AITHRIS BHO MG ALBA AIR TAIC A’ BhBC DO CHRAOLADH GHÀIDHLIG
Chuir Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA – a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – a-mach an aithris a leanas mar fhreagairt air na dh’fhoillsich am BBC an-diugh a thaobh taic airson craoladh Gàidhlig.
Thuirt i: “Tha na thuirt am Morair Hall a thaobh taic airson craoladh Gàidhlig a’ toirt aithne do dh’inbhe BBC ALBA agus a’ dol le beachdan gach cuid Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba, a tha air a ràdh gu soilleir gum bu chòir do thaic leantainneach a bhith aig ar seanail ri linn an t-soirbheis a choisinn i.
“Tha sinn a’ cur fàilte air a’ ghealladh seirbheis naidheachd deireadh sheachdaineach a lìbhrigeadh air BBC ALBA, rud a tha an luchd-amhairc air a bhith ag iarraidh. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air an amas gum bi an t-seanail ùr BBC Scotland ‘a’ cur taic ri bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman a bharrachd airson BBC ALBA’.
“Is e an rud a dh’fheumas sinn a dhèanamh a-nis a bhith a’ co-obrachadh gu cuideachail leis a’ BhBC gus soilleireachadh fhaighinn air an dòigh anns an tig na prògraman a bharrachd a tha seo gu buil. Tha sinn gu cunbhalach air a bhith ag iarraidh air a’ BhBC tabhartas de 10 uairean a thìde gach seachdain de phrògraman mar phàirt den Chairt Rìoghail ùr, agus mar sin tha an tuilleadh chòmhraidhean leis a’ BhBC deatamach gus dèanamh a-mach dè dha-rìribh a tha air a thairgse agus ciamar a thèid sin a mhaoineachadh.
“Tha an t-seanail a’ cur feum air prògraman ùra agus lùghdachadh san àireamh de ath-chraolaidhean gus a bhith soirbheachail. Tha BBC ALBA air a bhith na dheagh sgeulachd de shoirbheas sna h-ochd bliadhna a dh’fhalbh agus tha sinn dealasach ann a bhith a’ cur ris an t-soirbheis sin.”
GARY LEWIS À OUTLANDER, KEVIN GUTHRIE, AGUS LEWIS MACDHÙGHAILL AM MEASG NAN RIONNAGAN AIG DUAISEAN NÀISEANTA NAM FILMICHEAN GÀIDHLIG

Nochd rionnagan film na h-Alba ann an Glaschu airson duaisean a thoirt seachad aig naoidheamh cuirm nàiseanta nam filmichean goirid Gàidhlig.
Tha FilmG, a’ cho-fharpais chliùiteach airson tàlant film Gàidhlig aig MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig), air an àireamh as àirde a-riamh de dh’fhilmichean fhaighinn am bliadhna agus chaidh a’ chuirm a shruthadh beò air feadh an t-saoghail air an eadar-lìon.
Chaidh a’ chuirm a chumail aig The Old Fruitmarket, Glaschu agus b’ iad Fiona NicCoinnich à BBC ALBA agus am preasantair rèidio is telebhisein, Niall Iain Dòmhnallach, bean agus fear an taighe. Bha ceòl beò ann air an oidhche leis a’ chòmhlan, INYAL, agus iad dìreach an dèidh cuirmean a chluich aig Celtic Connections agus The Highland Annual.
Am measg nan aoighean a bha a’ toirt dhuaisean seachad bha an cleasaiche ainmeil Albannach, Gary Lewis, a tha ri fhaicinn anns an dràma eucoireach an-dràsta, The Level, agus a tha air nochdadh ann an Gangs of New York, Billy Elliot agus Outlander. Bha an cleasaiche òg à Dùn Èideann, Lewis MacDhùghaill, a tha 14 bliadhna a dh’aois agus a tha ri fhaicinn san fhilm ùr, A Monster Calls, còmhla ri Gary air an àrd-ùrlar.
Bha an cleasaiche, Kevin Guthrie, a tha air a bhith sna filmichean Sunshine on Leith, Sunset Song agus The Legend of Barney Thomson, an làthair cuideachd cuide ri neach-aithris na sìde air a’ BhBC, Kirsteen NicDhòmhnaill, a bha a’ toirt seachad dhuaisean air an oidhche.
Bha Iar-phrìomh-mhinistear na h-Alba agus Rùnaire Caibineit airson Foghlaim is Sgilean, John Swinney, aig a bheil dleastanas ministreil airson na Gàidhlig, an làthair agus thug e seachad an duais airson Film As Fheàrr ann an roinn na h-òigridh.
Bha an cleasaiche Leòdhasach, Dolina NicIllinnein, a tha air a bhith ann am filmichean a leithid The Queen, Seachd: The Inaccessible Pinnacle agus Barney Thomson, an làthair cuideachd airson cuid de na duaisean a bhuileachadh, cho math ris a’ chleasaiche, Màiri NicIllinnein, a tha ri fhaicinn air BBC ALBA san dràma, Bannan.
