Sgioba ro-innleachdail a’ daingneachadh dealas go Chraoladh Gàidhlig

SGIOBA RO-INNLEACHDAIL MG ALBA A’ DAINGNEACHADH DEALAS DO CHRAOLADH GÀIDHLIG

Tha MG ALBA an-diugh (Diciadain 5 Dàmhair) air ainmeachadh gu bheil iad air an sgioba aca a neartachadh, le gluasad ro-innleachdail a thuilleadh air dreuchd ùir Deasaiche Coimiseanaidh a chruthachadh.

Gabhaidh Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd na buidhne uallach airson leasachadh ro-innleachdail phrògraman BBC ALBA agus airson co-luadar didseatach sna meadhanan Gàidhlig, aig an aon àm a’ gabhail os làimh manaidsearachd sgioba seanail MG ALBA agus buidseat airson prògraman. Ag obair gu dlùth leis a’ Cheannard Seirbheis, ’s e prìomh ròl Iseabail a bhith a’ cur ri, am measg eile, meudachd agus luach com-pàirteachasan cruthachail leis a’ BhBC agus craoladairean eile, le riochdairean, luchd-maoineachaidh agus buidhnean eile.

Tha MG ALBA cuideachd toilichte innse gum bithear a’ sanasachadh obair ùir Deasaiche Coimiseanaidh a dh’aithghearr.

Bidh na gnothaichean seo a’ tachairt sa bhad agus a’ leantainn fàgail Alan Esslemont – a bha na Cheannard Phrògraman aig BBC ALBA airson ochd bliadhna – a bhios a’ falbh air 7 Dàmhair gus a bhith na Cheannard air TG4.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt: “’S e urram a th’ ann an ròl seo a ghabhail os làimh. Tha BBC ALBA air soirbheachadh gu mòr agus tha sin ri linn an ceannardas air cùlaibh na seanail. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean MG ALBA agus a’ BhBC, ar solaraichean agus ar luchd-ùidhe gus togail air a’ bhun-stèidh sin agus ar miann airson BBC ALBA a choileanadh.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear na buidhne: “Tha an suidheachadh ùr seo a’ toirt dhuinn cothrom togail air soirbheas BBC ALBA agus air an adhartas a tha Iseabail air coileanadh bho thòisich i bho chionn dà bhliadhna, le sàr shoirbheas ann a bhith a’ co-obrachadh le buidhnean san roinn chruthachail gus togail air a’ chomas a tha sinn a’ miannachadh airson nam meadhanan Gàidhlig agus an roinn chruthachail ann an Alba.

“San Dùbhlachd 2015 bha Iseabail aig cridhe Lèirsinn 2021 – sealladh na buidhne airson na h-ath chòig bliadhna. Le bhith a’ leudachadh obair Iseabail agus a bhith a’ cruthachadh obair ùir Deasaiche Coimiseanaidh thathas a’ neartachadh ar dealas an lèirsinn sin a choileanadh.

“Bu mhath leam an cothrom seo a gabhail taing a thoirt do Alan Esslemont airson a cheannardas, a lèirsinn ro-innleachdail agus a shàr bhuaidh ann a bhith a’ dèanamh BBC ALBA cho soirbheachail. Tha sinn a’ guidhe gach maith dha na dhreuchd ùr agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth ris aig TG4.”

Thuirt Alan Esslemont: “Tha na h-ochd bliadhna mu dheireadh ag obair le MG ALBA agus BBC ALBA mar Cheannard Phrògraman air còrdadh ruim cho mòr ri obair sam bith a bh’ agam a-riamh. Bha e na urram dhomh a bhith ag obair le daoine cho dealasach agus proifeasanta agus a bhith nam phàirt de shoirbheas BBC ALBA bho thùs. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri dlùth-cheangal a chumail le BBC ALBA na mo dhreuchd ùr.”

Bannan – luchd-amhairc eadar-nàiseanta

Tha dràma Gàidhlig a chaidh a chlàradh san Eilean Sgitheanach gu bhith air a reic thall thairis gu luchd-amhairc eadar-nàiseanta tro chùmhnant sgaoilidh ùr.

Tha Bannan craolta air BBC ALBA agus bidh prògraman ùra san t-sreath a’ tòiseachadh air an t-seanail a-nochd.

Tha an t-sreath a-nis uidheamaichte airson a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta an dèidh aonta le DRG, fear de na prìomh sgaoileadaran neo-eisimeileach de phrògraman san t-saoghal.

Tha an naidheachd mu sgaoileadh eadar-nàiseanta Bannan a’ tighinn aig an aon àm ’s a tha MG ALBA, com-pàirtiche seanail BBC ALBA, a’ cur a-mach buaidh eaconamach craoladh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sgeulachd Bannan na phàirt de fàs BBC ALBA agus tha an aonta sgaoilidh seo na phrìomh cheum ann an leasachadh na seanail.

