Tha BBC ALBA an-diugh (29 Samhain) air ainmeachadh co-obrachadh le com-pàirtichean à Coiria gus sreath ùr de phrògraman aithriseach a cho-riochdachadh.
The MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, air aonta a dhearbhadh aig tachartas ann an Amsterdam le craoladairean agus riochdairean bho cheithir dhiofar dhùthchannan – JTV (Jeonju Television) nam measg.
Tha an craoladair Èirinneach TG4 agus an companaidh riochdachaidh Cuimreach Cwmni Da cuideachd mar phàirt den cho-riochdachadh eadar-nàiseanta, leis an t-ainm obrachaidh Rain Stories.
Thèid Rain Stories a cho-riochdachadh leis a’ chompanaidh riochdachaidh MacTV a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh agus Below the Radar à Beul Feirste, le obair riochdachaidh as t-Earrach 2020 agus dùil a chraoladh air BBC ALBA ann an 2021.
Tha seo a’ dearbhadh ro-innleachd MG ALBA gus com-pàirtichean co-riochdachaidh eadar-nàiseanta a leasachadh airson susbaint ùr, àrd-amasach a thoirt do BhBC ALBA.
Tha an ro-innleachd seo air a bhith soirbheachail. Fhuair prògram co-riochdaichte An Làn / Tide a’ chiad duais a-riamh a fhuair BBC ALBA ann an Sìona, le duais Silver Dragon aig an China International Conference of Science and Education Producers (CICSEP) san Dàmhair.
Chaidh an t-sreath, a bha air BBC ALBA na bu thràithe am-bliadhna, a dhèanamh ann am com-pàirteachas le S4C, TG4, BBC NI, LiC China, Skyvision agus MG ALBA agus chaidh a chlàradh le na companaidhean riochdachaidh MacTV agus Cwmni Da thairis air an Roinn Eòrpa, Canada agus Sìona a bharrachd air Alba, Èirinn, Èirinn a Tuath agus a’ Chuimrigh.
Fhuair pròiseact eadar-nàiseanta eile bho hBBC ALBA, Cumhachd a’ Yoik, duais prògram aithriseach aig duaisean Nordische Filmtage ann an Lübeck, sa Ghearmailt. Chaidh a riochdachadh le TrixPix Media à Uibhist a Deas agus tha an dreach eadar-nàiseanta a-nis air a bhith air a shealltainn air feadh an t-saoghail.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail MG ALBA:
“Tha co-riochdachadh eadar-nàiseanta deatamach airson BBC ALBA agus le susbaint bho choimhearsnachdan Gàidhlig ri taobh sgeulachdan à Sìona, Canada agus an Roinn Eòrpa tha sin a’ dearbhadh cho uile-choitcheann ’s a tha an craoladh againn. Tha aontaidhean mar seo a’ toirt a-steach in-ionmhais mòr gu BBC ALBA, an dà chuid a thaobh prògraman ach cuideachadh airson companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach san roinn againn.”
Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachaidh MacTV:
“Tha sinne cho toilichte gun deach An Làn / Tide aithneachadh mar seo le duais eadar-nàiseanta. Seo aon de iomadh co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta a tha air a bhith againn sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, agus tha sinn air a’ chothrom a ghabhail ceanglaichean a leasachadh le companaidhean riochdachaidh àrd-amasach eile ann an Èirinn a Tuath, sa Chuimrigh, Èirinn, Canada agus Innis-Tìle.
“Mar sgeulaichean, tha sinn a’ cruthachadh phrògraman a tha tuigseach air feadh an t-saoghail agus tha e cudromach le taic bho MG ALBA gu bheil coimeas againn na sgeulachdan a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.”
Thuirt am filmeadair Beatrix Wood:
“Tha a bhith ag innse sgeulachd a bhios cumhachdach airson an dà chuid an luchd-amhairc ionadail agus eadar-nàiseanta aig cridhe obair TrixPixMedia. Le diofar tionndaidhean de “Power of Yoik” bha e comasach an luchd-amhairc Gàidhlig agus an luchd-amhairc air feadh an t-saoghail a ruighinn. Thèid am film a sgrionadh aig an Anchorage International Film Festival ann an Alasga san Dùbhlachd.”