Chaidh MG ALBA a-rithist ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean, a rèir fear de phrìomh irisean a’ ghnìomhachais.
Airson a’ chòigeamh bliadhna co-leantaileach, tha Broadcast Magazine air a’ phrìomh chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA ainmeachadh mar aon de na 30 àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.
Le dealas a bhith ag aithneachadh an luchd-fastaidh as fheàrr ann an TBh, tha Broadcast a’ measadh chompanaidhean air gach rud bho cheannardas agus planadh gu cultar corporra, àrainneachd obrach, trèanadh agus tuarastal.
Tha MG ALBA air nochdadh air an liosta gach bliadhna bho thòisich e ann an 2016 – a’ co-roinn an urraim sin le dìreach dà chompanaidh eile à Lunnainn – Shine TV agus Dragonfly TV.
Stèidhichte mar cheannard ghnìomhachais, tha am buidheann craolaidh a’ fastadh cha mhòr 40 neach-obrach thar làraich ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu.
Aithnichte gu sònraichte mar chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA, tha am buidheann cuideachd na phrìomh chom-pàiritiche air LearnGaelic, goireas ioma-chùimseach air-loidhne airson a‘ chànain, agus airson FilmG, farpais fhilmichean goirid Gàidhlig a bhios a’ ruith gach bliadhna.
Tha an geàrr-liosta air a chruthachadh tro rannsachadh neo-eisimeileach air a dhèanamh leis an iris, le ceannardan agus luchd-obrach bho chompanaidhean air feadh na RA air iarraidh na beachdan aca a thoirt seachad mun bhuidheann agus an cultar obrach aca fhèin.
Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:
“Tha MG ALBA a-rithist aithnichte mar shamhla de dheagh mhodh-obrach ann an gnìomhachas nam meadhanan an dà chuid ann an Alba agus san RA gu lèir. Tha ar dealas ri slàinte is sunnd ar luchd-obrach agus dha ar luchd-amhairc agus dhan choimhearsnachdan a‘ cruthachadh faireachdainn làidir de chòmhlachas agus cultar a tha a‘ brosnachadh cruthachalachd agus tàlant.
“Tha na meadhanan Gàidhlig a‘ toirt buaidh mhòr eaconomach gu sònraichte air a‘ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus a‘ cruthachadh gu obrachaidhean a tha sàr-amasach. Tha mi cho moiteil gu bheil MG ALBA a-rithist ainmichte mar fhear de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean agus leanaidh sinn le ar saothair gus in-ionmhas a chosnadh airson nam meadhanan Gàidhlig agus airson ar luchd-amais a fhrithealadh.”