“Bha e cudromach gun d’ thug BBC ALBA aire do dhràma gus ar prìomh luchd-amhairc Gàidhlig a fhrithealadh ach dh’fheumadh an dràma – agus an t-seanail – cuideachd dèanamh cinnteach gum b’ urrainn dhuinn cur ri roinn chruthachail na h-Alba”.

Tha figearan a thèid am foillseachadh a dh’aithghearr bho na comhairlichean Olsberg SPI a’ sealltainn buaidh eaconamach seilbheach MG ALBA, gu h-àraidh sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach. Tha rannsachadh na comhairlichean eadar-nàiseanta seo a’ sealltainn “gu bheil na 114.4 obraichean làn-thìde air an cruthachadh gu dìreach no a’ faighinn taic bho MG ALBA co-ionnan ri dìreach nas lugha na 11,000 ann am meadhan Alba”. Bha buaidhean mar an ceudna ann an luach eaconamach a bharrachd, air a thomhas le GVA, agus ann an luach co-ionnan de thuarastalan cruthaichte.

Lean Dòmhnall Caimbeul: “Tha na figearan seo a’ sealltainn a’ bhuaidh mhòir eaconamach air seilbheach ann an craoladh Gàidhlig agus na toraidhean a tha leithid de sheilbheach a’ cruthachadh airson fàs ann an gnìomhachasan cruthachail na h-Alba”.

Bidh aonta ùr Young Films a’ gabhail a-steach prògraman agus stuthan a bharrachd a bhios air a riochdachadh le Young Films, an companaidh riochdachaidh neo-eisimeileach a chaidh stèidheachadh le riochdaire The Inbetweeners, Chris Young.

Thuirt Chris Young, riochdaire Bannan: “Nuair a thòisich sinn a’ riochdachadh Bannan, bha sinn soilleir gum bu chòir don dràma a bhith tarraingeach chan ann a-mhàin do luchd-amhairc Gàidhlig agus Albannach ach gum biodh sgeulachdan ann a bhiodh freagarrach thar-chrìochan.

“Bha fios againn gu robh an tàlant riochdachaidh ann taobh a-staigh Alba gus dràma a dhèanamh. Le suidheachadh air leth an t-Eilean Sgitheanaich cha robh feum ach air ùrlar agus goireasan gus a thoirt gu buil”.

Tha BBC ALBA air a ruith mar chom-pàirteachas eadar MG ALBA agus am BBC.

Tha MG ALBA a’ cur ìmpidh air a’ BhBC an tuilleadh sheilbheach a chuir gu ruige na seanail gus an àireamh de phrògraman ùra a mheudachadh agus an àireamh de ath-chraolaidhean a lùghdachadh.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul cuideachd: “Tha sinn àrd-amasach airson Gàidhlig agus airson BBC ALBA – ’s e ar miann airson na seanail gun tig gealltanas bhon BhBC airson àrdachadh seilbheach na phàirt de phoileasaidh seasmhach agus taiceil bhuapa mu choinneimh seirbhisean mion-chànain. A’ leantainn na chaidh fhoillseachadh an t-seachdain-sa chaidh sa Chairt agus ann an Aonta Frèam-obrach a’ BhBC bidh sinn ag obair còmhla ris a’ BhBC sna mìosan air thoiseachd agus a’ dèanamh gach oidhirp gealladh a bharrachd fhaighinn bhon BhBC airson na seanail.”

Fàilte air iomradh sa Chairt Rìoghail air craoladh Gàidhlig

FÀILTE AIR IOMRADH SA CHAIRT RÌOGHAIL AIR CRAOLADH GÀIDHLIG ACH BARRACHD SHEILBHEACH FHATHAST A DHÌTH AIRSON BBC ALBA

Tha MG ALBA an-diugh a’ cur fàilte air an iomradh air craoladh Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dreach Cairt Rìoghail ùr a’ BhBC, fhad ’s aig an aon àm a’ cur ìmpidh air a’ BhBC togail air soirbheas BBC ALBA le tuilleadh sheilbheach san t-seanail.

Tha MG ALBA air iarraidh air a’ BhBC dealas foirmeil a thoirt seachad airson àrdachadh san àireamh de phrògraman ùra airson BBC ALBA bho 4.5 uair a thìde gach seachdain gu 10 uairean – gus co-ionnanachd a ruighinn leis an t-seanail Chuimreach S4C. An-dràsta, tha MG ALBA a’ coimiseanadh phrògraman bho chòrr is 20 companaidh neo-eisimeileach stèidhichte ann an Alba.

