Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tha Anne NicAilpein a’ faighinn a-mach mu chumhachd na mònadh ann an sreath aithriseach ùr BBC ALBA

11 Sultain 2023

Bho mhòintichean Chanada, gu raointean mònach farsaing na Fionnlainne agus boglaichean àlainn na dùthcha – bidh Anne NicAilpein gar toirt air turas a’ rannsachadh mòintichean iongantach air feadh an t-saoghail.

Tha an t-sreath aithriseach àlainn seo gar toirt gu boglaichean bho Linn an Iarainn, siostaman uisge iongantach, àirighean a thog coimhearsnachdan air a’ mhonadh, agus boglaichean a tha a’ còmhdach ballachan cloiche nas sine na Na Pioramaidean.

Tha Anne cuideachd a’ faighinn a-mach mar a tha mòintichean, a tha a’ còmhdach dìreach 3% den phlanaid ach a tha a’ cumail barrachd carboin na tha na coilltean uile còmhla, nan caraidean chudromach san t-sabaid an aghaidh atharrachadh na ghnàth-shìde. Ach airson ar mòintichean a chumail bho bhith a’ leigeil a-mach a h-uile carboin a th’ aca, feumaidh sinn coimhead às an dèidh.

Ann am prògram a h-aon, Life on the Bog, tha Anne a’ faighinn a-mach dè tha beò air a’ mhòinteach: bho dhaimh a’ dàireach mun cuairt nam mòintichean anns na Hearadh, gu planntaichean a bhios ag ithe loisgein ann an Canada agus an dìleab a th’ aig obair na mònach san Òlaind.

Air Eilean a h-àraich, Leòdhas, bidh Anna a’ tighinn còmhla ri Dànaidh MacAoidh a tha às an sgìre, a bhios ag ullachadh cruach-mhònach, gus ionnsachadh mu mar a tha cleachdadh na mòine air sgèile bheag air dachaighean a theasachadh sa Ghàidhealtachd agus nas fhaide air falbh.

Bidh sinn cuideachd a’ cluinntinn bho fhear a tha ag obair air mòine ann am Fionnlainn, far a bheil amannan ag atharrachadh am measg draghan àrainneachdail, gus ionnsachadh mu bhith a’ cleachdadh mòine air sgèile malairteach.

Tha Our Peaty Past, prògram a dhà, a’ toirt sùil air amannan nuair a tha mòine air leth cudromach. Tha sgeulachdan iongantach a’ toirt sùil air cleachdadh còinneach boglach airson dreasaichean meidigeach sa Chiad Chogadh ri linn oidhirp shaor-thoileach, a thòisich aig Gàrradh Lusan Rìoghail Dhùn Èideann an toiseach.

Bidh Anne a’ coinneachadh ri Àrd-ollamh Eachdraidh Còmhstri agus Arc-eòlas, Tony Pollard, à Oilthigh Ghlaschu, a tha air a bhith a’ rannsachadh iomadh blàr a bha ann an Alba. Tha e ag innse mu àite na mònach ann am blàran Raibeart Brus.


Linnean boglaich ann an Dùthaich nan Sruth, ceann a tuath na h-Alba, far a bheil luchd- saidheans a’ cumail sùil air slàinte a’ bhoglaich as motha san Roinn Eòrpa.

A’ bruidhinn mu bhlàr Cnoc Loudoun, thuirt e: “Is e an rud a bhiodh Raibeart Brus a’ dèanamh ’s e a’ tighinn gu achadh nam blàr tràth, agus gun obraicheadh ​​e a-mach ciamar a b’ urrainn dha an talamh a thionndadh gu buannachd dha.

“Chan urrainn do na h-eich a bhith ag obair thairis air na boglaichean sin. Gus an àite a chuingealachadh eadhon nas motha, chladhaich Raibeart Brus agus an armailt aige trì dìgean, a’ cruthachadh dhùmhlachdan.

“Cha b’ urrainn ach 500 de dh’arm Shasainn a dhol troimhe aig aon àm. Aig an àm sin, bhiodh arm Albannach Raibeart Brus, le an sleaghan, a’ tighinn a-steach agus gan gearradh ann am pìosan.”

Bidh Anne cuideachd a’ tadhal air Fort is Taigh-tasgaidh Ròmanach Vindolanda, far a bheil ulaidhean, nam measg miotagan bogsaidh a tha air fhàgail bho Ìmpireachd na Ròimhe, air an gleidheadh ​​​​anns a’ mhòine.

Tha am prògram mu dheireadh den t-sreath trì-phàirteach, The Power of Peat, a’ toirt sùil air an t-suidheachadh nuair a tha mòine air a buaireadh, agus tha Anne a’ leantainn air a turas tron ​​Òlaind, a’ tadhal air baile-mòr a chaidh a thogail air ùirean bog mònach a tha a’ dol fodha gu slaodach.

Air ais dhachaigh anns na h-Eileanan, tha Anne a’ faighinn a-mach mar a tha na mòintichean a’ brosnachadh an neach-ealain Màiri NicGillIòsa agus còmhlan ionadail fèillmhor Peat & Diesel.

Tron t-sreath, tha Anne a’ lorg tòrr rudan iongantach:

“Ann an Alba, tha mòine air cùl cuid de na fàilidhean, blasadan agus seallaidhean as ainmeile a tha againn,” thuirt i.

“A’ fàs suas anns na h-Eileanan an Iar, bha àite cudromach aig mòine ann am beatha na coimhearsnachd. Bidh cuimhneachain aig mòran eileanaich air na samhraidhean a chuir iad seachad a’ buain na mònach le teaghlach, caraidean is nàbaidhean agus aithnichidh iad fàileadh tarraingeach teine ​​​​mònach a’ cumail thaighean blàth tron ​​gheamhradh.

“Dh’fhosgail an t-sreath seo mo shùilean dha-rìribh air cho cudromach ’s a tha e ar mòintichean a chumail fallain. Bho bhith a’ gleidheadh ​​stuthan Ròmanach gu bhith air leth cudromach ann a bhith a’ stòradh carboin, tha e air a bhith inntinneach a bhith ag ionnsachadh mu chumhachd na mòine iriosal ann a bhith a’ cur an aghaidh atharrachadh clìomaid.”

Tòisichidh an t-sreath Secrets in the Peat air BBC ALBA Diciadain 20 Sultain aig 9f. Bidh na trì prògraman rim faighinn air BBC iPlayer airson 30 latha bho 20 Sultain.