Thuirt an cleasaiche, Gary Lewis: “Tha e na thoileachas mòr dhomh a bhith a’ tilleadh do dhuaisean FilmG agus na urram dhomh a bhith ann an cuideachd nan daoine òga tàlantach seo. Tha e riatanach gum brosnaich sinn filmeadairean òga is ùra agus tha deagh chothrom an lùib iomairtean a leithid FilmG, a leigeas le daoine òga a bhith cruthachail air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara agus misneachd fhaighinn a leigeas leotha cumail orra ann an dreuchd ann an roinn chruthachail na h-Alba.”
B’ e ‘Strì’ cuspair na bliadhna agus thug sin air filmeadairean ùra, sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich an t-uabhas fhilmichean spòrsail is tarraingeach a dhèanamh. Chaidh 105 filmichean uile gu lèir a chur a-steach don cho-fharpais.
Tha ìre nam filmichean am bliadhna air a bhith glè àrd agus dh’fhàg sin dùbhlan nach beag aig na britheamhan a dh’fheumadh co-dhùnadh a dhèanamh anns gach roinn.
‘S e am film air leth ann an roinn na h-òigridh Faigh WiFi, a rinn clann bhon Sgoil Shamhraidh Dràma, a ghlèidh an duais Film As Fheàrr. Tha am film a’ leantainn buidheann de dh’oileanaich aig an sgoil shamhraidh is iad air tòir seirbheis Wi-Fi.
Bhuannaich Kate Bradley às Àrd-sgoil Àird nam Murchan aon de na prìomh duaisean cuideachd, an duais ùr ann an roinn na h-òigridh airson aithris spòrs, is i ag aithris aig cuairt dheireannach Cuach Valerie Fhriseil. ‘S e Gemma Fay, an glèidheadair ann an sgioba ball-coise na h-Alba agus a bha na cleasaiche san dràma air Sky Living, Rubenesque, a thug an duais do Kate.
Choisinn Uilleam MacDhùghaill à Barraigh an duais airson Cleasachd As Fheàrr anns an fhilm Eilean an Dòchais, dràma a tha a’ dèiligeadh le strì an fhearainn ann am Miùghalaigh ann an 1907. B’ e an cleasaiche òg, Lewis MacDhùghaill, a thug an duais seachad do dh’Uilleam.
Thuirt Iar-phrìomh-mhinistear na h-Alba agus Rùnaire Caibineit airson Foghlaim is Sgilean, John Swinney: “Tha e soilleir gu bheil soirbheas air leth an cois FilmG an dèidh naoi bliadhna. Bidh FilmG a’ tàladh an dà chuid, Gàidheil agus daoine aig nach eil Gàidhlig às a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba, agus tha cothroman na lùib don òigridh againn a leigeas leotha an cuid sgilean is tàlantan a neartachadh. Tha mi fhèin uabhasach toilichte airson a h-uile duine a ghlèidh duais agus tha mi cuideachd uasal à Riaghaltas na h-Alba a tha ag obair cuide ri MG ALBA is sinn a’ cumail taic ris na duaisean seo.”
Ghlèidh Kirsty Scott agus Clas 7 aig Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na duaisean Dràma is Coimhearsnachd airson an fhilm Latha Spòrs, stèidhichte air an latha as fharpaisiche den bhliadhna – Latha Spòrs Clas a 7.
Bidh a’ cho-fharpais a’ sireadh fhilmichean air fònaichean-làimhe, agus tha seo a’ sònrachadh cho cudromach ‘s a tha susbaint dhidseatach as urrainnear a dhealbhadh gun uidheam cosgail proifeiseanta, agus tha seo gu h-àraid freagarrach airson a thaisbeanadh air-loidhne. B’ e Eòghan Stiùbhart às Inbhir Nis a ghlèidh Film Fòn-làimhe As Fheàrr airson FilmG no Die Trying, anns a bheil fear a’ feuchainn ri adhbhar brosnachaidh a lorg.
B’ i Alannah Pheutan às an Eilean Sgitheanach a ghlèidh an duais Comadaidh As Fheàrr airson Gàidheal Gu Luath anns a bheil i a’ feuchainn ri an Gàidheal as coileanta a chruthachadh. Choisinn Alannah duais Roghainn an t-Sluaigh cuideachd.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha FilmG am bliadhna air a bhith nas motha agus nas fheàrr na bliadhna sam bith eile roimhe agus dhrùidh na filmichean anns a h-uile roinn oirnn gu mòr am bliadhna. Bu mhath leinn co-ghàirdeachas a chur air an fheadhainn a ghlèidh duais ach cuideachd air a h-uile duine a tha air oidhirp agus ùine nach beag a chosg air na filmichean aca.