Tha am feum airson dealas nas làidire bhon BhBC airson craoladh Gàidhlig air taic fhaighinn bho air feadh na roinn phoilitigeach agus bho air feadh a’ ghnìomhachais, le gluasadan anns an dà Phàrlamaid, ceistean gan cur air ministearan, taic bhon Chomataidh Thaghte, iomairt bhidio air-loidhne le taic mhòran, nam measg an t-ùghdar Peter May, athchuinge air-loidhne, agus mòran, mòran litrichean chun BhBC a’ cur taic ris an iarrtas, nam measg tè bhon Leas-Phrìomh Mhinistear ann an Alba, John Swinney.

Tha BBC ALBA, a tha air a ruith ann an co-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA, air luchd-amhairc de thimcheall air 700,000 a thàladh agus a’ faighinn taic fharsaing. Tha dèanadas na seanail air dèanamh tòrr nas fheàrr na an dùil a chaidh mu choinneimh na seanail le Urras a’ BhBC.

Tha MG ALBA airson an àireamh de ath-chraolaidhean air BBC ALBA a lùghdachadh gu mòr.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha a’ Chairt agus Aonta Frèam-obrach a’ BhBC a’ cur a-mach dealas sònraichte do chraoladh Gàidhlig agus ag ràdh gum bu chòir am BBC a bhith a’ leantainn le taic airson solarachadh stuthan Gàidhlig, agus a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheis thelebhisein tro a chom-pàirteachas le MG ALBA. Tha sinn a’ cur fàilte air an iomradh air craoladh Gàidhlig agus air aithris Rùnaire na Stàite gu bheil Riaghaltas na RA airson ’s gum bi na goireasan a dh’fheumas aig BBC ALBA.

“’S e an ath cheum dhuinn an tuilleadh sheilbheach a ghlèidheadh. Tha sinn soilleir gu feum am BBC àrdachadh brìgheil a dhèanamh nan dealas airson na seanail gus dèanamh cinnteach gun soirbhich le BBC ALBA ann a bhith a’ toirt prògraman ùra agus cruthachail chun luchd-amhairc. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris a’ BhBC gus sin a choileanadh agus tha sinn am beachd gum bi an tuilleadh sheilbheach na bhuannachd do ghnìomhachasan chruthachail na h-Alba, a thuilleadh air a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheis dhan luchd-amhairc.”

Ceannard Phrògraman BBC ALBA air ainmeachadh mar Cheannard ùr TG4

CEANNARD PHRÒGRAMAN BBC ALBA AIR AINMEACHADH MAR CHEANNARD ÙR TG4

Rinn MG ALBA moladh an-diugh air Ailean Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA, a chaidh ainmeachadh mar Cheannard ùr TG4, an t-seanail telebhisein Èirinneach.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Thar nan ochd bliadhna mu dheireadh tha Alan air sàr obair a dhèanamh do MG ALBA agus do BhBC ALBA agus tha sinn a’ guidhe gach maith dha leis an obair ùir aig TG4.

“Bhon chiad oidhche a chaidh BBC ALBA air an èadhar tha Alan agus an sgioba aige air ro-innleachd a chruthachadh a dh’aona ghnothaich gus an t-seanail a dhèanamh tarraingeach don phrìomh luchd-amhairc Gàidhlig fhad ’s aig an aon àm a’ tàladh luchd-amhairc nas fharsaing, a’ toirt thuca ar cànan agus cultar na Gàidhlig.

“’S e an ro-innleachd seo a tha air cùlaibh soirbheachas BBC ALBA agus tha sinn a’ toirt taing do dh’Ailean airson a’ phàirt chudromach a bh’ aige ann a bhith a’ cur sin an sàs.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air a’ bhun-stèidh sin agus a’ dèanamh cinnteach le ar com-pàirtiche, am BBC, gu lean an t-seanail bho neart gu neart.”

Thuirt Coinneach MacGuaire, Ceannard BBC Scotland: “Bha Ailean an teis-meadhain cur air bhog agus leasachadh BBC ALBA agus tha e air a bhith na neach-taic làidir airson craoladh Gàidhlig. Tro a dhealas, chaidh prògraman de dh’àrd ìre a thoirt do luchd-amhairc na seanail thar nan ochd bliadhna a dh’fhalbh, bho phrògraman aithriseach, ciùil, dràma agus spòrs. Tha pàirt deatamach air a bhith aige ann a bhith a’ cruthachadh dhàimhean eadar BBC Scotland agus MG ALBA agus bidh sinn ga ionndrainn ’s e a’ falbh gu TG4. Tha sinn a’ guidhe gach maith agus soirbheas dha.”

BBC ALBA – clàr ùr de phrògraman airson Foghar 2016

BEARTAS DE PHRÒGRAMAN ÙRA AIR BBC ALBA AS T-FHOGHAIR

An-diugh dh’fhoillsich BBC ALBA clàr ùr de phrògraman airson Foghar 2016. Am measg na chì an luchd-amhairc, tha prògraman cur-seachad, aithriseach, cùisean làitheil a thilleadh air ceòl, prògraman chloinne, spòrs, tachartasan beò agus dràma ùr bho Bannan.

