Tha Ailean Dòmhnullach air tòiseachadh na dhreuchd mar an Cathraiche ùr air MG ALBA, am buidheann a tha an urra ri prògraman Gàidhlig ann an Alba.
Tha Ailean, a chaidh a chuir san dreuchd airson ceithir bliadhna bho 1 Faoilleach 2019 le Ofcom air an obair a ghabhail thairis bho Mhagaidh Choineagan a bha na Cathraiche air MG ALBA bhon Iuchar 2012.
Tha Ailean Dòmhnullach, a tha fileanta sa Ghàidhlig, air a bhith an sàs ann an riochdachadh agus rianachd ann an craoladh Gàidhlig, rèidio agus telebhisean, thairis air 40 bliadhna.
Rè a bheatha-obrach, bha e ag obair airson 12 bliadhna aig a’ BhBC agus fhads a bha e an sin bha e os cionn a bhith a’ cur air chois stèisean rèidio ann an Steòrnabhagh, dà bhliadhna aig Grampian TV agus 25 bliadhna anns an roinn telebhisean neo-eisimeileach na Cheannard air mneTV, companaidh spòrs agus cur-seachad, agus na stiùiriche air purple TV, riochdaire didseatach agus telebhisean.
Tha eòlas aige air obair naidheachd agus cùisean làithreach ann an rèidio, telebhisean agus pàipearan naidheachd, cho math ri bhith na àrd-riochdaire, na riochdaire agus na stiùiriche air raon farsaing de phrògraman coitcheann nam measg prògraman creideimh, comadaidh, ciùil agus aithriseach, nam measg prògraman mu Jock Stein agus Jim Baxter a bhuannaich duaisean RTS bho chionn ghoirid.
Bho chionn ceithir bliadhna tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba a tha an urra ri bhith ag adhartachadh leasachadh na Gàidhlig. Bha e ron sin na bhall de Bhòrd Colaisde a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus de Bhòrd Skillset ann an Alba. Airson sia bliadhna bha e mar Chathraiche den earrann telebhisein neo-eisimeileach ann an Alba (PACT) agus bha e na stiùiriche air PACT (UK) ann an Lunnainn.
Thuirt cathraiche ùr MG ALBA Ailean Dòmhnullach:
“Tha mi air leth pròiseil a bhith a’ tòiseachadh aig MG ALBA mar chathraiche ùr na buidhne. Tha mi an dùil a bhith a’ togail air soirbheas BBC ALBA sna deich bliadhna a dh’fhalbh, agus ann a bhith a’ dèanamh sin tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le buill, leis an luchd-obrach, ar com-pàirtichean a bhios a’ cruthachadh ar susbaint, agus leis a’ BhBC a tha nan com-pàirtichean craolaidh ann am BBC ALBA.
Tha mi cuideachd a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth ris a’ choimhearsnachd agus leis an Riaghaltas – a tha a’ maoineachadh MG ALBA gus na h-amasan againn a choileanadh”.