach dh’fhaodadh gum bi feum air cuid de thiotalan nas tràithe.

 

Bidh coimiseanairean BBC ALBA rim faotainn airson coinneamhan goirid le tagraichean. A bharrachd air an seo, dh’fhaodadh gun tèid ceistean a tha gan togail mar phàirt den phròiseas tagraidh agus nach eil a’ buntainn gu dìreach neo gu coimeirsealta ri companaidh riochdachaidh sònraichte a bhith air am foillseachadh do gach companaidh tagraidh gus am bi an aon fhiosrachadh aig gach buidheann.

Airson fiosrachadh air mar a chuireas tu air dòigh coinneamh no ma tha ceistean agad mu thaobh sam bith den chuairt coimiseanaidh seo, cuir post-d gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

Ceann-là airson tagraidhean: Diluain 31 Màrt 2025 aig 5f.

Co-dhùnadh com-pàirteachas BBC ALBA: Dimàirt 22 Giblean 2025 ro 5f.