Tha aon de na fiolmadairean as gealltanaiche ann an Alba, Parker Dawes, air a’ chiad choimisean TBh aige fhaighinn le Dà Sgadan – Two Peas in a Pod, a thèid a chraoladh air BBC ALBA air Latha na Nollaig.
An dèidh mòran soirbheachas ann an co-fharpaisean FilmG, tha Parker, a tha 17 bliadhna de dh’aois, air fiolm ùr a sgrìobhadh agus a stiùireadh, a chaidh a choimiseanadh le BBC ALBA mar phàirt den sgeama dràma chloinne aig Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa (EBU). Ann an co-bhonn ris an EBU, fhuair Parker an cothrom obrachadh còmhla ri Neville Kidd, an neach camara cliùiteach, a th’ air duaisean Emmy agus BAFTA a bhuannachadh agus a th’ air obrachadh air prògraman leithid The Umbrella Academy, Sherlock agus Outlander.
Ag amas air luchd-amhairc eadar aois 6-9, tha Dà Sgadan – Two Peas in a Pod a’ leantainn Polly, meacanaig, a tha seachd searbh sgìth a bhith a’ coimhead às dèidh a piuthar bheag bhragail, Peigi. Nuair a tha buidhean a’ toirt cothrom do Pholly a dhol còmhla riutha, tha i ag aontachadh gun mòran smaoineachaidh – ach tha na thòisich mar fhealla-dhà agus spòrs a’ fàs dorcha gu grad nuair a tha Polly a’ gabhail brath air a piuthar gus cliù a chosnadh leisa a’ bhuidhinn. Tha e a’ fàs soilleir gu bheil taobh gu math dorcha air Donnie Dan, agus feumaidh Polly roghnachadh dè an t-slighe a ghabhas i.
Chaidh aithne air sgil Parker a bhith a’ cur sgeulachd an cèill a dhèanamh an toiseach aig co-fharpais FilmG ann an 2023 far an do bhuannaich e an roinn airson an fhiolm a b’ fhèarr aig neach fo 18 airson a’ chiad turas. Na bu thràithe am-bliadhna shoirbhich leis a-rithist le duais airson an fhiolm goirid aige, Iomlaineachd (Perfection). Tha an soirbheas seo thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh air cuideachadh gus Parker a stèidheachadh mar aon de na fiolmaidearan òga as cliùitiche ann an Alba.
Thuirt Parker Dawes: “Tha mi air iomadach cothrom luachmhòr fhaighinn bho bhith a’ fàs suas an Alba, le ar cultur agus a bhi ag ionnsachadh Gàidhlig. Nuair a bha mi san Àrd-sgoil rinn an class Gàidhlig agam fiolm airson FilmG – co-fharpais a bha a cheart cho mòr ris na h-Oscars dhuinne. Bha an t-airgead a bha ri bhuannachadh agus an cliù a bha na lùib gar brosnachadh gu mòr gus am fiolm a b’ fheàrr a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh, agus tha mise air am fiolm agam fhìn a chur a-steach dhan cho-fharpais gach bliadhna bhon uairsin, ’s mi an-còmhnaidh ga mo phutadh fhèin gus fiolm nas fheàrr a dhèanamh gach turas.
“Tha a h-uile fiolm a rinn mi air dùbhlain agus cothroman ionnsachaidh a chruthachadh dhomh, agus bha e an aon rud le Dà Sgadan. Bha a’ cur a-steach airson an sgeama EBU seo, agus an uairsin ag obair air an fhiolm, ga mo chuideachadh gu mòr gus tuigse nas fhèarr fhaighinn mun ghnìomhachas seo agus gus iomadh sgil ùr a thogail a chumas mi orm a’ cleachdadh. Chan urrainn dhomh taing gu leòr a thoirt don a h-uile duine a bha an sàs ann.”
Thuirt Neville Kidd, an neach camara: “Bha e na thlachd a bhith ag obair gu dlùth air an fhiolm goirid seo, agus bha e na urram cuideachd taic a thoirt don ath ghinealach de dh’fhiolmadairean tàlantach à Alba. Abair tàlant a th’ aig Parker!”
Chaidh am fiolm a riochdachadh le Channel X Hopscotch airson BBC ALBA le maoineachadh bho MG ALBA agus Screen Scotland. Bha Parker ag obair leis an riochdaire cliùiteach Carolynne Sinclair Kidd agus le Lana Pheutan mar cho-sgrìobhaiche. Tha Lana, alumnus eile FilmG, na sgrìobhadair Gàidhlig a th’ air obrachadh air pròiseactan airson an EBU roimhe le Dad Sam Bith, agus air an t-sreath comadaidh, Glan Fhèin. Tha i cuideachd an-dràsta a’ gabhail pàirt anns an Sean Connery Talent Lab.
Thuirt Sean Greenhorn bho Screen Scotland: “Tha e sgoinneil gun urrainn dhuinn taic a thoirt do Channel X Hopscotch agus Parker Dawes air a’ choimisein ùir seo airson BBC ALBA. Tha Parker na thàlant anabarrach fhèin math a mhothaich sinn an toiseach leis an fhiolm FilmG aige Iomlaineachd. Tha e an-còmhnaidh tlachdmhor nuair a chithear fiolmadairean òga a’ faighinn toiseach tòiseachaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn a’ mhac-meanmna, a bhlàiths agus a gheur-labhairt a’ tighinn troimhe ann an Dà Sgadan aig àm na Nollaige.”
Thèid am fiolm goirid Gàidhlig 15-mionaid a thaisbeanadh air BBC ALBA air Là na Nollaige. Coimhead air Dà Sgadan – Two Peas in a Pod beò air BBC ALBA air an 25mh latha den Dùbhlachd aig 6.10f, neo air BBC iPlayer: https://www.bbc.co.uk/programmes/m0026ff6