BBC ALBA Cuairt Coimiseanaidh Clàr Ceann Bliadhna / Earraich 2022/23

English / Beurla

Cuairt Coimiseanaidh Clàr Ceann Bliadhna / Earraich 2022/23

Mu

’S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là     a-màireach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe: ar daoine, ar cànan, ar cultar, ar saoghal.  Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire choimhearsnachdan air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.

Tha co-bhanntachd BBC ALBA pròiseil de na co-bhanntachdan cruthachail a leasaich sinn thar nam bliadhnaichean. Thathas a’ coimhead air adhart ri togail orra sin gus tuilleadh shusbaint a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta a dheasachadh.

Tha e cudromach dhuinne gu bheil na sgeulachdan a tha sinn ag innse agus na daoine a tha dhan toirt beò, mar sgàthan air farsaingeachd beatha ar luchd-amhairc.

Tha sinn airson greimeachadh air gach goireas a th’ againn, is ur spionnadh cruthachail agus ur lèirsinn teicnigeach an cois sin, gu buannachd ar luchd-amhairc.  Cuiridh sinn fàilte air tagraidhean a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig am bheil comas sin a dhèanamh.

 

Tha a’ chuairt seo gu sònraichte airson tagraidhean is urrainn a lìbhrigeadh agus a choileanadh ro dheireadh a’ Mhàirt 2023 air a’ char as fhaide.

Cinn-Là

  • Ceann-là airson beachdan – Dihaoine 12 Lùnastal 2022, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Dihaoine 26 Lùnastal 2022, 1f

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicCoinnich: jennifer.mackenzie@bbc.co.uk

Prìomhachasan Clàr Ceann Bliadhna / Earraich

Mar a tha sinn a’ dèanamh ar slighe a-mach às a’ phandemic agus a-nise dùbhlain às ùr a’ nochdadh mu choinneimh dhaoine nam beatha làitheil , is e glè bheag a tha mar a bha.  Ach chan eil lagachadh a’ tighinn air miann ar luchd-amhairc airson prògraman a dhùisgeas mac-meanmna agus a bhrosnaicheas inntinn.

Tha luchd-amhairc a’ sireadh stuthan a mhisnicheas agus a bheir stiùir dhaibh, ach tha iarrtas ann cuideachd airson cur-seachad agus toil-inntinn.

Tha sinn a’ sireadh bheachdan a bheir sgeulachdan làidir chun na sgrion, a tharraingeas aire gu nàiseanta agus nas fharsainge, air an innse le liut agus brìgh, a thèid a mholadh agus a chosnas duaisean. Seasaidh sinne còmhla ribh ann a bhith a’ feuchainn ri na h-amasan sin a choileanadh.

 

Smaoinich air…

Sgeulachdan a tha a’ ceangal ri ar beatha ann an Alba an-diugh is docha le fhreumhaichean nar n-eachdraidh, is docha a bhuineas dhan mhionaid uaireach seo.  Sgeulachdan buadhmhor a bhiodh air an sgeadachadh tro chruthan aithriseach.

Sgeulachdan fiosrachail a thogas inntinn a tha mar sgàthan air ar beatha an-diugh ann an Alba, a tha ag aithneachadh meud beatha nan Gàidheal agus a bhios tarraingeach don choimhearsnachd Ghàidhlig, ge bith dè an aois.  Dh’iarradh sinn tagraidhean fhaicinn a tharraingeas daoine còmhla, a thogas dàimh leis an luchd-amhairc agus a leudaicheas ar lèirsinn.   Tha ùidh againn an dà chuid ann am beachdan is urrainn a choileanadh mar shreathan air neo a sheasadh leotha fhèin.

Stiùireadh

Is fhiach smaoineachadh air na nithean seo ann a bhith a’ cruthachadh thagradh:

  • Dè na h-amasan a th’ agad airson a’ phròiseict seo?
  • Cò dha a tha e?
  • Ciamar a shuidheas e anns a’ chlàr an ceann 6 mìosan air neo bliadhna bhon dràsta?
  • Dè a’ bhuaidh a bheir an àrainneachd-obrach ùr seo air an dòigh sa bheil thu ag innse an sgeulachd?
  • Dè mu dheidhinn a ghlacas aire an luchd-amhairc?
  • A bheil am beachd seo a’ toirt sealladh air an t-saoghal mar a tha e?
  • Eil e mar sgàthan air farsaingeachd ar coimhearsnachdan?
  • Dè tha ùr ann? A bheil e ùr-ghnàthasach a thaobh lìbhrigeadh, cumadh, tàlant, teicneòlas no an taobh bho bheil an sgeulachd ga h-innse?
  • An gabh an sgeulachd grèim air daoine, a’ dùsgadh co-fhaireachdainn air neo deasbad, agus a bheil susbaint innte a chumas aire dhaoine fad a’ phrògraim?
  • An toir e uinneag do dhaoine air suidhichidhean air neo àiteachan nach fhaiceadh iad gu h-àbhaisteach?
  • A bheil an cumadh a thaobh fad, tàlant agus fòrmat a’ freagairt air an luchd-amhairc agus an sgeulachd?
  • Dè a tha e a’ cur ri farsaingeachd an deilbh a tha ri fhaicinn anns an sgàthan aig BBC ALBA?
  • A bheil cothrom an cois na sgeòil airson co-mhaoineachaidh a shireadh bho bhuidhnean ann am Breatainn air neo thall thairis mu choinneimh a’ phròiseict?
  • Dè na cothroman a th’ ann dreach a chur air an sgeulachd airson a h-innse no a putadh air ùrlaran didseatach cho math ri telebhisean? Bheil structair na sgeòil a’ freagairt air cruthan nas giorra?

Tagraidhean

  • Thoir dhuinn iomradh goirid cruthachail le fios mun phrìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara agus cuideachd am buidseat a th’ ann. Cha bu chòir don seo a bhith nas fhaide na aon duilleag A4 gach prògram.
  • Bidh sinn cuideachd a’ coimhead airson dearbhadh gu bheil an riochdaire air smaoineachadh air mar a thogadh iad ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
  • Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.
  • Dh’fhaodadh gun tèid agallamhan a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
  • Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman airson maoineachadh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail

Creideasan Cìse BFI

 

Bu chòir do thagraidhean co-riochdachaidh a tha a’ sireadh prìomh mhaoineachaidh bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC iarrtas a chur airson maoineachadh tro na cuairtean coimiseanaidh seo.

Clàr Ceann Bliadhna / Earraich

  • Ceann-là airson beachdan – Dihaoine 12 Lùnastal 2022, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Dihaoine 26 Lùnastal 2022, 1f

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicCoinnich: jennifer.mackenzie@bbc.co.uk