An làthair aig tachartas sa BhBC ann an Glaschu an-diugh (Diciadain 7 Sultain) bha Agnes Johnstone, bean fear de na sàr chluicheadairean ann an saoghal ball-coise, an craoladair Cathy NicDhòmhnaill agus luchd-cruthachaidh phrògraman le Fiona NicChoinnich, preasantair BBC ALBA, aig an stiùir.

A’ cur taic ri sreathan ùra de Trusadh, Eòrpa, Seirm agus Dè a-nis? air a bheil luchd-amhairc mu thràth uabhasach dèidheil, thig prògraman ùra, tarraingeach chun sgrion.

Am measg nam prògraman ùra ann an clàr an fhoghair tha Tèarmann/Home from Home. Le còrr is 15,000 de chloinn, pàistean agus òigridh ann an Alba le tinneasan a tha a’ giorrachadh an dòchas-beatha, tha am buidheann CHAS a’ ruith ospaisean chloinne ann an Alba. Sa phrògram seo coinnichidh sinn Eilidh Duncan (aois 5) agus a teaghlach à Alamhagh agus chì sinn an toileachas agus an gaol a tha i air a bhith a’ faighinn aig Robin House ann am Baile an Locha bho bha i dà bhliadhna a dh’aois.

Tha am film mu bheatha Hamish (Seumas MacEanraig), a’ sealltainn sònrachas an duine suaicheanta sa ann an cultar na h-Alba. An làthair cuideachd aig an tachartas bha Steve Byrne, an seinneadair agus sgrìobhaiche ainmeil agus sheinn e ‘Freedom Come all Ye’ ris na bha an làthair.

Airson luchd-leantainn spòrs tha am prògram Jimmy Johnstone a’ dèanamh luaidh air beatha fear de na sàr chluicheadairean ann an eachdraidh spòrs na h-Alba.

Ann an Sàr-sgeòil/Outlander, tha Cathy NicDhòmhnaill an tòir air na h-àiteachean, an dualchas agus an eachdraidh a thug air Diana Gabaldon leabhraichean Outlander a sgrìobhadh. Dè an fhìrinn a tha air cùl an saobh-sgeul a tha a’ tàladh luchd-leantail gu Alba às gach ceàrn dhen t-saoghal?

Bha Dougie MacIlleathain am measg nan aoighean aig a’ BhBC agus chi luchd-amhairc BBC ALBA prògraman bho Ceòl bho Perthshire Amber a dh’aithghearr air an t-seanail.

Bidh dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan, a’ tilleadh as t-Fhoghar leis an treas sreath, agus tha clàradh airson sreath a ceithir a’ dol an-dràsta.

Tha an t-seanail cuideachd a’ cur fàilte air dithis ùra – Kim Carnie (aois 22 às an Òban) agus Mark Mac a’ Ghobhainn (aois 19 à Siabost, Leòdhais) – a bhios a’ tòiseachadh nan preseantairean air an 24mh sreath de Dè a-nis?

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Bho chaidh BBC ALBA air an èadhar bho chionn ochd bliadhna, tha sinn air dìlseachd mhòran a ghleidheadh a thuilleadh air daoine ùra a’ thàladh chun nam prògraman againn. Tha sinn an dòchas gun còrd na prògraman ùra foghair – bho chomadaidh gu aithriseach le gu leòr eatorra – ri gach neach anns gach sgìre.

“Tha sinn a’ tairgse seirbheis nach fhaighear an àite sam bith eile agus tha mi misneachail gu bheil ar ro-innleachd a bhith a’ cruthachadh phrògraman ùra ann an co-bhoinn leis a’ BhBC agus le cuid de companaidhean riochdachaidh as fheàrr ann an Alba, a’ ciallachadh gu lean ar soirbheas.”

Gheibhear fiosrachadh mu na prògraman an cois seo.

Taic làidir ann bho air feadh na roinn phoilitigeach airson craoladh Gàidhlig

MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR AN TAIC BHO AIR FEADH NA ROINN PHOILITIGEACH AIRSON CRAOLADH GÀIDHLIG

Thuirt MG ALBA an-diugh gu bheil taic làidir ann bho air feadh na roinn phoilitigeach airson craoladh Gàidhlig agus gu bheil an taic seo riatanach fhad ’s a tha am pròiseas air ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC a’ leantainn.

Tha gluasadan pàrlamaideach a’ dèanamh moladh air soirbheas craoladh Gàidhlig gan cuir a-steach an t-seachdain seo ann an Taigh nan Cumantan agus ann am Pàrlamaid na h-Alba far a bheil taic agus gealltanas ga shireadh airson àrdachadh san àireamh de phrògraman ùra airson BBC ALBA.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha e foillseachadh gu bheil ar n-iarrtas airson àrdachadh ann an seilbheachd a’ BhBC ann an BBC ALBA mar phàirt de ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC a’ faighinn taic bho air feadh na roinn phoilitigeach agus tha sinn air leth taingeil agus a’ cur fàilte air an sin.

