Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Crathadh a’ Tighinn air FilmG san 17mh Bliadhna

2 Sultain 2024

Tha na ceudan de fhilmeadairean bho air feadh na h-Alba trang a’ dealbhadh agus a’ sgrìobhadh nan tagraidhean aca airson FilmG agus an fharpais bhliadhnail a’ fosgladha-rithist.

Le co-fharpaisean sònraichte do dhaoine fo aois 18 agus nas sine na 18, thathar a’ toirtdùbhlan do chom-pàirtichean filmichean Gàidhlig a chruthachadh nas lugha na còigmionaidean de dh’fhaid, ri chuir a-steach ron cheann-latha air 9 Dùbhlachd 2024.

A rèir bun-smuain na bliadhna-sa, Crathadh, tha an fharpais air tòiseachadh le atharraichean.

Chan eilear ag iarraidh filmichean stèidhichte air cuspair sònraichte – an àite sin thainntrigidhean fosgailte do chuspair sam bith.

Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: Tha sinn air èisteachd ri fios air ais bho fhilmeadairean agus tha sinn air co-dhùnadh cùisean a chrathadh le bhith a’ fàgailcuspair FilmG fosgailte airson a’ chiad uair ann an eachdraidh na farpais.

Tha sinn cuideachd a’ roghnachadh gun a bhith a’ foillseachadh nan roinnean gus a’ bhliadhna ùr, a’ toirt cothrom dhuinn roinnean farpaiseach a chur an cèill gus an iomadachdagus cruthachalachd a thaisbeanadh san dòigh as fheàrr.”

Tha àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba an-dràsta a’ planadh nam bùthan-obrach aca, air an lìbhrigeadh le luchd-oide FilmG, agus tòisichidh conaltradh le luchd-inntrigidh le sgiobaFilmG a’ frithealadh tachartasan freshers Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrograman MG ALBA: “B’ e ceumeile air adhart a bhann an-uiridh do FilmG agus na h-atharrachaidhean feum ann a bhith a lorg tàlant cruthachail Gàidhlig.

“’S e àrd-ùrlar a thann am FilmG airson cruthachalachd, co-obrachadh agus, aig a’ cheannthall, leasachadh agus mar sin tha sinn air bhioran faicinn tha romhainn ann am bliadhna17 den phròiseact sgoinneil seo.”

Chaidh FilmG a stèidheachadh mus deach BBC ALBA a chur air bhog ann an 2008 agus thaan t-uabhasluchd-ceumnachaidh’ FilmG air gluasad a-steach do ghnìomhachas nammeadhanan ann an Alba, le luchd-inntrigidh a bhann roimhe a’ toirt a-steach an t-seinneadair Katie Gregson-NicLeòid, agus a’ bhana-chleasaiche chliùiteach Sorcha Groundsell, am prìomh chleasaichte sa phrògram ùr àrd-amasach An t-Eilean, a bhios a’ tighinn gu BBC ALBA a dh’aithghearr.

Tha na filmichean a bhuannaich an-uiridh uile rim faicinn air liosta-cluiche YouTube BBC ALBA.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu FilmG, tadhail air https://www.filmg.co.uk/, agusfaodaidh filmeadairean no buidheann sam bith a tha airson tòiseachadh fios a chuir gusgioba FilmG airson taic.