“Tha a’ cho-fharpais air a dhol am meud gu mòr bhon a thòisich sinn o chionn naoi bliadhna – agus tha e na thoileachas mòr dhuinn gu bheil uiread a cho-obrachadh ann anns na meadhanan didseatach sa Ghàidhlig. Tha an roinn ùr – aithrisean spòrs – air a bhith na buannachd am bliadhna, a leig leis an fheadhainn air cùl a’ chamara a thighinn an sàs anns a’ cho-fharpais cuideachd.
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil a’ cho-fharpais a’ brosnachadh luchd-film, cleasaichean is sgrìobhadairean Gàidhlig ùr is òg gus pàirt a ghabhail innte. Tha e a’ toirt tlachd dhuinn cuideachd gu bheil barrachd is barrachd dhaoine òga ag ùisneachadh an cuid Gàidhlig airson na sgeulachdan aca innse tro na meadhanan didseatach. ‘S e àm fìor inntinneach a tha seo agus tha e iomchaidh gun cluinn sinn is gum faic sinn barrachd guthan Gàidhlig – tha sinn an dòchas gum faic sinn barrachd den a seo anns na bliadhnaichean ri teachd.”
Tha luchd-buannachaidh 2017 gu lèir rim faicinn gu h-ìosal, agus chithear gach film a chaidh a chur a-steach don cho-fharpais am bliadhna aig www.filmg.co.uk.
Tha MG ALBA air Bill Macleòid, air a bheil mòr mheas aig daoine agus a tha air iomadh duais telebhisein a chosnadh, a chuir ann an dreuchd Deasaiche Coimiseanaidh, gnìomh a tha a’ cur gu mòr ris an sgioba chruthachail a tha air cùl BBC ALBA.
Tha cùrsa-beatha fada agus soirbheachail air a bhith aig Bill Macleòid ann a bhith a’ lìbhrigeadh nuadh-phrògraman làidir agus aig àrd-ìre airson BBC One, BBC Two, BBC Four, BBC Scotland agus CBBC. Thòisich a bheatha-obrach telebhisein ann am prògraman Gàidhlig far an robh e na stiùiriche airson cuid de shàr phrògraman Gàidhlig, leithid Na h-Eilthirich, Ran Dan agus Gruth is Uachdar, a choisinn iomadh duais. Bho chionn ghoirid bha e ag obair air raoin farsaing de phrògraman, leithid am prògram comharraichte, A History of Scotland.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Mar bu chòir, tha urram agus meas air Bill mar neach air leth cruthachail a choisinn deagh chliù na dhreuchd. Gu ruige seo tha BBC ALBA air a bhith sàr-shoirbheachail. Gus an t-soirbheas sin a dhèanamh seasmhach tha feum air ìrean nas aìrde de dh’ùr-ghnàthachadh agus de chruthachaileachd bhon sgioba a tha a’ lìbhrigeadh prògraman na seanail. Tha an dreuchd ùr seo, agus a bhith a’ cur cuideigin le comasan Bill an lùib an sgioba, a’ dol a chuideachadh le soirbheas BBC ALBA san àm ri teachd.”
Thuirt Bill MacLeòid: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an obair seo aig MG ALBA. Thòisich mo bheatha-obrach ann an telebhisean Gàidhlig agus tha e mìorbhailteach a bhith a’ tilleadh gu raon a tha an-dràsta cho làn de thàlant agus de chruthachaileachd. ’S e fìor urram a tha seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt susbaint ùr, làidir gu luchd-amhairc air feadh na dùthcha.”
CUIRM DUAISEAN FILMG 2017 GA SRUTHADH BEÒ AIR-LOIDHNE

‘S ann aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu air Dihaoine 17 An Gearran a bhios cuirm duaisean FilmG, co-fharpais nàiseanta filmichean na Gàidhlig. Thèid aig luchd-leantainn FilmG a’ chuirm fhaicinn beò air an eadar-lìon mar a rinneadh gu soirbheachail an-uiridh.
Bidh a’ cho-fharpais Instagram sa Ghàidhlig a’ tilleadh, air an robh fèill mhòr, anns an naoidheamh bliadhna de na duaisean seo agus leigidh seo leis an luchd-èisteachd san talla agus na daoine a tha a’ coimhead aig an taigh pàirt aa ghabhail san fharpais. Tha an Sruth Beò a’ cur taobh sgoinneil eadar-obrachail ris an tachartas agus bidh preasantairean FilmG, Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, ag iarraidh air na tha an làthair, cho math ri luchd-amhairc an t-srutha bheò, an dealbh as spòrsaile agus/no as cruthachaile a chur air Instagram fon chomharra #FilmG. Nì na britheamhan sgrùdadh air na dealbhan agus thèid an dealbh a ghlèidheas a ghairm aig deireadh na h-oidhche agus cosnaidh an dealbh sin camara Bebop Parrot Drone.