“Bho thùs tha Gàidhlig agus craoladh Gàidhlig air taic thar-phàrtaidh fhaighinn agus tha e na adhbhar thoileachas gu bheil an taic sin a’ leantainn aig àm cho cudromach.”

Tha MG ALBA air iarrtas làidir a chuir chun BhBC airson gealltanas fhaighinn àrdachadh san àireamh de phrògraman ùra airson BBC ALBA bho 4.5 uair a thìde gach seachdain gu 10 uairean – gus co-ionnanachd fhaighinn leis an t-seanail Chuimreach S4C. An-dràsta, tha MG ALBA a’ coimiseanadh phrògraman bho 20 companaidh neo-eisimeileach stèidhichte ann an Alba.

Lean Dòmhnall Caimbeul: “Air a chuir gu sìmplidh, feumaidh sinn an àrdachadh seo ann am prògraman gus adhartas agus soirbheas fhaicinn ann am BBC ALBA. ’S e ar beachd gu bheil am BBC ag èisteachd – agus ’s e ar dòchas leis an taic pàrlamaideach tron gluasad mochthrath aig Westminster, agus an gluasad aig Holyrood – gun cuidich seo am BBC ann a bhith a’ tuigsinn na h-adhbharan airson còrdadh nas cothromaiche ann an craoladh Gàidhlig, mar phàirt de dhòighean seasmhach, beachdaichte ann a bhith a’ dèiligeadh ri mion-chànain na RA.”

Iarrtas airson BBC ALBA nas trease

BUANNACHDAN LUCHD-AMHAIRC AGUS EACONAMACH AN COIS IARRTAS A THA AG ÈIRIGH AIRSON BBC ALBA NAS TREASA

Chaidh innse do Bhuill Pàrlamaid an-diugh (Diluain 18 Iuchar) gun tigeadh buannachdan, an dà chuid airson an luchd-amhairc agus eaconamaidh chruthachail na h-Alba, ann a bhith a’ cur an tuilleadh seilbh ann am BBC ALBA.

Thuirt MG ALBA – a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – gu faodadh co-ionnanachd leis an t-seanail Chuimreach S4C cothrom buannachdan susbainteach fhuasgladh airson na roinne riochdachaidh neo-eisimeileach a thuilleadh air dìon a chur air soirbheas na seanail san ùine ri teachd am measg am prìomh luchd-amhairc.

Aig tachartas aig Westminster an-diugh, chaidh miann an luchd-amhairc Gàidhlig – gealladh fhaighinn bhon Chairt Rìoghail 10 uairean gach seachdain de phrògraman ùra airson BBC ALBA, suas bhon ìre an-dràsta de 4.2 uairean – a dhèanamh soilleir.

Bheireadh seo BBC ALBA gu co-ionannachd le S4C, a tha air 10 uairean a thìde de phrògraman ùra gach seachdain fhaighinn bhon BhBC thar nan 30 bliadhna a dh’fhalbh.

Bhiodh seo cuideachd a’ ciallachadh buaidh bhrosnachail airson na roinne chruthachail a tha a’ faighinn mòr-bhuannachd bho BhBC ALBA. Tro 2015-16 choimisean BBC ALBA 454 uairean a thìde de phrògraman bho 26 companaidh riochdachaidh eadar-dhealaichte.

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagan: “Bho chaidh Am Pàipear Geal air ùrachadh a’ Chairt Rìoghail fhoillseachadh, tha sinn air àrdachadh fhaicinn san iomairt airson còrdadh nas cothromaiche airson BBC ALBA.

“Tha mi toilichte agus taingeil gu robh BP bho air feadh nam pàrtaidhean poilitigeach an seo an-diugh gus na h-adhbharan làidir a chluinntinn gu bheil feum air còrdadh: gus ar luchd-amhairc a fhrithealadh gu h-iomchaidh agus gus an roinn riochdachaidh ann an Alba a neartachadh.

“An-dràsta tha BBC ALBA a’ faighinn 3sg bhon chìs-chraolaidh mhìosail de £12.13, fhad ’s a tha am BBC a’ cosg co-dhiù deich uiread air S4C. Chan eil sinn dìreach ag iarraidh an tuilleadh airgid. Bu chòir gu bheil goireasan maireannach a’ BhBC air an cuir gu feum ann an dòigh nas èifeachdaiche gus an luchd-amhairc Gàidhlig a fhrithealadh.”

Bha a’ Bh-uas Choineagan a’ sònrachadh Lèirmheas Bliadhnail na h-Alba 2015-16 a dh’fhoillsich Urras a’ BhBC mar fhianais air iarrtas a tha a’ fàs airson susbaint feabhasach airson BBC ALBA.

