Tha prògram ùr air BBC ALBA a’ cuimhneachadh air beatha Chailein Mhicleòid a bha aithnichte mar neach-glèidhteachais a chuir iomadh bliadhna seachad a’ strì gus aire dhaoine a thogail gu maith na h-àrainneachd tro na 90an.
Aig an àm sna 90an, cha robh guth air leithid Greta Thunberg ach bha Cailean aig muinntir Ghlaschu.
Chaidh a thogail ann am Pollok, sgìre far an robh trioblaidean aig mòran ri linn deoch agus drugaichean. Fear de Ghàidheil Ghlaschu, chleachd e freumhan a dhualchais airson Stàite neo-eisimeileach Pollok a stèidheachadh agus guth a thoirt do mhuinntir na sgìre.
Anns a’ phrògram, chithear deilbh agus criomagan bhidio nach fhacas roimhe a thug Gehan, bean Chailein, agus a dhlùth charaidean seachad.
Tha sgeulachd Chailein a’ tòiseachadh tràth sna 90an nuair a chuir e naoi latha seachad shuas ann an craobh air Oighreachd Pollok ag iomairt an aghaidh leudachadh mòr rathad an M77 tron phàirce.
Chaidh a’ phàirce a thoirt do mhuinntir baile Ghlaschu mar ghibht agus bha Cailean gu mòr den bheachd gur ann le na daoine a bha an àrainneachd phrìseil a bha seo.
Le uallach gu robhas dol a chall àite a bha leotha fhèin, chaidh cuid de chlann-sgoile na sgìre a-mach air stailc, chuir luchd-iomairt bacadh air rathaidean agus bha na mìltean a’ caismeachd tro shràidean baile Ghlaschu gus seasamh an aghaidh na bha a’ tachairt.
A’ bruidhinn mu Chailein, thuirt a dheagh charaid Alastair MacIntosh gur e ceann-cinnidh a bh’ ann, gun cheist, agus gun bhris e a chridhe a’ strì gus sgìrean a’ bhaile a thoirt a-mach à bochdainn.
Cluinnear cuideachd anns a’ phrògram bho athair Chailein, Donnie, caraidean mar Babs NicGhriogair, a bhean Gehan, a charaid am fear-glèidhteachais Alasdair MacIntosh, Rosie Kane McGarvey a bha uair na BPA agus Darren McGarvey a sgrìobh an leabhar a choisinn Duais Orwell, “Poverty Safari”.
A’ bruidhinn mu Chailein anns a’ phrògram, thuirt Darren McGarvey gur e duine a bh’ ann a bha tarraingeach agus gur e fìor cheannard a bh’ ann.
Aig a’ cheann thall, chaidh mòr rathad an M77 a leudachadh ach lean Cailean air ag obair agus a’ strì às leth muinntir Ghlaschu, agus a’ stèidheachadh GalGael.
Nuair a bhàsaich Cailean ann an 2005 aig aois 39, bha sràidean Bhaile Ghobhainn nan tàmh le 600 duine a’ fàgail na h-eaglaise agus a’ coiseachd tron sgìre.
Thuirt riochdaire agus stiùiriche a’ phrògram, Nina Torrance gun robh tòrr de na bha a’ tachairt san latha th’ ann ri fhaicinn san obair ionmholta a rinn Cailean bho chionn faisg air trichead bliadhna.
Chithear The Birdman of Pollok / Curaidh na Coille air BBC ALBA Diluain 30 Dùbhlachd aig 9f agus air BBC iPlayer.