Thuirt Moira Pugh, Manaidsear Pròiseict FilmG: “Chan eil ach beagan làithean ri dhol chun na cuirm agus tha a h-uile duine air bhioran mar-thà, gu h-àraid air na meadhanan-sòisealta. An-uiridh fhuair barrachd dhaoine cothrom air cuirm nan duaisean fhaicinn air a’ chiad Sruth Beò, a leig le luchd-leantainn FilmG air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail air an oidhche agus tha FilmG air leth toilichte gun urrainn dhuinn a’ chuirm a sgaoileadh a-rithist am bliadhna.
“‘S e cothrom fìor mhath a th’ anns an t-Sruth Bheò airson daoine a th’ air a bhith an sàs san fharpais ach nach urrainn a bhith an làthair – cho math ris na daoine a tha air uiread taic a thoirt don cho-fharpais fad na bliadhna.”
“Tha sinn air leth toilichte gum bi a’ cho-fharpais Instagram againn a’ tilleadh. Bha fèill mhòr oirre an-uiridh agus ‘s e dòigh spòrsail a th’ ann airson iarraidh air barrachd dhaoine brathan a chur air na meadhan-sòisealta is iad a’ cur feum air na tagaichean againn. Tha sinn a’ cleachdadh nam meadhan-sòisealta anns an dòigh chruthachail is spòrsail seo a-rithist airson a’ Ghàidhlig agus a’ cho-fharpais a bhrosnachadh.”
“Shoirbhich leis na cuirmean a bh’ ann roimhe air na meadhan-sòisealta agus am bliadhna tha sinn a’ cur ri sin leis na bhideothan air cùl an àrd-ùrlair, far am bi na daoine a ghlèidheas ag innse don luchd-leantainn air-loidhne ciamar a tha iad a’ faireachdainn – bidh Danny MacAsgaill, a tha air taic mhòr a thoirt do FilmG thar nam bliadhnaichean, am measg nan daoine a bhios a’ bruidhinn, mar sin ‘s fhiach e sùil a chumail air an làraich-lìn againn airson nan bhideothan sònraichte seo.”
Am measg luchd-ciùil na h-oidhche bidh an còmhlan òg ann, INYAL, agus iad an dèidh cuirmean a chluich aig Celtic Connections agus The Highland Annual. Tha FilmG a’ dèanamh fiughair mhòr ris an naidheachd gum bi an seinneadair Gàidhlig air leth, Josie Duncan, a’ seinn cuide ris na balaich.
Lean Moira oirre: “Tha FilmG airson tàlant cruthachail a bhrosnachadh tro fhilmichean, ach bidh measgachadh de mheadhanan ann am bliadhna agus am fear a bhuannaich an duais Film Aithriseach As Fheàrr ann an 2016, Hamish MacLeòid, a’ cluich cuide ri a chòmhlan, INYAL, is iad a’ cur crìoch air an oidhche – cothrom sònraichte do FilmG.”
Co-fharpais ùr MG ALBA – Vlog a’ Mhòid
Tha MG ALBA air co-fharpais bhidio ùr a chuir air bhog gus a’ Vlogger as fheàrr a lorg aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2016.
Bidh Vlog a’ Mhòid fosgailte airson neach sam bith a tha an sàs sa Mhòd ann an dòigh sam bith – a’ gabhail pàirt mar fharpaiseach, ga choimhead air an tbh, ag èisteachd air rèidio, mar bhritheamh no mar neach-taic a’ Mhòid.
Faodaidh na vlogan a bhith a’ gabhail a-steach ullachadh airson a’ Mhòid, siubhal, a’ dèanamh deiseil airson a dhol air an àrd-ùrlar, a’ faighinn nan comharran, a’ coimhead nam prògraman, a bhith a’ coimhead no a’ frithealadh nan cèilidhean agus nan còisirean air fad a’ seinn còmhla no an turas dhachaigh.
Tòisichidh a’ cho-fharpais Dimàirt 27 Sultain agus bidh e fosgailte gu Dimàirt 25 Dàmhair. Bidh dà roinn aois ann, le duaisean gan toirt seachad san roinn Fo aois 18 agus san roinn airson Inbhich. Gheibh iadsan a bhuannaicheas anns gach roinn camara Go-Pro.
Feumaidh gach vlog a bhith clàraichte air fòn-làimhe, feumaidh e a bhith sa Ghàidhlig agus mun Mhòd agus nas giorra na trì mionaidean. Gheibhear na riaghailtean mionaideach an seo.
Faodaidh farpaisich roghnachadh a bhith a’ cruthachadh aon vlog, vlogan air leth no sreath de vlogan. Gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an vlog a chruthachadh, tha Calum MacIlleathain, bho The Social aig a’ BhBC, air stiùir vlog ullachadh (Dèan sin/Na dèan seo) a tha ri fhaighinn an seo.
Tha An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid air dòigh, taiceil mun cho-fharpais. Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh & Co-bhanntachdan MG ALBA: “’S e fear de amasan MG ALBA daoine a bhrosnachadh gus stuth fèin chruthaichte sa Ghàidhlig a dhèanamh airson nam meadhanan didseatach. Tha Gàidhlig aig cridhe a’ Mhòid agus tha an tachartas na dheagh chothrom airson co-fharpais vlog a chur air bhog. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na vlogan fhaicinn agus am faicinn air an co-roinn cho fad is farsaing ’s a ghabhas”.
Fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 ann an Steòrnabhagh Dihaoine 14 Dàmhair, a’ crìochnachadh le na còisearan air fad a’ seinn còmhla Disathairne 22 Dàmhair.
GAISGICH VLOG A’ MHÒID AIR AN CRÙNADH

Chaidh an fheadhainn a bhuannaich farpais Vlog a’ Mhòid ainmeachadh.
Chuir trithead ’s a naoi a-steach vlog airson farpais Vlog a’ Mhòid – 17 bho dhaoine òga agus 22 bho inbhich. Bhathar ag iarraidh air na farpaisich vlogan goirid bhidio mun Mhòd ullachadh. Dh’fhaodadh na vlogan a bhith air an ullachadh le neach-com-pàirteachaidh, neach-amhairc teilebhisein, neach-èisteachd rèidio, britheamh no neach-taic a’ Mhòid. Bidh an neach a bha soirbheachail anns gach roinn a’ faighinn duais de chamara GoPro.
B’ e an tè a bhuannaich ann an roinn na h-òigridh, Beth, 11, bho Chille Moluaig san Eilean Sgitheanach leis a’ vlog Clann Thròndairnis aig Mòd nan Eilean Siar 2016. Bha Beth mar phàirt den bhuidheann Clann Thròndairnis, a ghabh pàirt ann an grunnan fharpais aig a’ Mhòd. Tha a’ vlog aice ag innse mun turas a Steòrnabhagh, na farpaisean anns an robh iad agus na duaisean a bhuannaich iad. Mhol na britheamhan gu h-àraidh an comas a bha aice a sgeulachd innse ann an dòigh a bha èibhinn agus inntinneach, a’ cleachdadh goireasan bhidio agus dealbhan gus cur ris a’ vlog aice.
San dàrna àite bha Mata, aois naoi à Dùn Èideann, agus cha b’ urrainnear sgaradh a dhèanamh eadar an dithis bhràithrean Eòghainn agus Anndra Cuimeanach, aois 13 agus 10, à Laide. Fhuair an dithis aca an treas duais.
Ann an roinn sreath vlog na h-òigridh, bhuannaich na bana-charaidean Ceitidh agus Breagha, le chèile 10 bliadhna a dh’aois, bho Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Rinn iad sreath drùidhteach a bha ag innse mun turas chun a’ Mhòid, a bha a’ gabhail a-steach cuairtean air feadh Leòdhais agus na Hearadh. a’ crìochnachadh len slighe dhachaigh air an aiseag. Faodar an vlog mu dheireadh san t-sreath aca fhaicinn an seo.
Chaidh an dàrna agus an treas duais gu na bràithrean Rufus agus Felix (ochd agus còig) às an Òban, a stèidhich an sreathan air an turas a Steòrnabhagh, a’ crìochnachadh leis na farpaisean aca. Rinn na britheamhan moladh mòr air cruthaileachd Rufus na vlog Bàrdachd Rufus far a bheil e ag aithris a phìos bàrdachd airson a’ Mhòid ann an àitean eadar-dhealaichte agus e air a shighe a Steòrnabhagh.
Ann an roinnean nan inbheach, rinn Ricky Hannaway agus Alison Nicrath, caraidean bho Eilean Leòdhais, sreath vlogan èibhinn mun Mhòd agus chòrd an obair aca Abair Sealladh! cho mòr ris na britheamhan gun do bhuannaich iad chan e a-mhàin sreath vlog inbheach as fheàrr, ach cuideachd am vlog inbheach singilte as fheàrr Sabotage Seòlta a rinn Alison.
Tha na caraidean nam buill de chòisirean a bhios a’ strì an aghaidh a’ chèile agus tha an t-sreath a rinn iad a’ beantainn ris an t-strì a bhios eatorra aig àm a’ Mhòid. Thagh na britheamhan gu h-aon ghuthach am blog sìngilte a rinn Alison anns an robh i ag innse mun dòigh san robh Ricky a’ farchluais air a’ chòisir aice-se. Bha am vlog san robh Alison a’ leigeil oirre gur i stiùiriche a’ choisir eile gus an ullachadh aca a mhilleadh, èibhinn, air a dheagh sgriobtadh agus air a dheagh ullachadh.
Thug Joy Dunlop, a tha ag aideachadh gu bheil i air leth dèidheil air a’ Mhòd, dealbh seachad air a’ Mhòd anns an robh i an dà chuid na britheamh agus na farpaisiche. Rinn na britheamhan moladh air an dàrna vlog aice anns an robh i a’ dèanamh inneas air a turas gu Steòrnabhagh. Fhuair i an dàrna duais ann an roinn a’ vlog shingilte agus an dàrna duais leis an t-sreath aice.