Lean i air adhart: “Tha BBC ALBA air sàr-shoirbheas fhaicinn bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008 ach tha e follaiseach gu bheil an t-seanail air a thighinn gu crois-rathaid far a bheil feum air an tuilleadh ghoireasan gus dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh comasach. Tha ìre ath-chraolaidh 74% againn agus feumar rudeigin a dhèanamh mun sin.

“Dh’aithnich Lèirmheas Bliadhnail Urras a’ BhBC, ged a tha an t-seanail a’ dèanamh nas fheàrr buileach na na targaidean luchd-amhairc a chuir sinn romhainn fhèin, gu bheil i a’ fulang bho cion-mhaoineachadh – rud nach fhaodadh a bhith seasmhach san fhad-ùine.”

“Tha sinn làn-chreidsinn gur e aon dòigh fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas seo co-roinn a dhèanamh air stuthan bho roinnean eile den BhBC. Tha sinn air eisimpleirean air leth soirbheachail den seo fhaicinn leis an t-sreath Hebrides a bha craolta an dà chuid air BBC ALBA agus BBC Scotland.

“Chan eil sin ag ràdh gu bheil BBC ALBA a’ cur feum a-mhàin air stuthan air fhaighinn bho sheanailean eile – dh’fhaodadh gun dèanadh siostam riochdachaidh nas èasgaidh taobh a-staigh a’ BhBC comasach dhuinn obrachadh thar ghnèithean, leithid prògraman chloinne, ciùil agus aithriseach. Chan eil an t-iarrtas de àrdachadh ann am prògraman gu 10 uairean a thìde gach seachdain a’ ciallachadh gu feumadh meudachadh ana-mhòr a bhith sa mhaoin a tha a dhìth.”

Tha soirbheas dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan, na fhear de na riochdachaidhean a thug togail do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus thuirt a’ Bh-uas Choineagan gum b’ urrainn togail air an t-soirbheas seo nam biodh BBC ALBA air a neartachadh leis an tuilleadh phrògraman ùra.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan cuideachd: “Tha buaidh thaiceil air a bhith aig an t-seanail air an roinn riochdaich neo-eisimeileach: tha timcheall air leth de choimiseanan riochdachaidh neo-eisimeileach ann an Alba air an dèanamh le BBC ALBA agus dhearbh aithisg air buaidh eaconamach bho chionn ghoirid gu bheil an ìre mhath 300 cothrom-obrach ann a-nis mar thoradh air gnìomhan MG ALBA, le 40% dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha seo a’ gabhail a-steach Bannan, a th’ air a’ mhòr-chuid den riochdachadh aige a dhèanamh san Eilean Sgitheanach.

“Tha sinn daingeann ann a bhith a’ leasachadh seo buileach agus gum bi ùrlar aig an ath ghinealach de thàlant chruthachail. Le bun-stèidh de phrògraman ùra bhon BhBC airson na seanail – cuid a dh’fhaodadh a thigeadh tro cho-obrachadh le riochdairean neo-eisimeileach – tha an tuilleadh chothrom ann cur ri roinn cruthachail na h-Alba agus na buannachdan eaconamach a thig an cois sin”.

Soirbheachas aig Duaisean RTS Alba

SOIRBHEACHAS BBC ALBA AIG DUAISEAN RÌOGHAIL TELEBHISEIN (RTS) ALBA

Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail aig Duaisean Comunn Rìoghail Telebhisein (RTS) Alba 2016 leis a’ phrògram Jim Baxter, a chaidh a riochdachadh le purpleTV a’ buannachadh duais ann an gnè Prògram Spòrs As Fheàrr.

Chaidh na duaisean a thoirt seachad an-raoir (Diciadain 25 Cèitean) leis an neach-naidheachd Catriona Shearer agus an cleasaiche Sanjeev Kohli a’ lìbhrigeadh na h-oidhche.

Bha prògram Jim Baxter, air a lìbhrigeadh le Alex O’Henley, mu bheatha an cluicheadar ball-coise ainmeil a bhàsaich aig aois 61.

Bha Tartan Pride, cuideachd air a riochdachadh le purpleTV airson BBC ALBA, air geàrr-liosta nan duaisean, mar a bha Vilte Vaitkute, neach-deasachaidh media co-op air a’ phrògram Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha sinn air leth toilichte faicinn purpleTV a’ buannachadh an duais seo le Jim Baxter agus tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air an sgioba. Tha prògraman spòrs a’ còrdadh gu mòr ri luchd-amhairc BBC ALBA agus tha e cho mhath an aithne a tha seo fhaighinn”.

Tha duaisean RTS a’ comharrachadh agus ag aithneachadh sàr-mhaitheas aig àrd-ìre air sgilean craolaidh agus ann a bhith a’ cruthachadh phrògraman.

