Tha trì filmichean goirid Gàidhlig a chaidh a chruthachadh airson FilmG air buannachadh aig Scottish Youth Film Festival (SYFF) na bliadhna-sa, le Iomlaineachd a’ togail duais a bharrachd mar am Film as Fheàrr airson an roinn 13-18 uile gu lèir.
Choisinn Iomlaineachd (Perfection) le Parker Dawes, a bha air am Film as Fheàrr a bhuannachadh aig farpais FilmG na bu thràithe am-bliadhna, an dearbh duais a-rithist aig SYFF. Fhuair am film, a tha a’ cnuasachadh foirfeachd agus bòidhchead neo-fhoirfeachd, am Film Gnìomh Beò as Fheàrr san roinn 13-18 mus deach ainmeachadh mar am Film as Fheàrr. Aig dìreach 17 bliadhna a dh’aois, tha Parker air iomadh duais fhaighinn aig FilmG agus chaidh ainmeachadh mar ‘Rising Star’ leis a’ Chrannchur Nàiseanta aig Fèis Film Lunnainn an-uiridh.
San roinn Aithriseach 13-18, bha trì de na ceithir filmichean air a’ gheàrr-liosta cuideachd nam buannaichean FilmG, le Aillse Sealladh Marsaili le Sgoil Lìonacleit a’ togail duais SYFF. Tha am film seo, a choisinn Duais Roghainn FilmG am-bliadhna, a’ toirt cunntas air an eòlas a th’ aig Marsaili air a bhith a’ strì ri aillse agus i na deugaire anns na h-Eileanan Siar.
Chaidh An Glaoine Nan Draoidh (The Druid’s Stone) le Sophie Nic a’ Ghobhainn às a’ Ghàidhealtachd aithneachadh mar bhuannaiche san roinn Beò-Dhealbhachaidh 13-18. Thug Sophie, a chaidh ainmeachadh airson Duais Rionnag FilmG na bliadhna-sa, buaidh mhòr air na britheamhan leis na sgilean cruthachail aice ann an aithris sgeulachdan agus beòthalachd. Bha seo a’ ciallachadh gun do choisinn filmichean FilmG gach duais anns na roinnean 13-18 aig SYFF.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “Uaireannan faodaidh filmichean Gàidhlig a bhith a’ faireachdainn mar gu bheil iad a’ suidhe leotha fhèin, air iomall a’ ghnìomhachais. Tha a bhith a’ faicinn filmichean a chruthaich daoine òga sa Ghàidhlig air an aithneachadh gu nàiseanta am measg gheàrr-liostaichean de fhilmichean Beurla air leth brosnachail agus tha a h-uile duine aig FilmG moiteil à Parker, Sophie agus an sgioba aig Sgoil Lìonacleit.”
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Bha e na thoileachas mòr filmichean goirid Gàidhlig fhaicinn, gach cuid air geàrr-liostaichean agus a’ cosnadh dhuaisean. Tha feum againn air riochdairean òga le Gàidhlig a tha àrd-amasach agus tha FilmG air a bhith na àrd-ùrlair air leth don a thaobh seo”.
Chaidh na filmichean a bhreithneachadh le Comhairle Comhairleachaidh Òigridh Into Film agus chaidh na buannaichean fhoillseachadh aig an 10mh Scottish Youth Film Festival, a chaidh a chumail aig Acadamaidh Armadail, Lodainn an Iar, air 4 agus 5 Dàmhair, 2024. Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu Scottish Youth Film Festival aig www.syff.scot/festival