Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

An dàrna deichead aig BBC ALBA ga chomharrachadh

4 Sultain 2018

An dàrna deichead aig BBC ALBA ga chomharrachadh as t-fhoghar le prògraman tarraingeach às ùr

Dh’fhoillsich BBC ALBA an-diugh (6 Sultain) prògraman Foghair 2018, nam measg comadaidh ùr eisgeil, a’ comharrachadh toiseach tòiseachaidh dàna airson an dàrna deichead den t-seanail.

Tha FUNC air a chruthachadh le fear le sàr-chomasan comadaidh, Michael Hines, air a bheilear eòlach airson a’ chomadaidh Albannach Still Game. A’ toirt thugainn actairean agus tàlant sgrìobhaidh ùr, le iomadh neach a fhuair meantoradh tro chom-pàirteachas le BBC Writer’s Room Scotland, gheibhear measgachadh de shusbaint làn geur-chainnt, mì-mhodh, agus caractaran mòra uabhasach!

Thuirt an Riochdaire Michael Hines: “Tha mi air mo dhòigh glan gu robh an cothrom seo agam comadaidh ùr a chruthachadh airson BBC ALBA. Chan eil mòran sheanailean ann aig am biodh uiread de dh’earbsa ann an luchd-dèanaimh phrògraman – agus uiread de dhealas airson tàlant ùr-tòiseachaidh. Tha sgioba òg agus sgrìobhadh air leth againn agus tha mi cho moiteil san cuid obair chruaidh thar ceithir phrògraman.

“Tha co-obrachadh cruthachail air leth tlachdmhor air a bhith ann eadar BBC ALBA, the Woven Thread agus am BBC Writer’s Room gus sgrìobhadairean ùra tarraingeach a lorg agus tha mi deimhinnte – tha min dòchas – gum bi daoine a’ gàireachdainn mar a bha sinne.”

Tha Clàr Foghair 2018 BBC ALBA cuideachd a’ comharrachadh tòiseachadh seirbheis naidheachd seachd-là, a’ toirt An Là chun deireadh sheachdain airson a’ chiad uair. Tha an leasachadh seo ris an t-seirbheis naidheachd air sia obraichean ùra a chruthachadh ann an sgìre Inbhir Nis.

An t-seachdain seo, dh’fhoillsich BBC ALBA cuideachd com-pàirtichean leis an SFA agus an SWF ann am ball-coise nam ban. Tha seo a’ gabhail a-steach aonta trì-bliadhna airson geamannan co-fharpaiseach an sgioba nàiseanta, leis an tuilleadh gheamannan an lìog nàiseanta air an tbh cuideachd.

Thuirt Shelley Kerr, prìomh choidse sgioba nàiseanta nam ban: “Tha an com-pàirteachas ùr seo na chothrom air leth airson geama nam ban ann an Alba agus ceum eile air an t-slighe cheart is an sgioba a’ dol bho neart gu neart.

“Tha BBC ALBA air a bhith cho dìleas ris an sgioba nàiseanta a thuilleadh air a’ gheama air ìre cluba agus tha sinn air leth toilichte leantainn leis a’ chom-pàirteachas seo airson na h-ath thrì bhliadhna.

“Le geamannan air an sealltainn air telebhisean agus air-loidhne tro BhBC ALBA, tha seo a’ toirt àrdachadh ann an ìomhaigh an sgioba nàiseanta agus le luchd-frithealaidh nan geamannan a’ fàs, tha mi deimhinnte gun tig fàs air an luchd-amhairc Tbh cuideachd.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Le BBC ALBA a’ dol a-steach don dàrna deichead, tha sinn dha fhaighinn cho tlachdmhor a bhith a’ neartachadh chom-pàirteachasan leis an SFA agus an SWF, a’ cruthachadh susbaint airson luchd-amhairc BBC ALBA, a’ tàladh luchd-amhairc ùr agus a’ cruthachadh ùrlar airson ball-coise nam ban.”

Tha mòr àrdachadh ann an susbaint chloinne air BBC ALBA ga fhoillseachadh an-diugh cuideachd. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu na h-atharraichean mòra seo agus com-pàirteachas ris a bheilear a’ coimhead air adhart gu mòr aig tachartas Diardaoin-sa tighinn.

Thuirt Maireadh Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Ghàidhlig a’ BhBC: “Tha e na thlachd dhuinn a bhith a’ comharrachadh 10 bliadhna de BhBC ALBA le beartas de phrògraman agus stuthan didseatach. Bheir Foghar 2018 telebhisean air leth chun luchd-amhairc: comadaidh ris an dèanar gàire gu mòr, dreach ùr air prògraman chloinne, prògraman aithriseach a bheir togail don chridhe agus na h-ath sgeulachdan ann am Bannan. Le ball-coise nam ban agus nam fir ga leasachadh, thathas cuideachd a’ cur ceòl a-rithist aig cridhe ar clàr, le co-riochdaidhean eadar-nàiseanta ùr leithid Iùl a’ Chiùil a’ tighinn cuide ri Port. Leis a h-uile dad den seo, chan iarradh tu a’ chòrr ach a bhith a’ coimhead BBC ALBA as t-Foghar nuair a bheir sinn an tbh as fheàrr gu luchd-amhairc ann an Alba agus nas fharsainge”.

Amongst the highlights for the autumn season are:

FACTUAL

Sgoil Lionacleit to NY (MacTV): In May 2017 Eilidh MacLeod from Barra became one of 22 victims of the Manchester Arena bombing. This April, Eilidh’s fellow musicians in the Sgoil Lionacleit Pipe Band embarked on a journey to New York to pay their own very personal tribute to their friend.

Trusadh: The Pakistan Islanders (MacTV): This documentary tells the remarkable story of a small Muslim community coming together to establish the Western Isles’ first mosque.

Tommy Burns (purpleTV): Ten years on from his untimely death from cancer, Tommy Burns’ daughters and sons look back on the life and career of their beloved father, the legendary player and manager of both Celtic and Kilmarnock.

MUSIC

Port (Bees Nees Media) Acclaimed musicians Julie Fowlis and Muireann NicAmhlaoibh head to Brittany to discover more about traditional music in the islands.

Doolin Festival (Bees Nees Media) A flavour of the Doolin Folk Festival in Ireland, an event famous for presenting powerful music in an intimate setting.

The Musical Path (MacTV): A major new series charting the shifting sands between tradition and innovation in Irish and Scottish music over the past half century.

DRAMA

Bannan (Young Films) Camus is still reeling from the shock of seeing two of its own taken away in handcuffs, under suspicion of murder. But how do the community react when only one returns?

Trapped (RKV Studios): Continuing its season of world drama, BBC ALBA travels to Iceland as a remote town is rocked by a gruesome crime.

CHILDREN

Gudrun (MaraKids): Explore the wild with Gudrun the Viking Princess, an innovative format for young children combining live-action drama and the best of wildlife filmmaking.

My Life as a Courgette (Solus): After losing his mother, a young boy is sent to a foster home with other orphans his age where he begins to learn the meaning of true love in this multi-award-winning animated feature.