Aithisg bhliadhnail 2015-16

BBC ALBA A’ TOGAIL AIR SOIRBHEAS LE PRÒGRAMAN ÙRA DRÀMA

Filmeadh Bannan na thaic mhòir airson na roinne riochdachaidh neo-eisimileach Tbh

Annual report 2015-16

Chaidh fhoillseachadh an-diugh gun deach sreath ùr de dhràma shoirbheachail BBC ALBA, Bannan, a choimiseanadh.

Bidh am filmeadh seo de chòig phrògraman a bharrachd a’ toirt taic mhòr don ghnìomhachas chruthachail ann an Alba.

Maoinichte le MG ALBA, tha Bannan clàraichte air an Eilean Sgitheanach, riochdaichte le Chris Young (The Inbetweeners) agus stiùirichte le Tony Kearney.

Gu ruige seo, tha 18 prògraman air a bhith air an clàradh agus tha an dràma na aon de na prògraman as motha a chaidh a choimhead air BBC ALBA.

A’ foillseachadh nam prògraman ùra aig ro-shealladh aig Fèis Film Dhùn Èideann an-diugh (Didòmhnaich), thuirt Chris Young: “Cha b’ urrainn dòigh na b’ fheàrr soirbheas Bannan a chomharrachadh na bhith a’ sealltainn nam prògraman seo aig an Fhèis. Bidh clàradh a’ tòiseachadh san Lùnastal mar sin coimheadaibh a-mach airson na tha ri thighinn.”

A thuilleadh air prògraman ùra Bannan, thuirt MG ALBA an-diugh gur e fhathast lèirsinn na buidhne ‘togail air soirbheas na seanail’.

A’ foillseachadh aithisg bhliadhnail na buidhne ann an Dùn Èideann, thuirt an Cathraiche, Magaidh Choineagan: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil ìrean àrda de mhothachadh aig an t-seanail ann an Alba, a’ toirt prògraman sònraichte do luchd-bruidhinn na Gàidhlig agus dhaibhsan aig nach eil a’ chànan.

“Tha sinn a’ leantainn oirnn a’ cur ris a’ bhuaidh a th’ againn air roinn riochdachaidh neo-eisimeilich na h-Alba, is sinn a’ meudachadh na tha sinn a’ cosg air an roinn, agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh cultar de dh’àrd-amas agus de dh’àrd-rùn nar coimhearsnachd chruthachail – tha seo follaiseach le ar dealas ri Bannan.”

Ach thuirt Ms Choineagan gu bheil an t-seanail feumach air an tuilleadh sheilbheach gus leasachadh a dhèanamh.

Thuirt i: “Tha cus ath-chraoladh air BBC ALBA, is e seo an easbhaidh as motha san t-seirbheis. Nar conaltraidhean ri Riaghaltas na RA agus ris a’ BhBC, tha sinn air dèanamh soilleir gu bheil meudachadh air prògraman riatanach ann an leasachadh seirbheis agus tha e deatamach gum bi òigridh le Gàidhlig a’ faighinn làn chothrom air prògraman a tha taitneach is a tha a’ buntainn riutha fhèin gu mòr. Feumaidh sinn àireamh nas motha de phrògraman ùra agus taghadh nas fharsainge de ghnèithean is de chuspairean.

“Is e deagh àm a tha seo a bhith a’ cur seilbh ann am BBC ALBA, le Cairt a’ BhBC ga ùrachadh aig deireadh na bliadhna seo. Tha sinn air argamaid làidir a dhèanamh an dà chuid chun a’ BhBC agus gu Riaghaltas na RA thar na bliadhna a chaidh seachad. Tha sinn a’ làn chreidsinn gum feum am BBC an t-aon ghealltanas a thoirt do BhBC ALBA ’s a thug e do S4C sa Chuimrigh thar nan 30 bliadhna a chaidh seachad, is e sin, 10 uairean a thìde san t-seachdain aig a’ char as lugha de phrògraman ùra maoinichte leis a’ BhBC. Airson BBC ALBA, tha sin a’ ciallachadh gealltanas de chòig uairean a thìde a bharrachd gach seachdain.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Ann an 2015-16 rinn sinn seilbh chudromach ann an riochdachadh phrògraman ùra Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd, agus chosg sinn £9.9m, ag ullachadh 454 uairean a thìde, bho 26 companaidh riochdachaidh eadar-dhealaichte. Dhen sin, chaidh £8.6m chun na roinne riochdachaidh neo-eisimeilich. Dhearbh aithisg air buaidh eaconamach gu bheil an ìre mhath 300 cothrom-obrach ann a-nis mar thoradh air gnìomhan MG ALBA, le 40% dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

“Thar na bliadhna a chaidh seachad tha an t-seanail air leantainn le dèanadas làidir. Tha e sìor follaiseach gu bheil an t-iarrtas as motha airson prògraman ùra no bun-phrògraman. Le a-mhàin 13.3 uairean a thìde gu cuibheasach gach seachdain de phrògraman a chaidh a shealltainn airson a’ chiad uair – co-mheas ath-chraolaidh de 74% – bha e nochdte gun do mheudaich am prìomh luchd-amhairc an ùine amhairc chuibheasach gach seachdain bho 4.4 uairean a thìde gu 4.8 uairean agus an luchd-amhairc nàiseanta bho 1.7 gu 1.8 uairean gach seachdain.