Fhuair an t-sreath de sheachd vlogan aig Marcas Mac an Tuairneir an treas duais agus choisinn a’ vlog aig Na Cardigans – na caraidean Hannah, Caitlin agus Eilish an treas duais san roinn vlog singilte nan inbheach.
Bha Calum MacIlleathain, vlogair air BBC The Social, na bhritheamh air an fharpais, còmhla ris an t-seinneadair agus an neach-teagaisg Sineag Nic an t-Saoir agus Alison Bruce, oifigear leasachaidh A’ Chomuinn Ghaidhealaich.
Thuirt Calum: “Bha na vlogaichean a thàinig a-steach do dh’fharpais Vlog a’ Mhòid air leth cruthachail, ealanta agus làn caractar. Bha e na thlachd mhòr dhuinn mar bhritheamhan gun tàinig na h-uimhir dhiubh a-steach, agus gu robh iad aig ìre cho àrd. Thug iad oirnn gàire a dhèanamh, thug iad oirnn smaointinn agus thug iad togail dhuinn. Chuir iad iongnadh oirnn cho eadar-dhealaichte ’s a bha iad uile – a’ toirt sealladh farsaing air beatha a’ Mhòid. Bha e follaiseach gun do chuir daoine an t-uabhas ùine is smuain annta. Feumar moladh gu h-àraidh dhan fheadhainn a rinn vlog airson a’ chiad uair – agus tha sinn an dòchas gun lean iad orra a bhith gan cruthachadh. Aig a’ cheann thall, cha robh e furasta dhuinn mar bhritheamhan sgaradh a dhèanamh eatarra – bu chòir gach neach a bhith moiteil anns na rinn iad.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: ‘Bha sinn air leth toilichte le càileachd nam vlogaichean thar na farpais, a thaobh nam beachdan cruthachail agus an fhilmeadh agus an deasachadh. Bha e soilleir gun robh luchd-tadhail a’ Mhòid air am beò-ghlacadh le seo. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri tuilleadh dhan seo san àm ri teachd!’
DÀ SHEACHDAIN RI DHOL! AN COTHROM MU DHEIREADH INNTRIGEADH AIRSON FARPAIS FILMG NA BLIADHNA–SA
An dèidh sia mìosan inntinneach is trang, tha FilmG 2017 a’ tighinn gu ceann. Ach ma tha neach sam bith fhathast ri crìoch a chur air an fhilm aca, tha dà sheachdain fhathast ri dhol gun dùin a’ cho-fharpais air Diciadain 14mh Dùbhlachd.
Ge bith an e comadaidh, dràma, aithriseachd no eadhon bhidio ciùil a th’ ann, ’s e an dòigh as fhasa air film goirid a dhèanamh fòn-làimhe a chleachdadh. Tha e nas fhasa na smaoinicheas tu film a dhèanamh. Cho fad ‘s a tha fòn-làimhe no tablet agad agus beachd air cuspair, gheibh thu air aon de na h-apps deasachaidh, leithid iMovie no FilmoraGo a luchdachadh a-nuas agus bidh cothrom agad bileag airson £500 a bhuannachadh airson an Fhilm Ghoirid Ghluasadach as fheàrr san roinn fhosgailte.
Chaidh dà roinn ùr a chur ris am-bliadhna: An Aithriseachd Spòrs as Fheàrr agus, ann an roinn na h-Òigridh, duais airson na Beothantachd as Fheàrr. Mar le na pìosan gluasadach, faodar teicneòlas àbhaisteach a chleachdadh gus filmichean gluasadach sìmplidh is èifeachdach a chruthachadh le stuthan-taice a tha ri làimh. Mar sin, mas e stuth ùr Pixar as fheàrr leat na am Blockbuster as ùire, nach fheuch thu air beothantachd – eadhon ged a bhiodh an sgoil agad air film a chur a-steach, tha tìde ann fhathast sealltainn do dhaoine cho cruthachail ‘s a tha thu fhèin! Feumaidh eileamaid Ghàidhlig a bhith ann an inntrigidhean beothantachd.
Tha dùil aig sgioba FilmG ri deagh àireamh de dh’fhilmichean am-bliadhna, ri linn farsaingeachd de dhuaisean, agus mar a tha teicneòlas air tighinn air adhart sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh.
Cuimhnich gur e ‘Strì’, a’ ciallachadh spàirn no oidhirp, cuspair FilmG na bliadhna-sa – tha ‘Strì’ roimhe air filmichean de gach gnè a bhrosnachadh – carson nach cuir thu d’ fhear fhèin ris an liosta? A-rithist, feumar inntrigidhean a bhith a-staigh air Diciadain 14mh Dùbhlachd… Feumaidh na filmichean a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba agus faodaidh iad a bhith suas gu còig mionaidean a dh’fhaid ann an roinn na h-òigridh no suas ri ochd mionaidean san roinn fhosgailte. Siuthad, feuch air!
