Tha BBC ALBA air na cleasaichean fhoillseachadh airson an t-streath eucoir TBh, An t-Eilean, leis a’ chleasaiche cliùiteach Albannach, Sorcha Groundsell a’ gabhail a’ phrìomh phàirt.
Chaidh dearbhadh gum bi Sorcha Groundsell (His Dark Materials, Clique, Shetland agus Netflix’s The Innocents) a’ cluich PC Kat Crichton, oifigear ceangail teaghlach poileis, a thilleas gu eilean a dachaigh mar phàirt den rannsachadh mu mhurt brùideil agus nach gabh a mhìneachadh.
Air a togail ann an Nis ann an Eilean Leòdhais, ghluais Sorcha a Ghlaschu aig aois naoi bliadhna airson a dhol gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. An seo, thòisich i air clasaichean dràma aig an Citizens Theatre agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba mus do ghluais i a Lunnainn gus a dreuchd cleasachd a leantainn. Chaidh Sorcha gu na Stàitean ann an 2018 airson pàirt san t-streath ficsean saidheans Netflix, The Innocents, a chluich.
Thuirt Sorcha Groundsell: “Tha mi air leth toilichte a bhith mar phàirt den t-streath iongantach seo agus tha e na urram dhomh pàirt a ghabhail ann a bhith a’ briseadh talamh ùr don Ghàidhlig. Tha mi air a bhith an dòchas cothrom fhaighinn Gàidhlig a thoirt a-steach don obair phroifeasanta agam leis gu bheil i a’ ciallachadh uimhir dhomh.
“Chan urrainn dhomh smaoineachadh air pròiseact nas fheàrr na An t-Eilean airson seo a dhèanamh. Tha an taisbeanadh seo a’ faireachdainn mar chothrom air leth dhuinne, mar Ghàidheil, an cànan, an cultar agus na seallaidhean air a bheil sinn cho measail a thaisbeanadh dhan t-saoghal mhòr.”
Thathas air dearbhadh gu bheil Iain MacRath (Bannan, Outlander agus Crowdie and Cream) a’ nochdadh anns an t-streath Ghàidhlig mar mhilleanair fèir-dhèante, Sir Dùghlas MacIlleathain. Tha Sagar Radia (Industry, The Good Karma Hospital agus Unicorns) a’ nochdadh mar phrìomh neach-sgrùdaidh poileis, DCI Ahmed Halim. Bidh Sinead NicAonghais (Outlander agus A90), agus dà chleasaiche às an Eilean Sgitheanach, Meredith Brook (Bannan) agus Sam James Mac a’ Ghobhainn (Royal Conservatoire of Scotland’s Faustus: That Damned Woman) a’ cluich teaghlach mì-ghnàthach MacIlleathain. Agus anns a’ chiad dreuchd air sgrìn aige, tha Anndra MacAonghais à Eilean Leòdhais air a dhearbhadh ann am pàirt a’ mhac as sine aig Sir Dùbhghlas, Calum.
Bidh an cleasaiche, sgrìobhadair agus filmeadair à Dùn Èideann, Elspeth Turner (Riptide and Marram), a’ toirt dealbh air bean Sir Dùbhghlas a chaidh a mhurt, Màiri. Cuideachd a’ nochdadh ann an dreuchdan-taic, bidh an cleasaiche à Uibhist a Deas, Daibhidh Walker (Mara: The Seal Wife, An Clò Mòr agus Bannan), Tormod Macleòid agus Carina NicLeòid, a rugadh ann an Leòdhas, agus an neach ùr inntinneach Sharyn NicFhearghais.
Chaidh Caisteal Amhainnsuidhe, caisteal iongantach anns na Hearadh, ainmeachadh mar phrìomh àite le cuideachd filmeadh air a chumail ann an àiteachan eile air feadh na Hearadh, Leòdhas agus Glaschu.
Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures, riochdairean An t-Eilean: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Sorcha agus an còrr den sgioba tàlantach a th’ air An Eilean. Làn charactaran iom-fhillte agus brosnachail, agus air a shuidheachadh an aghaidh cruth-tìre eireachdail Innse Gall, chan urrainn dhuinn feitheamh gus an tèid luchd-amhairc aig an taigh agus thall thairis a bhith air an glacadh leis na tha cinnteach a bhith na dhràma àrd-amasach.”
Dh’ainmich BBC ALBA am pròiseact ùr-nodha air a’ mhìos a chaidh mar an t-sreath dràma Ghàidhlig as motha ann an eachdraidh a’ chraoladair, a tha gu bhith a’ bualadh air sgrìonaichean eadar-nàiseanta ann an 2025 le taic bhon neach-sgaoilidh cruinneil All3Media International.
Thuirt David Swetman bho All3Media International: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Black Camel Pictures agus BBC ALBA air a’ phròiseact seo. ’S e seo a’ chiad phròiseact Gàidhlig againn agus tha sinn air bhioran cultar, cànan agus cruth-tìre Innse Gall a thoirt gu luchd-èisteachd cruinneil.”
Air a cho-sgrìobhadh leis an sgrìobhadair sgrìon/neach-cruthachaidh Nicholas Osborne (riochdaire Remember Me agus License to Wed) agus an sgrìobhadair sgrìon, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr), agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (Arracht), tha An t-Eilean a’ faicinn ceathrar pheathraichean is bràithrean a’ cruinneachadh aig dachaigh an teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar ‘s an athair fo cheasnachadh mu bhàs dìomhair am màthar.
Leis an sgioba air a dhearbhadh agus filmeadh a’ dol air adhart, thuirt Bill MacLeòid, Neach-coimiseanaidh BBC ALBA: “Tha sinn air sgioba iongantach de chleasaichean sgoinneil a thoirt còmhla airson a’ phròiseict ùr-nodha seo. Le Eilean iongantach na Hearadh mar a shuidheachadh, bheir An t-Eilean cànan, cultar agus seanchas na Gàidhlig gu luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.”