“Cha robh BBC ALBA saor bho na gluasadan nas fharsainge a tha a’ toirt buaidh air amharc loidhneach telebhisein, leis a’ ruigse chuibheasach gach seachdain ann an Alba a’ tuiteam beagan gu 15%, fhathast mòran nas àirde na a’ chomharra-measaidh 10% a bha Urras a’ BhBC a’ sùileachadh. Lean an dùbhlan dùbailte a tha mu choinneimh a bhith ag amhairc ar susbaint meadhanan Gàidhlig air-loidhne; a bhith ga lorg air iPlayer air a bheil na h-uiread de stuthan eile agus droch sholar bann-leathainn ann an iomadh ceàrnaidh anns a bheil ar prìomh luchd-amhairc. Tha mòran de na coimhearsnachdan sa bheil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn fhathast às aonais an leud-banna no an earbsachd a dh’fheumar airson a bhith a’ ruith susbaint lèir-chlaistinneach air an iPlayer.”

Airson na h-aithisg bhliadhnail a leughadh, lean an ceangal seo

Cairt Rìoghail A’ BhBC

MG ALBA A’ SIREADH RÙN LÀIDIR ANN AN CAIRT RÌOGHAIL A’ BhBC AIRSON BARRACHD PHRÒGRAMAN GÀIDHLIG GUS TOGAIL AIR SOIRBHEAS BBC ALBA

Chuir MG ALBA fàilte an-diugh air an dealas airson craoladh Gàidhlig ann an Alba a chaidh fhoillseachadh sa Phàipear Gheal air Cairt Rìoghail a’ BhBC agus dh’iarr iad gun deidheadh dealas seasmhach a thoirt seachad ann an ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC gus togail air soirbheas BBC ALBA.

Tha am Pàipear Geal, a bhios na bhun-stèidh air a’ Chairt a bhios air ùrachadh suas gu deireadh 2016, a’ cur an cèill gum bu chòir don BhBC a dhealas airson craoladh Gàidhlig a ghleidheadh tron cho-bhanntachd aca le BBC ALBA.

Thuirt MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd le BBC Scotland, gu robh an gealltanas seo na cheum air an robhar a’ cur fàilte ann a bhith ag aithneachadh na chaidh a choileanadh leis an t-seanail ach gu robh dùbhlan mòr air thoiseach ann a bhith ga dìon san ùine air thoiseach.

Tha am BBC an-dràsta a’ cur mu 4.5 uairean a thìde de bhun-phrògraman gach seachdain gu ruige BBC ALBA. An coimeas, tha am BBC fo uallach reachdail 10 uairean a thìde de bhun-phrògraman gach seachdain a chuir gu ruige na seanail Cuimreach S4C.

Tha MG ALBA a’ sireadh an aon 10 uairean a thìde de phrògraman bhon BhBC airson BBC ALBA.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Tha e iomchaidh gun deach aithne a thoirt air luach craoladh Gàidhlig ach ma tha BBC ALBA – a tha a-nis mar bhun-stèidh den àrainneachd craolaidh ann an Alba – gu bhith adhartach agus soirbheachail feumaidh sinn an tuilleadh bhun-phrògraman.

“Tha aithneachadh ann bho air feadh nan pàrtaidhean poilitigeach air fad gum bi deagh thoraidhean ann airson nan gnìomhachasan cruthachail ann an Alba ma tha e comasach dhuinn an tuilleadh phrògraman a riochdachadh.

“Tha BBC ALBA air sàr shoirbheas fhaicinn ach tha an luchd-amhairc airidh air seirbheis nas coileanta agus tha sin a’ ciallachadh nas lugha de ath-chraolaidhean agus barrachd bun-phrògraman.

“Sna mìosan agus sna seachdainean air thoiseach bidh sinn a’ strì airson taic a thogail gus an tèid dealas soilleir a dhèanamh airson ìos-mheud de dh’uairean a thìde de phrògraman airson BBC ALBA a stèidheachadh agus tha sinn ag iarraidh air luchd-ùidhe taic a chuir ris a’ mhiann seo.

“Tha sinn gu daingeann air leth taingeil airson an taic a fhuair sinn bho BhBC, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA agus tha sinn airson soirbheas BBC ALBA a thoirt chun na h-ath ìre”.