Airson beagan brosnachaidh, thoir sùil air filmichean bho na bliadhnaichean a chaidh seachad; chithear iad sin air-loidhne aig www.filmg.co.uk. Ma tha thu airson film a dhèanamh agus/no fiosrachadh a bharrachd fhaighinn mun cho-fharpais cuir fios gu eilidh.rankin@canan.co.uk no moira@canan.co.uk.
SGEAMA PÌLEAT FÒRMAT CEILTEACH 2016/17
Airson an dàrna bliadhna, tha MG ALBA, S4C agus TG4 toilichte a bhith a’ co-obrachadh san sgeama pìleat, Fòrmatan Ceilteach. Thathar a’ sireadh bheachdan air prògraman ùra, fìrinneach, ach spòrsail, nàdarrach, neo-sgrìobhte anns am bi susbaint is anns am bi ùidh aig daoine den h-uile aois air feadh nan dùthchannan Ceilteach agus nas fharsaing na sin. Tha an sgeama a’ feuchainn ri blas fhaighinn air an seòrsa spiorad a tha ri fhaotainn sna dùthchannan Ceilteach san là an-diugh.
Thig maoineachadh de £15,000 gu h-iomlan airson a’ phrògram deuchainn bho MG ALBA, TG4 & S4C, leis an amas fòrmat a leasachadh a bhiodh comasach a chleachdadh sna dùthchannan Ceilteach air fad agus nas fharsaing na sin.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha sinn àrd-amasach airson craoladh Gàidhlig agus airson ar luchd-solar agus tha an sgeama seo a’ toirt cothrom dhuinn a bhith a’ cruadhachadh fòrmat ùr agus co-obrachadh le craoladairean is margaidhean eile”.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an seo.
SUIRBHIDH MHÒR NA GÀIDHLIG A’ FAIGHNEACHD CIAMAR AS URRAINN DHA NA MEADHANAN CÙIS NA GÀIDHLIG ADHARTACHADH
Thathar air suirbhidh ùr a chur air dòigh mar phàirt de rannsachadh a tha a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig na meadhanan Gàidhlig air ionnsachadh a’ chànain.
Tha Suirbhidh Mhòr na Gàidhlig, a chaidh a choimiseanadh le Bòrd na Gàidhlig is MG ALBA, ga cumail le Meriel Young Consulting, buidheann-rannsachaidh a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann.
Tha trì ceisteachain ann a tha ag amas air daoine le diofar chomasan anns a’ Ghàidhlig: luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Is urrainn do dhaoine an t-suirbhidh a lìonadh air an làrach-lìn air a shon aig www.thebiggaelicsurvey.co.uk. Cha toir e ach mu chòig mionaidean a lìonadh.
Am measg nan cuspairean anns a’ cheisteachan tha: a’ bhuaidh a th’ aig meadhanan craolaidh mar BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal, na stuthan ionnsachaidh Gàidhlig a tha rim faighinn agus cho math ’s a tha iad, agus uireasbhaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh nan goireasan a tha a’ brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh no gus na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart.
Thuirt Meriel Young, bho Meriel Young Consulting: “Chaidh an rannsachadh seo a choimiseanadh le Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA agus cuidichidh e le bhith dealbh cheann-uidhe airson nam meadhanan Gàidhlig sna bliadhnaichean air thoiseach. Tha sinn airson cluinntinn bho fharsaingeachd de luchd-freagairt, bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig gu fileanta gu daoine a tha airson an cànan ionnsachadh ach nach eil air tòiseachadh fhathast. Mar as motha de dhaoine a fhreagras na ceisteachain – fireannaich is boireannaich, sean is òg – ’s ann as fheàrr a bhios na toraidhean rannsachaidh againn.”
Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh gum bi tuigse nas fheàrr aige air mar a tha daoine ag ionnsachadh agus a’ cur ris na sgilean Gàidhlig aca. Tha e air leth cudromach airson planadh agus airson leasachadh a’ chànain gu bheil sinn a’ tuigsinn mar a bhios na meadhanan a’ cuideachadh luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus na daoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh, gus cothrom fhaighinn air a’ chànan. Seo a’ chiad turas a chaidh rannsachadh mar seo a dhèanamh agus bheir e cothrom dhuinn tomhas a dhèanamh air dè cho cudromach ’s a tha na meadhanan do bhith adhartachadh na Gàidhlig.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Chaidh ar ro-innleachd airson nam meadhanan Gàidhlig, Lèirsinn 2021, fhoillseachadh san Dùbhlachd an-uiridh, is i ag amas air cruth-atharrachadh a thoirt air buaidh nam meadhanan Gàidhlig air ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Tha an rannsachadh ùr seo a’ dol gar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn barrachd mun àite a th’ aig na meadhanan Gàidhlig ann a bhith a’ cur taic ri ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, bhon chreathail chun na h-uaighe, agus tha fadachd oirnn cluinntinn bho luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus bhuapa-san aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, mu na tha a dhìth orra airson na sgilean aca a leasachadh. Tha na meadhanan didseatach ag atharrachadh gu luath, agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cur ri ionnsachadh na Gàidhlig, le bhith a’ gabhail brath air na cothroman a tha an cois nan atharrachaidhean sin.”
MG ALBA A’ SIREADH BHEACHDAN BHO SGRÌOBHAICHEAN GÀIDHLIG
Tha MG ALBA a’ sireadh bheachdan air leasachadh tàlant sgrìobhadh tbh bho sgrìobhaichean a tha mu thràth stèidhichte agus iadsan aig a bheil miann a bhith ri sgrìobhadh.
Tha suirbhidh ùr, a tha ri fhaighinn tro làrach-lìn MG ALBA agus a tha a’ faighinn taic bho HIE Emergents, ag iarraidh beachdan bho sgrìobhaichean air an seòrsa obair a tha iad a’ dèanamh agus dè na goireasan a bheireadh misneachd dhaibh barrachd a sgrìobhadh no leasachadh a dhèanamh air an cuid obrach. Tha timcheall air 50 neach mu thràth air an t-suirbhidh a lìonadh a-steach agus tha MG ALBA ag iarraidh air sgrìobhaichean eile an cuid bheachdan a chuir a-steach.
Tha an t-suirbhidh ga foillseachadh aig an aon àm agus a tha am film goirid, pàirt de sgeama dràma an EBU (European Broadcasting Union) agus air a choimiseanaidh le MG ALBA, air a shealltainn aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh.
Chaidh Na Saboteurs a chlàradh ann an Nis, Eilean Leòdhais. Chaidh an sgriobt Gàidhlig a sgrìobhadh a dh’aona ghnothaich airson an dràma leis an sgrìobhaiche ainmeil Catriona Lexy Chaimbeul, a bha cuideachd na stiùiriche airson a’ chiad uair. Chaidh a riochdachadh le preseantair BBC ALBA Fiona NicChoinnich agus le Kirsty Hines-Mackay.
B’ e dithis òg tàlantach – Zoe Mustian agus Daniel Macleòid – a ghabh pàirt san fhilm, a thuilleadh air Artair Donald agus Donna Mhoireasdan air a bheil daoine deagh eòlach. B’ e Ross B. Wilson bho Tidelines a sgrìobh an ceòl airson an fhilm – a chiad choimisean tbh. Thèid am film goirid a shealltainn air BBC ALBA mar phàirt de chlàr na Nollaige.
Tha Na Saboteurs, agus foillseachadh na suirbhidh, nam pàirt de mhiann MG ALBA tàlant sgrìobhadh Gàidhlig a leasachadh.
Tha sgrìobhaichean de gach aois agus eòlas air am brosnachadh gus an t-suirbhidh ghoirid a lìonadh a-steach agus cuiridh seo ri ro-innleachd MG ALBA san ùine ri teachd.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd & Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha leasachadh tàlant air feadh ar roinn chruthachail aig cridhe obair MG ALBA agus tha sinn dealasach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an tàlant sgriobhaidh air àrach mar phàirt den ro-innleachd sin.
“Airson an adhbhar sin, tha sinn airson ionnsachadh mun t-eòlas acasan a tha mu thràth air sgrìobhadh ann an Gàidhlig – airson adhbharan cur-seachad no adhbharan proifeiseanta. Tha sinn cuideachd airson cluinntinn bhuapasan as docha a tha airson tòiseachadh air sgrìobhadh no an tuilleadh a sgrìobhadh ach a tha a’ faireachdainn nach eile iad ullaichte airson a leithid, ’s docha ri linn cion trèanadh no cion misneachd.
“Dh’fhaodadh eòlas air Gàidhlig, gu h-àraidh sgilean sgriobhaidh, buaidh a thoirt air comas neach peann a chuir ri pàipear. Ma tha cnapan-starra ann tha sinn airson faighinn a-mach càite bheil iad agus dè dh’fhaodadh MG ALBA a dhèanamh gus faighinn tarsainn orra seo, gus a bheil sinn a’ cruthachadh bun-stèidh airson an sgrìobhadh Gàidhlig as fheàrr a th’ ann air an sgrion.”
Thuirt Catriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhaiche Na Saboteurs: “Tha Na Saboteurs a’ toirt cothrom daoine òga tàlantach a dhol an sàs ann an riochdachadh agus tha sinn cho toilichte le Zoe agus Daniel agus mar a thionnadh am film a-mach.
“Bha mi toilichte an cothrom fhaighinn an sgriobt a sgrìobhadh airson an fhilm agus feumaidh sinn tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gus na sgilean sgriobhaidh Gàidhlig aca a leasachadh. Tha mise mu thràth air suirbhidh MG ALBA a lìonadh a-steach agus tha mi a’ moladh do dhaoine an aon rud a dhèanamh, ge bith dè an t-eòlas sgrìobhadh a th’ aca cheana.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh aig https://www.surveymonkey.co.uk/r/MGALBA_sgriobhadh